Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1970 » March 1970 » Posadh an Anama ri Criosd leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)

Posadh an Anama ri Criosd leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)

(Air a leantuinn bho t.d. 313)

2. Tha’m peachadh so a bhi diùltadh Criosd, ‘n a nì a tha calg-dhireach an aghaidh na h-innleachd is àirde a rinn Dia a chùm a ghloir Fein, agus dha chreachadh dhe’n a ghloir sin a tha cho gràdhach ‘n a shealladh, Ciod, a mhuinntir mo ghràidh, an innleachd a b’airde a dheilbh Dia riamh agus a ghiùlain e mach a chùm a ghloir Fein? Gu deimhinn, b’e Criosd, agus slàinte pheacach tre Criosd. Dheilbh E dha Fein teachd a steach de ghloir ann a bhi deanamh an t-saoghail, agus tha E deilbh dha Fein teachd a steach de ghloir anns na h-uile nì a tha E deanamh ann a bhi riaghladh an t-saoghail; ach ‘s e nì anns an do dheilbh E dha Fein an teachd a steach bu mhotha de ghloir, diomhaireachd Chriosd, agus slàinte tre Chriosd. Tha so soilleir bho Ephes. i. 11, 12, 14. “Anns an d’thuair sinne,” deir an t-Abstol, “mar an ceudna oighreachd air dhuinn a bhi air ar roimh-òrduchadh a reir rùin an tì a tha-g oibreachadh nan uile nithean a reir comhairle a thoile fein: ionnas gu’m bitheamaid-ne, a chuir air tùs dòchas ann an Chriosd, chùm cliù a ghloire-san. . . .” Agus a ris ann ann rann 14, “Neach is e geall-daingnich ar n-oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh chùm cliù a ghloire.” ‘S e sùim so, Gur e glòir Dhé a chrioch mhòr ann a bhi cur Chriosd agus ‘ur slàinte-ne troimhe-san air thoiseach; agus mar an ceudna ann agus troimhe an fhoillseachadh sin dheilbh E dha Fein an teachd a steach bu mhotha de ghloir dha Fein. Oir, guidheam oirbh, thugaibh fa’n ear, tha E’g ràdh ris, “cliù a ghloir,” maise agus am foillseachadh is àirde air a ghloir. Mar an ceudna, tha e’g aithris a ris an rùn so aig Dia a chùm cliù a ghloir; agus a ris a chùm cliù a ghloir, nì a tha comharrachadh a mach deilbh innleachd mhòr a chùm a ghloir. Agus a ris, ciod e a ghloir a tha cho dlùth do Dhia? Gu deimhinn is e glòir a ghràis. Tha glòir a ghràis ro-dhlùth Dhà; uime sin, is e so air mhodh sònraichte a rùn ann an uile dhiomh-aireachd Chriosd. Mar a tha’n t-Abstol ceudna ag innse dhùinn, Ephes. i. 6, air dha roimh sin labhairt air diomhaireachdan mòr roimh-òrduchadh agus saorsa tre Chriosd, ann an so, ann an rann 6, tha e’g innse dhuibh ciod e rùn mòr Dhé annta uile, ‘s e sin, cliu glòir a ghràis. Is e crùnadh gràis, agus a cur gràs air an righ-chathair, anns am bheil Dia, air mhodh sònraichte a gabhail tlachd. Nis, ma’s e’n rùn is àirde th’aig Dia air son a ghloir Fein, a bhi le diomhaireachd Chriosd agus ar slàinte tre Chriosd, agus glòir a ghràis a bhi ro-ghràdhach Dhà, an sin tha e soilleir gu’m bheil ar diùltadh air Chriosd calg-dhireach an aghaidh an rùn is àirde a ghiùlain Dia air adhart riamh air son a ghloir Fein, agus dha chreachadh dhe’n a ghloir a tha ro-ghràdhach Dhà. Oir, mo thruaigh! ‘S e th’ ann so, ann an suspinn, a ràdh nach do dh’ullaich Dia gràs air son pheacach ann a’ bhi foillseachadh Chriosd, agus nach eil E airidh air glòir do bhrigh a fhrithealadh ann an Chriosd: ‘s e th’ann an so, ann an suspinn, ach a ràdh Ris nach eil ann na Chriosd na a ghràs nì a tha airidh air suim a ghabhail dhiubh, nach eil iad airidh air an gabhail, agus nach eil sinn, ann an dòigh air bith, fodh fhiachaibh Dhà thaobh an aon ud na’n aon ud eile dhiubh. Agus oh ciod e’n tarcuis a dh’fheumas so a thilgeadh air Dia, agus cia’n dorachadh a dh’fheumas e dheanamh air a ghloir! agus, a reir sin, anam, biodh thusa agus mise a criothnachadh dha thaobh, agus do thaobh dorchas agus uamhas a pheacaidh sin, aig am bheil buaidh cho uamhasach.

