Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1970 » May 1970 » Posadh an Anama ri Criosd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)

Posadh an Anama ri Criosd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)

(Air a leantuinn bho t.d. 377)

Nis, dha’n taobh-san a tha roghnachadh bàs, agus a diùltadh beatha; a tha roghnachadh mallachd, agus a diùltadh beannachd; ‘S e tha ‘n so ach peacadh uamhasach da-rìreadh, agus nì’s uamhasaich air an aon laimh, do bhrigh gu’m bheil an solus cho grádhach agus cho taitneach; agus air an laimh eile, gu’m bheil am dorchadas cho gráineil agus cho uamhasach: agus mar an ceudna, do bhrigh gu’m bheil e mar fhiachaibh oirne a bhi grádhachadh, a roghnachadh, a bhi cur air thoiseach an t-soluis roimh an dorchadais, leis na h-aobharan is cudthromaiche agus is treise: oir tha E cho dúrachdach dha mhiannachadh, tha E cho grásmhor dha earalachadh, tha E cho teann dha áitíne, agus cha’n eil ni’s lugha na siorruidheachd iomlan de shonas Co-labhairt agus ghloirmhor an crochadh air. O, amuaintichibh air na nithean sin!

(3) ‘S e tha’n am peacadh diúltadh Chriosd ach peacadh a tha dha’r fágail gu’n an leisgeul is lugha, na cothrom a bhi togail ar cuis gu bráth: ni a tha dearbhadh gu’r e peacadh mór e da-ríreadh.

  1. Tha e dha’r fágail gu’n an leisgeul is lugha; gu’n an leisgeul is lugha air son peacaidh, agus gu’n an leithsgeul is lugha air son nach básaicheadh sibh air son peacaidh: oir tha Chriosd Fein dha chur an céill ann an Eoin xv. 22: “Mur bithinn-sa air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiódh peacadh aca: ach a nis cha’n eil leithsgeul am peacaidh aca.” “Mar bithinn-sa air teachd agus air labhairt riu”; ‘s e sin anns an t-soisgeul, a foillseachadh toil m’Athar, agus dha mo thairgse Fein agus mo ghrás dhoibh: “cha bhiódh peacadh aca”; ‘s e sin cha bhiódh am peacadh cho mór. Ach a nis cha’n eil cleoichd, na leithsgeul aca air son am peacadh. Nis cha’n eil leithsgeul aca, cha’n eil ní aca a ghabhadh leithsgeul am peacaidh, na dheanadh am peacadh ni bu lugha. Tha bhi deanamh dímeas agus a bhi diúltadh Chriosd a fágail dhaoinne gum leithsgeul, agus fágaidh e mar sin iad aig an latha dheireannach. O! ‘n uair a dh’ftheoiricheas Dia, ann an latha a bhreitheanais chothromaich, do dhaoinne aig an robh an comhnuidh fodh’n t-soisgeul, c’ar son a tha iad a peacachadh, agus a pheacaich iad; c’ar son a tha iad air am faotainn ‘n am peacaidhean, agus air dhoibh a bhi air am faotainn ‘n am peacaidhean, c’ar son nach básaicheadh iad gu siorruidh, ciod a bhios aca r’a rádh ann an rathad leisgeul air an son fein? Gu deimhinn cha’n eil leithsgeul aca; ach a bhi balbh, mar a tha e air a rádh ann a’ Mata xxii. 12. Cha’n urrain iad a rádh nach robh rabhadh air a thoirt dhoibh a thaobh olcas a pheacaidh; cha’n urrainn iad a rádh nach robh maithenas agus sláinte air a thairgse dhoibh; cha’n urrainn iad a rádh nach robh’n taigse lán, saor, agus soilleir; cha’n urrainn iad a rádh gu’n robh a’ Maighstair cruaidh; ni mothá is urrainn iad a rádh nach robh am peacaidh toillteanach air bás: cha bhi ní aca is urrainn iad a rádh.
  2. Tha e dha’m fágail gu’n an cothrom is lugha na áite gu bráth air son an cuis a thogail gu cùirt eile. Faodaidh mi a rádh an so, mar a tha e air a ràdh an cùis eile: “Ma pheacaicheas duine an aghaidh duin’ eile, bheir am breitheamh breth air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, co ghuidheas air a shon?” I Samuel ii. 25. Mar sin ma pheacaicheas duine an aghaidh an lagh, le bhi toirt eas-ùmhlachd dhà, faodaiddh e a chuis a thogail a dh’ionnsuidh an t-soisgeil agus gràs Chriosd ann an sin: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh Chriosd agus a ghràs air a thairgse anns an t-soisgeul, c’áite an tog e chuis? Gu’n teagamh cha’n eil togail cùis a ghabhas a bhi air a dheanamh, cha’n eil fuasgladh a ghabhas a bhi air fhaotainn dhà, cha’n eil saorsa ri bhi air fhaotainn air a shon. Ma tha duine air a dhìteadh aig cathair ceartais, mar neach a pheacaich an aghaidh an lagha, faodaiddh e a chuis a thogail a dh’ionnsuidh cathair tròcair, agus an sin gheibh e fuasgladh milis; ach ma pheacaicheas e’n aghaidh cathair tròcair agus cathair gràis, an sin cha’n eil mì aige dh’ionnsuidh an tog e a chuis na fhrithealas saorsa dhà. Nis, le bhi diùltadh Chriosd, tha sinn a peacachadh an aghaidh cathair gràis, tha sinn a tarruing a nuas, a reir ar comais, cathair tròcair. Agus c’ait, uime sin, a dh’ionnsuidh an urrainn sinn ar cùis a thogail? Oh, thugaibh fa’n ear na nithean sin, agus foghlumaibh bh’utha eagal a bhi oirbh roimh’n pheacadh sin a bhi diùltadh Chriosd. Dh’fhaotainn an tuilleadh mòr na sin a ràdh gu bhi dearbhadh oirbh olcas antromaichte a pheacaidh sin: ach biodh gu leoir ann an so: is cinnteach mì gu’r a leoir so mar an ceudna; agus na’m biodh mothuchadh ceart againn air ‘n ar spioradan, bheireadh e oirnne criothnachadh dha thaobh gu bràth.

