Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1970 » January 1970 » Posadh an Anama ri Criosd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuuinn bho t.d. 243)

Posadh an Anama ri Criosd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuuinn bho t.d. 243)

  1. ‘S e th’ann a bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Criosd, ach peachadh an aghaidh àithne anns am bheil uile àitheantan Dhé air an gabhail a stigh; mar sin ann am briseadh an aon so, tha sinn a briseadh a h-uile àithne; agus o cia cho mór ‘s dh’fheumas am peachadh so a bhi! Tha bhi gabhail ri Criosd a gabhail a stigh ann a h-uile nì a tha Dia ag àithne agus ag iarraidh oirne. Is e so àithne-san air a leithid de dhòigh agus a bhi toirt ùmhlachd dhith, tha sinn a toirt ùmhlachd Dha àitheantan uile; agus ann a bhi toirt eas-ùmhlachd dhith gu’m bheil sinn a toirt eas-ùmhlachd dhoibh uile: agus mar sin tha E dha mheas. Tha so soilleir bho Eoin vi. 28, 29. “Ciod a nì sinn,” tha iad ag ràdh, “chùm as gu’n oibrich sinn oibre Dhé?” Tha Criosd ag ràdh, “Is i so oibre Dhé, gu’n creid sibh anns an tì a chuir e uaith.” Thugaibh fa’n ear, tha iad a labhairt mu “oibríbh” mur mu mhòran: bu mhaith leo fios a bhi aca ciod iad na h-oibríbh so uile a bha Dia ag iarruidh, agus ciod e farsuinneachd agus leud no h-àithne, agus tha Criosd ‘n a fhreagairt, dha’n toirt uile gu aon, agus ‘s e sin creidimh, leis am bheil E nochdadh, mar a tha’n a h-uile nì diamhain as eugmhais creidimh, mar sin ‘s e creidimh na h-uile nì a tha Dia ag iarruidh. ” ‘S e oibríbh Dhé,” tha E’g ràdh; mar gu’n abradh E, So e uile ann an aon; a bhi annam-sa agus a gahhail rium, tha sin a gabhail a stigh na h-uile. Agus a reir sin, a luchd mo ghràidh, ‘s e th’ann a bhi diúltadh a thròcair agus a ghràidh, a bhi briseadh na h-uile a dh’aon bheum, agus a bhi treigsinn na h-uile còmhnadh; ‘s e th’ann a bhi deanamh ceannairc an aghaidh, agus a dòrtadh tarcuis air uile inntinn agus toil Dhé còmhladh, agus an an suspainn a bhi diúltadh gach dleasdanas agus ùmhlachd Dhá. Freagarach dha so tha nì a labhair duine ionnsuichte air an carrann sin, Eoin xvi. 8, 9. “Tha Criosd ann an so,” tha e’g ràdh, “a gairm eas-creidhimh na pheacadh a muigh ‘s a mach do-bhr/gh gu’m bheil am sin a gabhad a stigh am gach uile pheacadh. Oh cia mor am peacadh uime sin a dh’fheumas a bhi ann an so!

  2. Tha bhi deanamh dimeas Air agus a bhi diúltadh Chriosd na pheacadh an aghaidh àithne anns am bheil mòran gràidh. Tha gràdh ann an uile àitheantan Dhé; tha iad air an deilbh Leis air son ar maith, mar a tha’n a Sgriobturan ag innse dhuinn; ach gu h-àraidh an àithne so Aige, gu’n gabhadh-mid agus gu’n greimicheadh-mid r’a Mhac. Oir ciod a tha ‘s an àithne so ach àithne dhuinn a bhi air ‘ur tearnadh, àithne dhuinn a bhi sona? Ciod a tha’n so, ach àithne dhuinn a bhi beo gu bràth, agus a bhi gu siorruidh air ar beannachadh gu bràth Ann agus Leis Fein? Agus oh! cia mòr am peacadh a dh’fheumas a bhi ann am briseadh a leithid sin a dh’àithne! An d’àithne Dia dhuinn nì cruaidh agus duilich, nì a bhodh ag oibreachadh a chùm ar cron, agus cha’n ann a chùm ar maith, bu nì air choireigin sin; ach ‘n uair a tha E’g àithne dhuinn nì a bhiadh a chùm ar sonais, agus a bhi sona anns an dòigh is fearr, o cia mòr am peacadh a dh’fheumas a bhi ann a bhi briseadh a leithid sin a dh’àithne!

  3. Thugaibh fa’n ear, is e peacadh mòr a th’ann a bhi deanamh dimeas agus a bhi dirltadh Chriosd, n a tha ann an dòigh shònraichte a toirt eas-urram Dhà, agus a dòrtadh tarcuis Air, agus uime sin tha e’n a pheacadh mòr. Mar is moth a an tarcuis a tha peacadh air bith a dòrtadh air Chriosd, is ann is moth a am peacadh sin. Nis, ciod e’m peacadh is moth a tha toirt eas-urram do Chriosd, na a dòrtadh an tarcuis is moth a Air, na bhi deanamh dimeas Air agus dha dhiúltadh ‘n uair a tha E dha thairgse Fein, a deanamh? ‘S e so am peacadh a tha toirt a chrùin bha’r ceann Chriosd, agus dha thilgeadh anns an duslach. Tha e, anns gach dòigh, agus anns a h-uile seadh, a tilgeadh tarcuis mhòr Air.