5. Thugaibh fa’n ear gu’r e th’ann a bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd ach peacadh a tha gu direach agus gu dlùth a mort an anama, agus a tha dha dhamanadh gu siorruidh, agus, uime sin, feumaiddh e bhi’n a pheacadh mòr.

Feumaiddh am peacadh sin a tha gu ro-dhireach agus gu dlùth a mort an anama agus dha sgrios gu siorruidh a bhi’n a pheacadh mòr, agus bu chòr dhuinn eagal mòr a bhi againn roimhe. Agus ciod e’m peacadh a nì sin ach a bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd? Agus, anam, a chùm gu’m biodh so ni bu mhòtha air a dhearbladh ort, beachdaich gu suidhnichte air na nithean a leanas.

(1) Gur e th’ann a bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd ach peacadh a tha diúltadh an aon ullachadh air son anamaibh peacadh.

Tha peacaich bhochd, annta fein, marbh, cailte, sgriosta, agus a dol a dhìth gu siorruidh. Tha iad tinn, agus tinn a chùm bùis; tha iad peacach, agus peacach a chùm damanadh; agus tha aon ullachadh, agus cha’n eil ach a h-aon, agus ‘s e sin Criosd; Criosd agus fhuil; Criosd agus a ghràs, Criosd agus a lànachd; dealaichte ri so, cha’n eil ioc-shlànnte ann an Gilead, cha’n eil leigh ann an sin air an son; “Agus cha’n eil slànnte ann an neach air bith eile: oir cha’n eil ainm air bith eile fo neamh air a thabhairt am measg dhaoinne, tre am faod sinn a bhi air ar tearnadh.” Gniomh. iv. 12. Uime sin, le bhi Dha dhiùltadh agus a deanamh dimeas Air, tha iad a diùltadh agus a deanamh dimeas air an aon ullachadh air an son. Is esan gu dearbh an t-ullachadh iomlan cho maith ris an aon ullachadh; Tha E comasach, agus cho toileach ‘s a tha E comasach, air a bhi tearnadh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide a mach, mar a tha’n a Sgriobturan ag innse dhùinn; ach tha iadsan, le bhi dha dhiùltadh, dha’n dùnadh fein a mach bho a chomas eufachdach gu bhi tearnadh, agus mar sin tha iad gu ball-direach a mort an anamaibh fein.

(2) ‘S e bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd ach peacadh a tha ceangal gach uile pheacadh eile dhe’m bheil an duine ciontach gu teann air.

‘S e ràdh mòr agus cudthromach a th’aig diadhaire urramach, ‘n uair a tha e’g ràdh, “Tha’n t-eas-creidimh, nì is e gu sònraichte a bhi deanamh dimeas agus a diúltadh Chriosd, a tha ceangal uile pheacaidhean an duine gu teann air anam, agus damanadh gu teann air a pheacaidhean.” Is e gu dearbh a tha ceangal ar ‘n uile chionta agus ar ‘n uile thruaighean; a nì a tha toirt air a mhallachd a bhi leantuininn gu dlùth oirne gu bràth. Agus am feadh ‘s a dh’fhanas duine anns a pheacadh so, tha e eu-comasach gu’m biodh e air a chur saor, agus air a ghairm saor bho chionta aon dhe pheacaidhean uile. Is e, mar is cuimhne leam, briathran Austin air an àite sin, Eoin xvi. 8, 9, far am bheil Criosd ag innse dhùinn gu’n d’thoir an Spiorad dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghal mu pheacadh, do bhrigh nach eil iad a creidsinn Ann: “Tha Criosd,” tha e’g ràdh, “a togail peacadh an eas-creideamh ann an dòigh shònraichte do-bhrigh am feadh a tha’m peacadh sin a fantuinn, tha ar peacaidean uile a fantuinn; ach air dha sin a bhi air a troirt air falbh tha càch uile air a’ maithheadh.”

“Tha creidimh,” mar a tha aon dhe’n a seann diadhairean dha chur, “a dubhadh a mach ar peacaidhean uile; ach tha’n t-eas-creidimh dha’n ceangal uile gu teann oirne!” Do-bhrigh sin tha briathran Chriosd, “Mur a creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs ann ‘ur peacaidean.” ‘S e sin, leanaidh bhur peacaidean gu dlùth rìbh a dh’ionnsuidh a bhàis, Eoin viii. 24. Bi so air a dheanamh ni’s soilleir anns an ath nì a bheir sinn air adhart.

(R’a leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice