I ‘S e so a cheud phrionnsabal soisgeulach, na misneachd do chreidimh, leis am bu chòr dhuit t-anam a chumail suas, agus a bhi tric a beachd-smuainteachadh air — gu’m bheil lânachd smaoibh air, ghlòr mhor, agus a cur thairis, dhe’n a h-uile mhaith air a thagadh suas ann an Criosd, air son pheacach bhochd; agus gu’m bheil a ghràs gu pailte os ceann ar falamhachdan agus ar peacaidhean. ‘S e obair agus nàdur an eas-creidimh a bhi beagachadh agus a cur crochan roimh’n lânachd a th’ann an Criosd do shùil an anam. Nochdaidh e do’n anam lionmhorachd a pheacaidhean agus fhalamhachdan, ach folachidh agus glasaidh e suas ionmhasan agus lânachd Chriosd. Agus ge b’e air bith a chumas sinn a mach, is e bunait ar diùltaidh air Criosd, na co dhiubh aon shònraichte so, gu’m bheil e a cur an teagamh a lânachd, cha’n eil sinn a faicinn gu leoir ann an Criosd gu bhi coinneachadh ri ar falamhachdan uile, agus gu bhi fuasgladh air ar ‘n eiginnean; an t-eas-creidimh a toirt oirnne a bhi creidsinn nach e Criosd an Criosd a tha na Sgriobturan a cumail a mach a tha E. Ach anam, cuir air falbh na beachdan sin agus socraich thusa air a bhi beachd-smuainteachadh air lânachd neo-chriochnach Chriosd. Amhairc Ris mar a Neach a tha gu neo-chriochnach comasach air a bhi coinneachadh ri t-fhalamhachdan, a bhi maitheadh do pheacaidhean, a bhi leigheas t-euslaintean, a bhi ceannsachadh t-ana-miannaibh. a bhi naomhachadh do chridhe, agus a bhi saoradh t-anam gu siorruidh. Amhaire Ris mar a tha na Sgriobturas dha chumail fodh do chomhair: tha’n a Sgriobturan ag innse dhuit gu’n do thoilich e’n t-Athair “gu’n comhnuicheadh gach uile iomlanachd ann-san.” Col. I. 19. Gach uile iomlanachd gràs agus beatha, agus gach uile iomlanachd sìth agus maithneas, gach uile iomlanachd fireantachd agus slàinte. Tha ann an Criosd, cha’n e mhàin iomlanachd de phailteas, ach am barrachd ‘s a dh’ffheumas sinn, lânachd a tha cur thairis, lânachd a tha gu neo-chriochnach os ceann ar peacaidhean agus ar falamhachdan. Tha na Sgriobtuirean ag innse dhuinn gu’m bheile e “mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsuidh Dhé tríd-san a thearnadh gu h-iomlan, do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son.” Eabh. vii. 25. A tearnadh, comasach gu tearnadh, comasach gu bhi tearnadh gus a cheum is fhaide a mach! Agus cha’n e sin aon na dithis, ach na h-uile thig a dh’ionnsuidh Dhé Tríd-san. Tha na Sgriobtuirean a labhairt mu shaobhreas Chriosd nach fheudair a rannsachadh. Ephes. III. 8. Cha ghabh cuan a ghràis a bhi air a thomhas leis an riaghailt is fhaide a bhuineas do’n tuigse is mothair a tha air a cruthachadh. Dh’aithnich Pòl lánachd cur thairis a ghràis, agus dh’fhág e sgriobhta e a chùm ar misneachadh; “Agus ri grádh a tha ann an losa Criosd.” 1 Tim. i. 14; bha barrachd agus gu leoir ann. Thuair mì barrachd gràis ann an Criosd, mar a tha neach àraidh dha chur, na b’athne dhomh ciod a dheanain ris. Agus gidheadh, ciod a bha’n so a Phòil? Tha e fein ag innse dhuibh, anns an rann a tha air thoiseach agus os a dheigh: bha e’n a fhear-labhairt toibheum, na fhear-geurleanmhuinn, agus na cheann-feadhna pheacach; na dhuine, anns gach dòigh, aig an robh uibhir de pheacaidhean agus a dh’fhalamhachdan riutsa. A reir sin, gabh beachd air, agus cùm suas t-anam ri aghaidh gach mì-mhisneachd. Reusanaich mar so riut fein: Gu cinnteach tha mo shuidheachadh duilich, tha m’fhalamhachdan anabarrach lionmhor, agus mo pheacaidhean anabarrach mòr. Ach ciod e’n sin? Am bheil ioc-shlànnte ann an Gilead? Am bheil leigh an sin? Nach eil Criosd comasach air mo shaoradh, agus sin a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide a mach a dh’aideoin sin uile? Amhairc O m’anam, an sin tha losa milis air a righ-chathair, aig deas-laimh an Athar, lán gràis agus firinn; amhairc Air, agus thoir fa’n ear — Ciod e t-uile fhalamhachdan fodh chomhair a shaobhreas agus a lánachd-san? Ciod e t-uile thruaighean agus t-àmhghairean fodh chomhair innigh a thròcairean-san? Ciod e do pheacaidhean uile fodh chomhair toilteanas fhalach-san? do bhrosnachaidhean-sa fodh chomhair a shàsuchadh-san? Ged an robh t-fhalamhachdan-sa ni’s lionmhor agus ni’s mothair na tha iad, b’urrain a lánachd-san an lionadh uile. Ged an robh do pheacaidhean-sa ni’s mothair agus ni’s an-tromaichte na tha iad, b’urrain fhuil-san do ghlanadh bh’uatha uile. “Glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh.” 1 Eoin i. 7. Tha luach gu neo-chriochnach ni’s mothair na thoilteanas gu bhi maitheadh do pheacaidhean agus dha t-fhireanachadh, na tha de olc ann a d’pheacaidhean gu bhi dha do dhamanadh agus dha do sgrios. Is firinneach gu’m bheil tobar peacaidh agus cionta, agus bàis, annam: ach an so tha tobar ni’s doimhne de ghràs, agus de bheatha, agus de fhireantachd Ann-san. Faic, O m’anam, faic cho neo-chriochnach agus cho mór ’s a tha ionmhasan a ghràis agus a ghloir, agus cùm thu fein suas orra-san. Oh, na’n gabhadh peacaich còmhnuidh ni’s mothá ann an sealladh air mòrachd ghlormhòr Chriosd, bhiadh iad ni bu mhotha ann an gràdh Air: agus le so, sheasadh iad an aghaidh, agus chladhaicheadh iad fodh’n eas-creidimh ann a innleachdan is cuilbheartaich leis am bheil e cumail anamaibh bho Chriosd. Cuiridh mi sios ann an so, air son do mhisneachadh a mhàinn, briathran diadhaire urramach: “Is urrainn Criosd,” tha e’g ràdh, “agus thig e Dhà gu maith, a bhi toirt ni’s mothá na’s urrainn do m’anam cumhann a bhreithneachadh. Na’m biodh deich mìle, mile muillean de shaoghail ann, agus urrad sin do neamhan ann làn de dhaoiné, agus de dhaoiné agus de dh’ainglean, cha bhiadh Criosd air a theannachadh gu bhi deanamh suas am falamhachdan, agus an lionadh uile. Is e tobar beatha a th’ann an Criosd; ach co is urrainn a ràdh cia cho domhain ‘s a tha e gu ruig a ghrùnd?”
(R’a leantuin)