IV. Am bu toil leat da-rìreadh a bhi air do phòsadh ri Chriosd?

An sin na geill do mhì-mhisneachaidhean nam faireachaidhean, ach cùm suas t-anam air misneachaidhean a chreidimh air a leithid de phrionneabalan soisgeulach agus aobharan, agus a tha’g aomadh a dh’ionnsuidh a bhi tarruing pheacach gu creidimh ann an Chriosd. Faodaiddh, air dhuit a bhi leughadh agus a toirt fa’n ear cor truagh do shuidheachadh gun Chriosd, agus antromachadh uamhasach do pheacadh agus do chionta ann a bhi cho fada agus cho tric Dha dhiùltadh, mì-mhisneachaidhean nach gann eirigh an taobh a stigh dhiot: agus gu cinnteach, gu h-àbhaisteach, cha luaithe a thoisicheas anam bochd air a bhi’g amharc a dh’ionnsuidh Chriosd, na smuainticheas e air dúnadh a stigh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh, na dh’eireas àireamh lionmhor de mhi-mhisnichedhean gus a chumail bh’uaithne. O! deir e, ciod e’m peacadh uamhasach a tha’n so! Cia mar a rinn mì dimeas air Chriosd agus air a ghràs! Cia cho fad agus a sheas mì mach ‘n a aghaidh! Rinn mi seirbhis do’m ana-miannaibh fad mo laithean uile, agus dhiùlt mi a ghairmean. Ciod am fàth a th’ann dhomh bhi bruidhean air dùnadh a stigh Ris? Eirigh an leithidean sin agus mòran de mhi-mhisneachaidhean eile anns an anam, nithean air do neach geilleadh dhoibh, a ni gu h-eufachdach an t-anam a chumail bho Chriosd. Ach, anam, na’n tigeadh tú gu bràth gu bhi ruigheachd air aonadh agus co-chormunn Ris. feumaidh tú do shùilean agus do chridhe mar an ceudna a dhùnadh an aghaidh gach uile mhi-mhisneachd dhe’n a ghné so. Agus ged a theannaicheadh iad a stigh ort a ris agus a ris. gidheadh tilg a mach iad, a socrachadh do shùil agus do chridhe air misneachaidhean a chreidimh; bi a’d chòmhnuidh gu mòr an a bhi smuainteachadh orra, agus cùm suas t-anam air prionnsabalan soisgeulach agus na nithean a tha ri bù air an toirt fa’n ear a chùm agus gu’n lagaicheadh tú’n t-eas-creidimh agus gu’m biodh creidimh air a ghintinn anns an anam. Agus air son do chuideachadh a chùm so, ainmichidh mi cuid do mhisnichidhean a chreidimh, na prionnsabalan soisgeulach a bu mhath thù bhi beachd-smuainteachadh gu suidhichte agus gu minic orra.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice