Leis an Urr. Eidard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 277)
Le so tha sinn, ann an suspaignn, ag ràdh, gu’m bheil daoine air a’ mealladh ann an Criosd, gu’m bheil focal Dhé a toirt fianuis bhreige mu thimchioll, nach eil E’n a Shlànughear cho mòr. agus nach eil a shlàinte cho mòr, ‘s a tha iad air an cumail a mach a bhi. Oh ciod e’n tàmailt a tha’n so a tha air a thilgeadh air Criosd! Mar is aithne dhuibh tha e air a ràdh mu Esau gu’n d’rinn e dìmeas air a chòir-bhreith. Agus cia mar? le bhi roghnachadh tràth de pheasair na greim bidh a roghainn air, Gen. xxi. 34. Ach oh cia mòr is mothá tha sinne a deanamh dìmeas air Criosd agus a ghràdh, le bhi deanamh roghainn de ana-miann iosal, salach, air thoiseach orra le cheile! ‘S cinnteach nach gabh dìmeas is mothá na so air Criosd a bhi air fhaotainn. Agus cia mòr, uime sin, a dh’fheumas peacadh diùltaidh air Criosd a bhi, agus cia mór a bu chòr dha so toirt oirne crioth-nachadh.
- Thugaibh fa’n ear, gur e th’ann a bhi deanamh dìmeas Air agus a bhi diùltadh Chriosd ach peacadh, a tha ann an dòigh ro-fhoillaiseach a dorchachadh agus a cur an aghaidh glòir Dhé, agus a tilgeadh an eas-urram is àirde Air na peacadh air bith eile; agus uime sin ‘n a pheacadh mòr. Mar is mothá tha peacadh air bith a dorchachadh agus a seasamh a mach an aghaidh glòir Dhé, is ann is mothá tha cionta a pheacaidh sin. Oir, an toiseach, mar is mothá tha peacadh air bith a seasamh a mach an aghaidh glòir Dhé, agus a tilgeadh eas-urram Air, is ann is mothá tha e calg-dhireach an aghaidh a mhaith is àirde; agus mar is mothá tha peacadh air bith an aghaidh a mhaith is àirde feumaidh gu’r ann is mothá tha’n cionta. Agus, anns an dara h-àite, mar is mothá tha peacadh air bith an aghaidh glòir Dhé agus a tilgeadh eas-urran Air, is ann is mothá a tha e bacadh agus a seasamh a mach an aghaidh crioch is àirde an duine: agus mar is mothá tha peacadh air bith a bacadh agus a seasamh a mach an aghaidh crioch is àirde an duine is ann is mothá tha cionta a pheacaidh sin.
Nis ‘s e bhi deanamh dìmeas Air agus a diùltadh Chriosd nì a tha ‘s an t-seadh is àirde a dol an aghaidh glòir Dhé, agus a tilgeadh eas-urran Air; tha bhi gabhail Ris agus a toirt uidheachd do Criosd a cur urram air an Athair. Gu dearbh tha gach uile ghniomh creidimh a cur urram air Dia (Rom. iv. 20), agus gu h-àraidh an gniomh mòr agus bunaitheach so a chreidimh, ann a bhi gabhail ri Criosd. Mar so, air an laimh eile, tha bhi deanamh tàir agus a diùltadh Chriosd na nì a tha tilgeadh eas-urram air Dia, agus a tilgeadh a ghloir anns an duslaich; agus bh’uaithne so tha e gu’m bheil am peacadh so cho mòr dha bhrosnachadh, mar a tha e anns na Sgriobtuirean, air mhodh sonraichte. Ann an so tha e gabhail dà nì a stigh.
(1) ‘S e ‘m peacadh so a bhi diùltadh Chriosd an nì a tha deanamh tarcuis agus a meas suarach uile òirdheirceasan glòrìmhor agus iomlanachdan Dhé uile gu leir; agus mar sin nach urrain ach a bhi tilgeadh eas-urran Air, agus a’nì a tha calg-dhireach an aghaidh na glòir a tha ann an Criosd. A mhuinntir mo ghràidh, Ann-san tha uile òirdheirceasan agus iomlanachdan glòrmhor Dhé gu sònraichte air am foillseachadh agus air an sgaoladh a mach: Ann-san tha uile chomhairlean glòrmhor a ghràis agus a ghràidh a coinneachadh, agus ann a bhi dha dhiùltadh tha sinn a deanamh dìmeas agus a tilgeadh tarcuis air na h-uile. Ann-san tha a ghràdh gu soilleir a dealradh a mach, agus tha a lànachd a gabhail tàmh, I. Eoin iv. 9, 10. Ann-san tha ceartas, fireantachd, agus naomhachd, gu soilleir air am foillseachadh agus air an sgaoladh a mach (Rom. iii. 25, 26). Ann-san tha a ghliocas, seadh a ghliocas do-rannsaichte, ga nochdadh agus ga fhoillseachadh fein. Ann am focal, tha Dia slàn air fhoillseachadh agus air a sgaoladh a mach, agus mar an ceudna air a thairgse do ghlacabh ar creidimh agus ar gràidh. Anns na h-uile taigse air Criosd a tha air a dheanamh dhùinn anns an t-soisgeul, tha Dia, ann an suspainn, ag ràdh rùinn, Ciod air bith a thà mi, na is urrain dhomh a dheanamh mar Dhia, mar sin bithidh mi, agus nì mi air bhur son, air son a bhi dha’r deanamh sona gu bràth. A reir sin, feumaidh a bhi diùltadh Chriosd a bhi tilgeadh tarcuis air na h-uile. Tha e cur an suarachas agus a dòrtadh tarcuis air gràs Dhé, gliocas Dhé, cumhachd Dhé, ceartas Dhé, naomhachd Dhé, lànachd, agus uile-fhoghainteachd Dhé, agus uile choimhairlean glòrmhor bho shean a ghràidh a thaobh anamaibh. ‘S e th’ann a bhi diùltadh Chriosd ach a bhi, ann an suspainn, ag ràdh, nach gràs idir gràs Dhé, co dhiubh, nach airidh e air gabhail Ris leinn, nach eil suim r’a ghabhail do cheartas agus da naomhachd, agus nach eil sinn a cur luach orra; gu’r e th’ann an gliocas ach aimeadachd, agus ‘n a chumhachd anmhuinneachd; gu’r e beagan a tha’n a lànachd agus nach eil E ann an dòigh air bith comasach air ar sàsuchadh, agus ar deanamh toilichte; gu’m bheil slochd eudionach cho maith ris an tobar de uisgeachan beo sin: agus mar sin tha sinn gu soilleir ag àicheadh a dhìlseachd, agus a cur na breige Air (I Eoin v. 10). Tha sinn, ann an suspainn, ag ràdh gu’m bheil Dia na firinn ‘n a bhreugaire, nach eil fhianuis agus a reachd ri bhi air an creidsinn, gu’r e th’ann am focal a gheallaidd ach fior mhealladh, agus nach eil feum eile ann ach gu bhi mealladh anamaibh. Oh ciod e’n tarcuis, ciod e’n t-eas urram a dh’fheumas so a thilgeadh air an Dia bheannaichte, agus ciod e’n aingidheachd uamhasach a dh’fheumas a bhi’n so? “‘S e th’ann a bhi deanamh breugaire do Dhia,” tha duine fòghlumaichte ag ràdh, “ach aingidheachd uamhasach agus ghráineil: agus le so tha sinn a toirt bh’uaithne a nì sin a bhuineas da-rìreadh Dhà agus a tha gràdhach ‘n a shealladh.” Oh criothnaich, anam, criothnaich aig cho dubh agus ifrinneil agus a tha’m peacadh so!