Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 218)
‘S e so dà-rìreachd, am peacadh mòr, agus am peacadh a dh’fheumas tì ann an dòigh shònraichte bhi mothachail air, ma bhios tì gu bràth air t-aonadh ri Criosd. An uibhir so tha Criosd fein ag innse dhùinn anns an àite aithnichte sin, Eoin xvi. 8, 9. “Bheir e,” tha E’g ràdh, ann a bhi labhairt mu’n Spiorad a gheall E a chur, “dearbh-shoilleireachd mu pheacadh do bhrigh nach eil iad a creidsinn annam-sa.” ‘S e eas-creidimh, uime sin, am peacadh mòr mu’m bheil an Spiorad a toirt dearbh-shoilleireachd. Agus ciod e eas-creidimh, ach a bhì deanamh dimeas agus a diùltadh Chriosd, agus tairgseachain a ghràidh air an deanamh dhùinn anns an t-soisgeul? Bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghal mu pheacadh, do bhrigh nach eil iad a creidsinn annam-sa, ‘s e sin, bheir e dearbh-shoilleireachd mu’n pheacadh mhòr sin an t-eas-creidimh (mar a tha daoine foghlumaichte dhà mhìneachadh) mar gu’n abradh Criosd, Bheir e do dhaoine a bhì faicinn nàdur dubh agus an-tromaichte am peacaidh ann a bhì dhà m’ dhiùltadh-sa agus mo ghràdh; ioraslaichidh iad air a shon, agus cuiridh E iad gu bhì silleadh dheur thairis air. Am peacadh so a bhì diùltadh Chriosd tha cuid dhe na sgoileirean ag ainmeachadh am peacadh is mothà de na h-uile; agus dà-rìreachd, ach a mhàin am peacadh air son nach eil maitheanas, ciod is mothà? ‘S e so am peacadh is diricheadh agus is dlùithe an aghaidh Chriosd agus an t-soisgeil. O air son peacadh salach, truagh, a bhì dùnadh dorus anama an aghaidh Chriosd, Righ na Glòire, agus a bhì diùltadh aoidheachd Dhà, a bhì diùltadh agus a bhì deanamh dimeas air a thaig seachan lionmhor air Fein agus air a ghràdh; cia cho mòr ‘s a dh’fheumas am peacadh so bhì! Agus anam, gus a bhì toirt dearbh-shoilleireachd nì’s fearr air, thà mì toirt fodh da chomhair nithean araidh a chùm an toirt fa’n ear, a cumail fodh ‘d chomhair beagan dhe olcas dubh agus gràineil.
1. Thoir fa’n ear gu’m bheil a bhì deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd agus a ghrádh, ‘n a pheacadh an aghaidh áithne shònraicht agus mór, agus, uime sin, ‘n a pheacadh mór agus anabarrach.
Mar is mothá agus is eudthromaiche an áithne tha sinn a briseadh agus a peacachadh na h-aghaidh, is ann is mothá ar peacadh agus ar cionta ann a bhi briseadh na h-áithne sin. Nis, cha’n ann a mháinn ann a bhi toirt dhúinn áithne a bhi gabhail agus a dlúth-ghabhail ri Chriosd agus r’a ghrádh, ach tha’n áithne so Aige ‘n a h-áithne mhór, shoilleir, agus shònraichte; mar sin tha Eoin ag innse dhúinn, “Agus is i so áithne-san, gu’n creideadh-mid ann an ainm a Mhic Iosa Criosd, agus gu’n grádhaicheamaid a cheile, mar a thug esan áithne dhúinn.” I. Eoin iii. 23. Ciod e h-ann a bhi creidsinn ann an ainm Iosa Chriosd ach a bhi gabhail Ris agus a socrachadh Air dha thaigse Fein dhúinn anns an t-soisgeul, agus a bhi beo Air, air dhúinn a ghabhail mar so? Nis, a deir E, Is e so áithne-san, áithne mhór, áithne shònraichte, ann an rathad soilleir agus árd, agus tha Chriosd Fein a cur an ceill a’ ní ceudna. Eoin vi. 28, 29. Ann an rann 28, tha iad a feorach Dhéth, “Ciod a ní sinn, chúm ‘us gu’n oibrich sinn oibre Dhé.” ‘S e fhreagairt ann an rann 29, “Is i so obair Dhé, gu’n creid sibh anns an ti a chuir e uaith.” ‘S e sin gu’n dlúth-ghabh sibh rium, agus gu’m bheil sibh beo orm, le bhi creidsinn Annam: is e so oibríbh Dhé, an obair mhór a tha E’g áithne dhuibh agus a tha súil Aige ris bh’uaibh. Cha’n eil creidimh, mar a tha Calvin a toirt fa’n ear, air an áithne so, air ainmeachadh, ‘n a obair Dhé, do-bhrigh ‘s gu’m bheil e air oibreachadh le Dia (mar a th’agaibh an áite eile) na ní a tha Dia ag oibreachadh annain; ach do-bhrigh ‘s gur e a’ ní mór sin a tha E’g áithne agus ag iarruidh bh’uainn. ‘S e th’ann a bhi deanamh dímeas agus a diúltadh Chriosd, uime sin, ach peacadh an aghaidh áithne mhór agus shònraichte, dà-ríreadh an aghaidh áithne mhór an t-soisgeil; agus, uime sin, feumaidh e bhi ‘n a pheacadh mór agus an-tromaichte. Air mhodh sònraichte.