(1) Tha’m peacadh so a masluchadh agus a tilgeadh tarcuis air Pearsa Chriosd. The Pearsa Chriosd gu neo-chriochnach maiseach, agus a reir sin, feumaidh a bhi masluchadh agus a bhi deanamh tarcuis air a Phearsa, a bhi’n a pheacadh mòr, agus a bhi tarruing cionta mòr; agus tha bhi dha dhiúltadh a deanamh so; nì a tha air ainmeachadh mar a bhi a saltairt fodh’n a casan Mac Dhé, nì a tha dearbhaidh an tarcuis is moth a is urrain a bhi air a smuainteachadh, Eabh. x, 29. Tha h-uile diúltadh air Chriosd a giùlain na cainte sin ann: “Cha’n eil sgeimh na grinneas aige, gu’n amhairceamaid air; ni moth a tha maise aige, gu’n iarramaid e.” Isaiah lii, 2. Tha e’n a chuspar anns nach eil luach air bith, na nì air son a’ miannaicheadh sinn E. O ciod e’n tarcuis a tha’n so a bhi air a thilgeadh air Chriosd! Agus cia cho mòr ‘s tha e toirt eas-urram Dhà!!

(2) Tha’m peacadh so a deanamh tarcuis agus a dòrtadh tàmailt air obair, dreuchd, agus gabhail os laimh Chriosd mar Eadar-mheadhonair, air gach nì a rinn agus a dh’fhuling E; le uile shaoibhreas a ghràis agus a ghràidh a bha air fhoillseachadh annta. Do bhrigh sin tha e air ainmeachadh, mar a bhi saltairt Mhic Dhé fodh’r casan, mar a bhi meas fhuil mar nì cumanta agus mì-naomh, nì gu’n luach, gu’n fheum, gu’n bhrigh, gu’n oirdheirceas, Eabh. x, 29. Is nì mòr, a mhuiintir mo ghràidh, a bhi ann an obair agus gabhail os laimh Chriosd, mar ar ‘n eadar-mheadhonair; agus ‘s mòr a bha na nithean araon a rinn E agus a dh’fhuiling E ann a bhi croichnachadh agus a gabhail os laimh na h-obair sin; is mòr, mar an ceudna, a bha a ghràs agus a ghràdh dhuinn uile, agus a reir sin, feumaidh gur mòr ar peacadh agus ar cionta, ann a bhi dòrtadh tarcuis Air, nì a tha sinn a deanamh le bhi dha dhiùltadh. Le so tha sinn a dòrtadh tarcuis air a ghniomharan uile, agus a dhreuchdan uile, mar Eadar-mheadhonair, air uile eufachdan, agus na h-uile nì a choisinn E, air uile ghràs agus a ghràdh ann a bhi dòrtadh fìuala agus a bàsachadh air an son. Tha sinn le so ag ràdh nach eil aon chuid Chriosd na nì air bith a cheannaich E, airidh air gabhail Ris na greim a dheanamh Air. Gu’m b’fhearr leinn nach d’fhuair E bàs riamh, nach d’thàinig E riamh gu bhi ‘n a Eadar-mheadhonair eadar Dia agus sinne, gu’n do chùm E fhuil aige Fein, agus cha d’thoir sinn taing Dhà air son a dòrtadh; nach eil feum againn air-san na nì air bith a bhuiinneas Dhà. Le so tha sinn ag ràdh, ann an suspainn, nach eil anns an t-soisgeul uile ach mealladh, breug, agus faonais; Gur e Maighsteir cruaidh a th’ann an Chriosd, agus gu’m bheil E riaghladh gu geur-theann; gu’m bheil slàinte ‘n a nì air bheag luach, agus mar sin air adhart. O ciod e’n tarcuis gràineil a tha’n so air Chriosd!

Tha’m peacadh so gu soilleir a deanamh roghainn do ana-miann bochd, iosal, salach, air thoiseach air Chriosd agus uile shaoibhreasan agus ionmhasan. Agus oh! ciod e’n tarcuis Air a tha’n so! Ca’r son a tha daoine a diùltadh Chriosd agus taigseachan a ghràidh? Is cinnteach gur ann air sgàth, agus air son gràidh do ana-miann air choireiginn, aon, ana-miann na feola, ana-miann na sùla, na uamhar na beatha; agus ma’s ann air son sin, an sin le bhi dha dhiùltadh, tha iad da-rìreadh a roghnachadh an ana-miann sin air thoiseach Air, agus uile ionmhasan a ghràis agus a ghràidh. Agus mar sin da-rìreadh chì thò ann a’Mata xxii, 1-7, mar a tha e mar an ceudna ann an Lùcas xiv, 18-29, far am bheil Chriosd dha thairgse Fein maille ri uile ionmhasan do pheacaich bhochd, a tha fathasd a cur an suarachas agus a diùltadh arson E san agus a mhaitheasan. Agus c’ar son? tha fearann aig aon, tha malairt aig aon eile; agus aig na h-uile tha cùraman feolmhor r’a chuimhneachadh. ‘S e suim na h-uile, tha ana-miann aca r’a shàsuchadh; agus uime sin feumaidh Chriosd agus uile ionmhasan a ghràidh a bhi air an diùltadh. Le bhi diùltadh Chriosd, tha sinn cho maith ri bhi’g ràdh, gu’m bheil barrachd maith, barrachd millseachd, barrachd sonais ann an ana-miann, ann am beagan sólaís agus buannachd fheolmhor shaoghalta na tha ann an Criosd agus na h-uile nì is Leis.

(R’a leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice