Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 337)
3. Ged a tha h-uile peacadh a marbhadh agus a damanadh, gidheadh cha’n eil peacadh air bith a milleadh agus a damanadh mar a cuir sinn riutha peacadh dìmeas agus diùltadh Chriosd.
Tha e fior gu’m bheil a h-uile peacadh a damanadh; peacadh a stigh, peacadh a muigh. “Oir is e tuarasdal a pheacaidh am bàs.” (Rom. vi. 23.) Agus tha’n t-Abstol ag innse dhùinn gu’m bheil diol-thuarasdail dligheach air son a h-uile briseadh agus eas-ùmhlachd. (Eabh. ii. 2.) Ach ged a tha h-uile peacadh a damanadh, gidheadh, ge b’e air bith peacadh duine, a dh’aideoin cho lionmhor, a dh’aideoin cho mòr, cha’n urrain iad gu bràth a damanadh ma’s e agus gu’n dùinn e stigh ri Criosd. Gu dearbh cha’n urrain e bhi air a rádh gu’m bheil aon de pheacaidhean duine ‘n a aobhar a dhamanaidh, ach a dhiúltadh air Criosd. Da-ríreadh, fodh’n lagh, b’e aobhar sònraichte daoine a bhi air an sgrios am peacaidhean anns a choitcheannas, ach fodh’n t-soisgeul is e aobhar sònraichte daoine a bhi air an sgrios iad a bhi diúltadh Chriosd agus a ghràs tre eas-creidimh. An uibhir sin tha Criosd Fein ag innse dhùinn anns an àite aithnichte sin, Eoin iii. 18, “An tì a chreideas ann, cha ditir e: ach an tì nach creid, tha e air a dhiteadh a cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhé.” Cha’n eil esan a chreideas ann an Criosd air a dhiteadh. Agus c’ar son sin? An ann a chionn nach eil peacaidhean aige gus a dhiteadh? Cha’n ann, ach do bhrigh, air dha creidsinn ann an Criosd, tha a pheacaidhean uile air an toirt air falbh. Ach esan nach eil a creidsinn Ann tha e air a dhiteadh a cheana. Agus c’ar son? An ann a chionn gu’m bheil e’n a pheacach anns a choitcheannas, na do bhrigh gu’m bheil a pheacaidhean lionmhor agus ‘n am peacaidhean mòr? Cha’n ann, ach a chionn nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhé. ‘S e so suim na h-uile — Cha’n e priomh aobhar ditidh duine am peacadh so, na am peacadh ud, ach a dhiúltadh air Criosd tre eas-creidimh. Bh’uaithne so tha agaibh cho tric, sios agus suas anns an t-soisgeul: “Esan a chreideas bithidh e air a shaoradh: esan nach creid bithidh e air a sgrios,” agus mar sin air adhart. Uime sin, ma’s e ‘ur diúltadh air Criosd a bhi deanamh dímeas air an aon ullachadh air son anamaibh peacach; ma’s e sin a’ nì a tha ceangal peacaidhean duine gu teann air; agus mar a b’urrain peacaidhean eile an duine, ged a tha iad mòr agus lionmhor, a dhamanadh, mar a biodh am peacadh so a bhi diúltadh Chriosd air a chur riutha; an sin gu cinnteach is e so am peacadh sin a tha gu ball-direach agus gu sònraichte a mort an anama. Oh, cia mòr, uime sin, am peacadh so! Is e peacadh mòr a tha ann a mort, aingidheachd a tha air a pheanasachadh leis a’ bhreitheamh; ni mothá tha sinn ag amharcair a mhortair mar aon a tha airidh air a bhi beo: ach cha’n eil mort ann coltach ri mort anama, ni mothá bu chòr dhuinn fulang do mhortair anama a bhi beo air son aon mhòmainte.
6. Thugaibh fa’n ear, gur e peacadh a th’ann a bhi deanamh dímeas agus a diúltadh Chriosd, nì a tha nochdadh gu’m bheil sibh gu cinnteach a gràdhachadh bhur peacaidhean, nì a tha gu cinnteach a ròghnachadh bàs air thoiseach air beatha, a gràdhachadh dorchadais air thoiseach air solus, agus a tha dha’r fàgail gun an leth-sgeul is lugha, na cothrom gu bhi cur suas ‘ur tagradh gu siorridh. Agus, oh, cia’m peacadh dubh agus uamhasach a dh’fheumas a bhi ann an so! Beagan a thaobh na leanas.
