(Air a leantuin bho t.d.)
4. ‘S e’n ceathramh prionnsabal soisgeulach, na misneachd do chreideamh, a bu chòr dhuit t-anam a shocrachadh air, agus a bhi gabhail còmhnuidh gu mòr ann a bhi beachd-smuaineachadh air, so — gu’r e ‘n aon bhonn agus prionnsabal na h-uile nì a rinn Criosd air son pheacach bhochd, bho thoiseach gu deireadh, a ghràs agus a ghràdh àrd-uachdaranail Fein.
Is e a ghràdh a thug a nuas E bho neamh agus a threoirich a mach E gu bhi dòrtadh fhala agus a bàsachadh air an son. Uime sin, ann an Ephes. v. 25, thà e air a ràdh gu’m bheil E gràdhachadh eaglais, agus gu’n d’thug Se E Fein air a son, Is e a ghràdh, a ghràdh saor, a tha’n gu’n d’thug Se E Fein air a son. Is e a ghràdh, a ghràdh saor, a tha’n toiseach ga’n tarruing ga ionnsuidh Fein, agus ga’n táladh a stigh ann an cùmhnanta Ris: “O chein dh’foillsicheadh lehobhah dhòmh-sa, ag ràdh, Seadh, le gràdh siorruidh ghràdhaich mì thù: uime sin tharruing mì thù le caoimhneas gràdhach.” (Ier. xxxi:3). Is e a ghràdh a thà ga’n gabhail ga ionnsuidh, a toirt maitheanas dhoibh, agus a buileachadh beatha agus slàinte orra. Uime sin tha e air a ràdh gu’m bheil na h-uile bho ghràs, eadhon ar slàinte uile. (Ephes. ii:8). Uime sin tha E air a chur fa’r comhair mar a suidh air cathair gràis, agus ‘s ann an sin a tha E ga’r cuireadh ga ionnsuidh Fein, agus bho sin tha E toirt na h-uile dhùinn. (Eabh. iv:16); agus, uime sin, faodaidh sinn, ged is peacaich sinn, tighinn le dànachd a dh’ionnsuidh na righ-chathair sin. Tha E air righ-chathair! agus uime sin, faodaidh sinn dearbhadh dhuinn fein gu’n dean E nithean mòr air peacaich a thig ga ionnsuidh. Nochdaidh Se E Fein mar Righ, bheir E maitheanas mar Righ, tearnaidh E mar Righ; ni E na h-uile ni le mòralachd agus fialaidheachd righ. Agus ‘s e cathair gràis a th’innte, cathair air am bheil gràs a righeachadh; cathair air am bheil gràs a suidhe ann a’ morachd impeireil, agus sin a ni na h-uile ni gu saor, ann an dòigh àrd-uachdaranail gràis agus gràidh. Uime sin tha a chainte sin, Ni mì tròcair, do bhrigh gu’n dean mì tròcair; bheir mì maitheanas, do-brigh gu’n toir mì maitheanas; tearnaidh mì do-brigh gu’n tearn mì. Nis, ciod e mhisneachd a tha’n so do chreidimh! agus cia mar, ma tha e gu ceart air a chothromachadh agus air a thoirt fa’n ear, a bhriseadh e’n a bhloighdibh gach tagradh a th’aig an eas-creidimh, agus a thàirneadh e gu milis an t-anam a dh’ionnsuidh dlùthachadh ri Criosd ann an cùmhnanta pòsaidh! oir guidheam oirbh, thugaibh fa’n ear, Ciod e nàdur gràis agus gràidh àrd-uachdaranail? ‘s e ‘n nàdur a bhì toirt cleachdadh bh’uaithne Fein gà ionnsuidh Fein, gu’n a bhì toirt cleachdadh bh’uaithne Fein gà ionnsuidh Fein, gu’n a bhì toirt fa’n ear ni air bith annainne, gu’n a bhì toirt fa’n ear aon chuid airidheachd na neo-airdheachd anns a chreutair idir. Tha a nàdur dhe leithid de ghné agus nach eil e aon chuid air a cho-èigneachadh, na air a bheacadh bho bhi deanamh maith do dh’anamaibh, le ni air bith aon chuid maith na olc annta; ach tha e ruith gu saor. Agus, uime sin cha’n eil e gu muta ciod a tha mise, ged a tha mì cho salach agus cho truagh annam fein, am feadh a tha mo ghnothuch ri leithid de ghràdh; agus ‘s e leithid sin de ghràdh tobar deiligidean Chriosd rium, agus a ghiùllain ga mo thaobh.
5. ‘S e’n coigeamh prionnsabal soisgeulach na misneachd do chreidimh, air am bu chòr dhuit thò fein a ghiùlain suas, agus còmhnuidh a ghabhail gu minic ann a bhì beachd-smuaineachadh air, so — gur e ‘n rùn is mothá a th’aig Criosd anns na h-uile ni a tha E gabhail os laimh, agus a fhrithealaidhean do pheacach, a bhì foillseachadh a mach agus a cur air an righ-chathair a ghràs Fein; agus mar is mothá a thà thò a’ d’ thruaghan salach, peacach, agus gràineil, ‘s ann is mothá tha a ghràs air a chur air an righ-chathair agus air fhoillseachadh a mach ann a d’ghabhail Ris.
Cha’n eil Criosd ann na dheiligidhean ri, agus air son, pheacach, cha’n e mhàin a toirt cleachdadh Dhà Fein bho phrionnsabal àrd-nachdaranail gràis, ach anns na h-uile thà E giùlain rùn a bhì cur air an Righ-chathair a ghràs, agus ga dheanamh glòrmhor gu bràth; seadh, agus tha E cleachdadh, agus ni E cleachdadh a thaobh a leithid sin de rùn gu freagarach. Cha’n e ciod a tha leithid sin de pheacaich a toilltinn, na nach eil iad a toilltinn, a deir Criosd, a thà agam ri chumail air chuimhne, ach ciod a nì mo ghràs air an son, ach ciod a dh’oibrícheas nì’s mothá a chùm glòir a ghràis sin, ciod a chuireas an crùn is dealraich air a cheann: tha so foilleasach ann an Ephes.i.6, 12, 14, a bha air fhosgladh roimhe air aobhar eile.
(R’a leantuininn).