Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 139)
Uime sin, a mhuinntir a tha E saoradh, tha E dha’n saoradh air a leithid de dhòigh agus is moth a thogas suas a ghràs Fein, air bhi rùn ann an sin, gu’n rìghicheadh gràs, mar a tha agaibh ann an Ròm.v.21. Uime sin tha sibh a leughadh mu E bhi fireanachadh an duine mì-dhiadhaidh, Ròm. iv.5. Bheir E air a ghràs buadhachadh thairis air a h-uile anam a shaoras E. Nis ciod a mhisneach a tha’n so do chreidimh. Cha’n e mhàin gu’m bheil Criosd a suidhe air cathair a ghràis, ach ‘s e mar an ceudna a rùn ann a bhi deiligeadh ri peacaich, a bhi cur a ghràis air an righ-chathair. A pheacaich, mar is salaiche agus is peacaiche a thà thù, ‘s ann is freagaraiche a tha e do rùn Criosd do thearnadh: oir mar is salaiche agus is peacaiche a thà thù, ‘s ann is moth a thà cur an ceill gràis air taobh Chriosd ann a do ghabhail agus ann a d’ shlàinte. Oh! ‘n uair a bheir Criosd maithneas do anam cho ciontach, a ghabhas E ri anam cho peacach, a nì E rèite ri anam a tha’n a leithid de nàmhaid ‘s a thà thusa; cia mar a dh’ fhoillsicheas sin saoibhreas ghlòrmhor a ghràis ann an sealladh araon dhaoinn agus aingeal! foillsichidh so a mach saoibhreas do-rannsaichte a ghràis, mar a tha e air a ràdh ann an Ephes. ii.7. Agus mar is salaiche agus is peacaiche a thà thù, ‘s ann is moth a bhitheas tù air do thogail le gràs gu bràth air do thaobh-sa: far am bheil mòran air a mhaitheadh is ann is moth a bhitheas an gràdh agus a’ moladh, Lucas vii.47. O, co mise, (deir a t-anam, ‘n uair a tha e aon uair air aghabhailastigh do thròcair, ged a thà e thar tomhas neo-chumanta salach agus peacadh) co mise, gu’m faighinn gràs ann an sealladh Chriosd? Ciod e! a leithid de cheannaireach, agus gidheadh air a mhaitheadh! a leithid de nàmhaid, agus gidheadh air a dheanamh réidh! a leithid de pheacach salach, agus gidhèadh air a ghlanadh agus air a dheanamh geal ann am fuil an Uain! a leithid a tha toillteanach air ifrinn agus gidheadh air a dheanamh freagarach gu faotainn deadh-ghean neamh! a leithid de thruaghan dite salach, agus gidheadh air a thoirt a dh’ionnsuidh broilleach fiorghlan agus gràdhaich losa! Oh gràs, gràs! cia cho saoibhir agus cho saor ‘s a thà gràs! agus oh! ciod e’ moladh agus na halleluías a bhios air an tionndadh air teanganaibh agus air spioradan do Dhia agus do’n Uan gu bràth! ‘N uair, uime sin, a rachadh tù dh’ionnsuidh Chriosd, agus a dh’ eireas mì-mhisneachaidhean a chùm do chumail air ais bh’ uaithe bu chòr còmhnuidh a ghabhail, agus t-anam a chumail suas air a so, a reusanachadh air a so riut fein—Is fior e, is thruaghan salach mì, ceann-feadhna pheacach mì, aon anns gach uile seadh a tha toillteanach air gràin a ghabhail dheth, agus a bhi air a thilgeadh air falbh le Chriosd: ach ciod e an sin? thà Chriosd ag oibreachadh a thaobh pheacach a mhàinn bho phrionnsabal gràis; cha’n eil suim Aige a thaobh airidheachd na neo-airidheachd; co-dhealaich is e peacach beag, ‘s e’n aon nì ann Leis-san, a thaobh gabhail rium. A thuilleadh air so, is e bhi crùnadadh a ghrais a run, agus a bhi tabhairt na glòir sin; agus mar is salaich mì, is ann is moth a dh’ athartaicheas sin a rùn-san ‘n am ghabhail Ris agus r’a shlàinte. Cia air bith cho salach, uime sin, ‘s a thà mì, tilgidh mi mì-fein Air-san, agus cuiridh mì stigh air son pòsadh Ris.
- ‘S e’n seathamh prionnsabal soisgeulach na misneachd do chreidimh, a bu chòr dhuit thù fein a ghiulain suas air, agus còmhnuidh a ghabhail gu mòr ann a bhi beachd-smuainteachadh air, so — Gur e glòir agus iomlanachd Chriosd, mar Eadar-mheadhon-air, a bhi gabhail ri peacaich agus a bhi dha thoirt Fein agus iomlanachd a mach dhoibh, ‘n uair a thig iad dha ionnsuidh. Ni so, ma tha e air a thomhas gu ceart, creidimh a chuideachadh gu cumhachdach, agus anam bochd a thogail thairis air a mhì-mhisneachaidhean, a dh’ ionnsuidh broilleach agus glacaibh losa Chriosd. Gu bhi dha thuigsinn gu ceart, feumaidh fios a bhi agad gu ceart gu’m bheil glòir agus iomlanachd dhùbailt aig Chriosd: ghòir agus iomlanachd a Phearsa, mar is e Mac Dhé; agus glòir agus iomlanachd a dhreuchd, mar is E Eadar-mheadhonair agus Ceann an dara cùmhnant. Glòir agus iomlanachd a Phearsa, mar Mhac Dhé, tha sin gu neo-chriochnach iomlan agus làn, agus cha ghabh e stigh ann aon chuid toirt bh’ uaithe na cur ris, air bhi dhà gu neo-chriochnach a’ nì ceudna gu bràth. Ach glòir agus iomlanachd a dhreuchd, mar Eadar-mheadhonair, tha sin ann an tomhas mòr ag eiridh bho bhi gabhail pheacach, agus dha bhuileachadh Fein agus a ghràs orra ‘n uair a thig iad dha ionnsuidh; agus mar is mothà de pheachaich a ghabhas E dha ionnsuidh, agus mar is mothà de ghràs a fhrithéal E mach dhoibh, is ann is mothà a ghloir agus iomlanachd anns a chùis so. Agus faodaidh e gu cinnteach a bhi air a ràdh, gu’m bheil Criosd, ann a bhi gabhail ri peacaich agus a bhi tabhairt dhoibh gràis, a meudachadh ionmhas a ghloir Fein, agus nì’s mothà agus nì’s mothà a lionadh suas na tha dha dheanamh Fein iomlan, mar cheann agus Eadar-mheadhonair. Bh’ uaithe so tha e air a ràdh mu’n eaglais gu’r i a lànachd-san, “Agus chuir e na h-uile nithean fodh a chasan, agus thug se e gu bhi ‘n a cheann os ceann nan uile nithean do’n eaglais, a tha ‘n a corp aige, lànachd an tì a tha lionadh nan uile nithean anns na h-uile.” Ephes. i. 22, 23. Nis, ma’s e’n eaglais lànachd Chriosd, an sin mar is mothà tha sin air a lionadh agus air a dheanamh iomlan le E bhi gabhail pheachadh dha ionnsuidh Fein, agus a bhi tabhairt a mach gràs dhoibh; is ann is mothà tha lànachd agus iomlanachd Fein, a thaobh urram agus iomlanachd eadar-mheadhonaireachd a fàs. Bh’ uaithe sin tha e air a ràdh thaobh nan uaomh gu’r iad glòir Chriosd. II. Cor. viii. 23. Mar is e Criosd a mhàinn an glòir-san, mar sin is iadsan mar an ceudna a ghloir-san. Agus cia mar is iad a ghloir-san? Cha’n e mhàinn gu’m bheil iad, na gu’m o chòr dhoibh gu gniomhach Esan a ghlorachadh, ach mar an ceudna gu’n do gabh E riutha, agus gu’n do sgaoil E mach a ghràs dhoibh, agus is e a ghràs a mhàinn a thà dealrachadh a mach annta. Bh’ uaithe so tha’n ràdh ud aig Calvin air an àite so, “Iadsan,” tha e’g ràdh, “a tha toirt barrachd ann an gràs agus ann an naomhachd, is iad air mhodh sònraichte glòir Chriosd; do bhrigh nach eil aca nì air bith ach le saor-thiodhlac bho Chriosd.” Bh’ uaithe so mar an ceudna, thà Criosd ag innse dhuinn, gu’m bheil E air a ghlorachadh annta, Eoin xvii. 10. Agus tha E gu soilleir ag innse dhuinn, gu’n glòirich an Spiorad E do-bhrigh gu’n gabh E dheth chuid-san agus gu’n nochd E dhuinne e, Eoin xvi. 14.
(R’a leantuin).