(1) ‘S e th’ann am peacadh a bhi deanamh dímeas agus a diúltadh Chriosd ach nì a tha dearbhadh gu’m bheil gràdh agaibh dha bhur peacaidhean, agus dha’n smuainteachadh mar nithean aotrom.
Air son daoine a bhi peacaidh is ni olc e: ach neach a bhi smuainteachadh gu’r ni aotrom a m’anns a pheacadh, tha so gu mòr ni’s miosa. Air do’n a pheacaidh a bhi’n aghaidh maith neo-chriochnach, eadhon a bhi gu neo-chriochnach an aghaidh an Dia bheannaichte, tha ann, air mheadh sònrachta, olc neo-chriochnach. Agus a bhi gràdhachadh a ni sin anns am bheil olc neo-chriochnach, oh cia cho uamhasach ‘s a tha so! Gidheadh tha bhur diùltadh-sa air Criosd a giùlain so ann: oir, thugai bh fa’n ear, mar a biodh agaibh-se smuaintean aotrom mu’n a pheacadh, cha diùltadh sibh maithneas peacaidh ‘n uair a tha e air a thairgse dhuibh, ach chünntadh sibh e airidh air ‘ur ‘n uile ghabhail ris: agus mar a biodh gu’m bheil sibh a gràdhachadh ‘ur peacaidhean, seadh gu mòr dha’n gràdhachadh, cha roghnaicheadh agus cha mhiannaicheadh sibh a bhi buannachadh ann ‘ur peacaidhean: ni’s lugha gu mòr na sin cha diùltadh agus cha deanaidh sibh dimeas air a leithid de mhaith agus a tha Criosd ann air sgàth bhur peacaidhean. Na’n diùltadh fear-droch-bheart air a dhiteadh maithneas saor an righ, nach dearbhadh sin gu’n robh smuaintean aotrom aige mu’n bhàs, agus gu’n robh gràdh aige dhà. O mar an robh gràdh agaibh do ‘ur peacaidhean, bhiodh sibh toilichte a bhi air bhur saoradh bh’utha agus gabhail gu toileach agus gu h-aoibhneach ri saoradh bh’utha, ‘n uair a tha’n t-saorsa air a taigse dhuibh, mar a tha ann an Criosd.
Tha’m peacadh so a bhi diùltadh Chriosd ‘n a ni a tha dearbhadh gu’m bheil sibh a gràdhachadh dorchadais ni’s mothá na solus, agus a roghnachadh bàs air thoiseach air beatha. ‘S e th’ann ach a ni a tha roghnachadh peacadh agus bàs air thoiseach air Criosd agus beatha agus gràs: o, uime sin, ciod e’m peacadh dubh a dh’fheumas a bhi ann! So tha Criosd Fein a cur an ceill dha thaobh, agus sin, mar an-tromachadh àrd air, ni a tha dha dheanamh dùbailt toillteanach air damanadh: “Agus is e so an diteadh, gu’n d’ thàinig an solus do’n t-saoghal, agus gu’n do ghràdhaich daoine an dorchadas na’s mothá na’n solus, a chionn gu’n robh an gniomharan olc.” (Eoin iii. 19.) Tha Criosd, agus na nithean maith a bhuinneas do Chriosd, ann an so air an gairm na’n solus: air an làimh eile, tha peacadh agus bàs, agus na h-uile truaighe a tha dha’n leantuinn, air an gairm na’n dorchadas. Nis, tha Criosd ag ràdh, tha daoine, le eas-creidimh agus a bhi dha’ m dhiùltadh-sa, ann an suspainn a gràdhachadh, a roghnachadh, agus a cur air thoiseach peacadh, agus bàs, agus dorchadas, a roghainn ormsa agus mo ghràs, Mise agus a bheatha mhaireannach a bheirinn dhoibh. O ciod e’m peacadh a tha’n so! Faodaidh Criosd da-ríreadh a ràdh ri peacaich mar a thubhairt Maois riutha-san bho shean, “Tha mi a’gairm nan neamh agus na talmhainn mar fhiannisean ‘n ‘ur n-aghaidh air an latha diugh, gu’n do chuir mi beatha agus bás f’ar comhair, beannach-agus mallachadh: uime sin roghnaich beatha, chùm gu’m bi thù fein agus do shliocht beo.” (Deut. xxx. 19.)
(R’a leantuin.)