Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 216)
2. Bi cìnteach gu’n altrum thu smuaintean maith air a shlighibh, a rioghachd, agus a riaghladh.
Na gabh a stigh aon smuaint eudmhor mu Chriosd, mar gu’n b’e Fear-posda cruaidh, teann, a bha Ann; mar gu’m biodh E dha ghiùllain Fein gu cruaidh, teann, a thaobh a chéile-pòsda. Mar dh’ fhàilnichas an diabhal agus an t-eas-creidimh ‘n an oidhearpan gu anamaibh a chur an aghaidh Chriosd, a toirt orra a chreidsinn gu’r e Maighsteir cruaidh agus Fear-plsda geur-theann a tha Ann, a tha riaghladh le cruas agus teannas nach gabh a bhi air a ghiùllain is maith sin leo: “A thighearna, bha fios agam,” tha neach ag ràdh anns an t-soisgeul, “gur duine cruaidh thù, a bhuaineas ‘s an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas ‘s an ionad anns nach do sgaoil thù,” Mata. 24. Agus le so tha eagal air a chur air an anam bho Chriosd. Ach anam, na’m biodh tù gu bràth air do phòsadh ri Chriosd, thoir fa’n ear a leithidean sin de smuaintean eucorach an aghaidh Chriosd, a chuireadh tù’n a aghaidh, cùm suas smuaintean maith mu thimchioll, agus mu a shlighibh, agus mu a riaghladh; agus bì tric a beachd-smuainteachadh air a mhilleachd-san agus a shlighewan. Am bheil E geur-theann? Guidheam ort, C’ait am bheil a geur-theannas? Am bheil E dha do chuireadh gu bhì giùllain a chuing? Thà, ach ‘s e cuing soiomchuir a th’innte. Am bheil E cur ort a bhi giùllain uallaich? Thà, ach ‘s e uallach aotrom a th-ann. “Gabhaibh mo chuing oirbh, agus foghlumaibh uam, oir tha mise macanta agus iorasal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois do ‘ur n-anamaibh, Oir tha mo chuing-sa so-iomchair, agus tha m’uallach aotrom.” Mata xi. 29, 30. Am bheil E’g amharc ris gu’n togadh tù do chrann-cheusaidh? Thà, ‘s e crann-ceusaidh milis a th’ann, crann-ceusaidh buannachdail, crann-ceusaidh urramach, crann-ceusaidh a thà air fhigheadh le òr, agus a tha air a chòmhdach thairis le millseachd na diadhachd; crann-ceusaidh ris am bheil crùn air a cheangal, eadhon ” crùn na beatha.” Tais. ii. 10. Crann-ceusaidh a thà’n a chrùn an so; oir is e urram a th’ann fulung air son Chriosd, Gnomh. v. 41. Crann ceusaidh a ni ni’s mothá agus ni’s mothá ni’s soilleir ar crùn an deigh so; ” Is beannaichte bhios sibh an uair a bheir daoine anacaint dhuibh agus a nì iad geur-leanmhuinn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhocal ruibh gu bréugach, air mo sgàth-sa. Deanabh gairdeachas, agus bithibh ro-shubhach; oir is mòr ‘ur duais air neamh; oir mar sin rinn iad geur-leanmhuinn air na fàidhean a bha roimhich.” Mata v. 11, 12. Am bheil E dha do ghairm gu bhi deanamh a leithid siud na leithid so do sheirbhisean? Thà, ach maille ri sin bheir E dhuit neart gu bhi dha’n deanamh, a cuideachadh le t-anmhuinneachdan le a Spiorad maith. Ròm. viii. 26, agus ma’s e ‘s gu’m fàilnich thù, agus gu’n tig thù gearr ann an nì a tha E’g iarruidh — ciod e’n sin? An sin gabhaidh E truas agus cùmhnaidh E thu, mar a ni athair a thaobh a mhic a tha deanamh seirbhis dha; tha E gabhail seachad air t-fhàilngidhean agus t-easbhuidhean. Mal. 17. Cha’n urrainn thù nì air bith a dheanamh ach a mhàinn gu’m bheil inntinn agad gu seirbhis a dheanamh Dha. Seadh, gabhaidh E’n toileachas inntinn sin a reir mar a th’ agad, agus cha’n ann a reir na nithean nach eil agad, II, Cor. viii. 12. ‘N uair nach urrainn thu ùrnuigh a dhòrtadh a mach, na osnad, tha gearain air gabhail ris Leis-san. Am bheil E’g iarruidh na rìgh-chathair annabh, agus a bhì riaghladh ann bhur n’ anamaibh? Bithidh sin Aige; ach tha’n dòigh riaghlaidh so ro-mhilis; oir tha E riaghladh le gràdh, agus tha E toirt seachad le beatha; agus tha E air son rìgh-chathair a thoirt seachad, rìgh-chathair glòir air son rìgh-chathair ann bhur ‘n anamaibh. Ciod a their mi? Tha shlighibh uile ‘n an slighich tlachdmhor, agus tha cheumaibh uile ‘n an sith, Gnàth. iii. 17. Agus oh. ciod an tlachd, ciod a chomhfur-tachd, agus riarachadh anama a tha ri fhaotainn ann a bhì glu-asad annta! Ann am focal, tha sheirbhis uile ‘n saorsa iomlan, agus cha’n eil fior shaorsa ach na shlighibh agus na sheirbhis. Is a ràdh mòr a leugh mi ann an aon de na seann diadhairean. ” Cò,” a deir e, ” nach rìghicheadh? agus a rìghicheadh gu sona. Dean seirbhis do Iosa coibhneil, agus rìghichidh tò, do-bhrìgh gu’r e bhi deanamh seirbhis Dha-san fior righeachadh.” Mar sin chì thù nach eil aobhar firinneach air son smuaintean cruaidh mu Chriosd anns a chùis so, ach gu cinnteach calg-dhìreach an aghaidh sin. A reir sin, freagair, agus tilg dhiot gach aon dhe na maslaidean dubh sin a tha’n diabhol agus an t-eas-creidimh a tilgeadh air an Tighearna mhaith so; agus bì cinnteach gu’n cùm thù suas smuaintean maith Air, agus air a shlighibh, nì a chuidicheas gù mòr ann a bhi cur air adhart a phòsaidh so eadar Easan agus thusa.
(R’a leantuinn.)