I. ‘S e th’ann a bhi deanamh dímeas agus a bhi diúltadh Chriosd agus a ghrádh, ach peacadh an aghaidh áithne shoilleir agus shònraichte bho Dhia, áithne anns am bheil ùghdarras Dhé gu sònraichte agus gu soilleir a dealradh a mach.
Tha’n uibhir so air a chumail fa’r comhair anns an áite a dh’ainmicheadh a mach a cheana, I. Eoin iii. 23. “Is i so áithne-san,” tha e’g rádh, a labháirt mu áithne a chreidimh, áithne shònraichte-san, áithne anns am bheil ùghdarras-san gu soilleir agus gu sònraichte air fhaicinn; tha ùghdarras Dhé a dealradh a mach ‘n a àitheantan uile, ach gu sònraichte anns an aon so os ceann chàich. Uime sin, tha sibh a faicinn gu’m bheil eudthrom mór air a chur air an aon so: “Is i so áithne-san.” Nis, mar is soilleir agus is sònraichte a tha ùghdarras Dhé a dealradh a mach ann an áithne air bith, is ann is mothá ar peacadh agus ar cionta ann a bhi briseadh na h-áithne sin.
2. Tha bhì deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd agus a ghràdh, an aghaidh àithne air am bheil cridhe Dhé agus Chriosd gu mòr air an socrachadh, agus, uime sin, ‘n a pheacadh mòr.
Is riaghailte fhirinneach so, mar is mothà tha inninn agus cridhe an fhear-tabhairt lagha air lagh na àithne air bith, ‘s ann is mothà ar peachadh agus ar cionta ann briseadh an lagh agus na h-àithne sin. A nis, is e àithne Dhé dhuinn gabhail ri Criosd tre chreidimh, agus is àithne a th’innne anns am bheil a chridhe Fein, cho math ri cridhe Chriosd, air a shocrachadh. Gu cinnteach cha’n eil nì anns an t-saoghail uile a tha cridhe Dhé agus Chriosd air nì’s mothà air a shocrachadh air, na nì’s mothà tha ion-mhiannaichte na so — na gun gabhadh anamaibh Ris tre chreidimh, agus gu’n tigeadh iad gu bhì’n an aon Ris ann an cùmhnanta pòsaidh. Gabh beachd air cho saor ‘s a ‘n taigseachan, cho tric ‘s a ‘n gairmean, cho liosda ‘s a tha’n tagraidhean, cho foghaideanach ‘s tha’m feitheamh, cho gràdhach ‘s a tha’n asluchaidhean, cho càirdeil ‘s a tha’n cronachadh, cho duilich ‘s a tha’n tuiridhean, cho milis ‘s ‘s a tha’n tàlaidhean, cho neo-sgìthichte ‘s tha’n tarruig, agus cho gràsmhor deiligidhean a thaobh na nithean sin. Ach chunnaic sibh mu thràth cia cho mòr ‘s a tha cridhe Chriosd, agus Ann-san cridhe an Athar, anns a ghnothuch so. A nis, a bhì briseadh a leithid sin a dh’àithne, àithne anns am bheil cridhe Dhé agus Chriosd cho mòr a luidhe, agus ruith calg-dhìreach an aghaidh a’ nì sin a tha iad cho mòr a miannachadh; oh ciod e’m peacadh a dh’fheumas a bhì ann an so!
(R’a Ieantuinn.)