Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1971 » February 1971 » Posadh an Anama ri Criosd

Posadh an Anama ri Criosd

Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 20)

4. Tha millseachd agus tlachd ann an Criosd.

Tha gach uile neach air an tarruig agus air an tàladh le sólas agus tlachd, a deir am bard. Ciod e nì ‘m peacadh, a nì mallaichte sin, sólasach agus tlachdmhor do na h-uibhir? ‘S cinnteach gu’r e a nì mòr sin, an sólas agus an tlachd a tha iad a faotainn ann, na co dhiubh a tha iad a gealtuinn dhoibh fein, gu’m faigh iad ann. Agus, dà-rìreadh, anns a choitcheanas, mar is milse agus is tlachdmhor a tha na nithean is ann is ullamha agus is ciocraiche a tha iad air gabhail riutha le clann nan daoine. C’ar son, uime sin nach biodh Criosd le tlachd air gabhail Ris leinne? Am bheil aon ann cho milis, cho taitneach, cho tlachdmhor Ris? Is e Tobar millseachd E cho maith ri bhi’n a Thobar oirdheirceas. Tha mì dha fhaoitainn cho milis, a deir duine naomh, ann a bhi labhairt mu Chriosd, agus ged a chuirinn mar fhiachaibh air mo ghràdh tionndadh air falbh bh’ uaithe, cha toireadh mo ghràdh ùmhlachd dhomh. Cia cho milis ‘s a tha ghràdh! “Is maith a ghràdh seach fion” Dàn i. 2 a deir a cheile. Is e so am fion milis sin “a theid sios gu milis, a’ toirt cainnte do bhilibh an dream a chaidleas.” Dàn vii. 9. Seadh, is e so a bheir air duine marbh labhairt agus a bhi beo, mar a tha duine diadhaidh dha chur. Innsidh daoine fein-fhiosrachail dhuibh gu’m bheil barrachd millseachd ann an aon teachd a nuas gràidh bho Chriosd na tha ann an uile shòlasan a pheacaidh agus a chreutair. Is e so a tha deanamh milis na h-àmghairean is géire; seadh; is e so a nì, agus a nì a mhàinn. am bàs fein milis, agus a nì comasach an t-anam buaidh fhaotainn thairis air, Rom. viii. 31-39. O cia milis am failceadh a tha ann an tobar gràidh Chriosd! Cia cho milis ‘s a tha thoraidhean! “Fodh a sgaile mhiannaich mì, agus shuigh mi sios, agus bha a thoradh milis do m’ bhlais.” Dàn ii. 3. Le a thoraidhean tha mì tuigsinn na cheannaich E le fhuil, agus buaidhean a ghràidh, sìth, maithneas, saoradh bho chionta, fireantachd, naomhachadh, agus naomhachd, a bhi air ar gabhail ruinn le Dia, agus an leithidean sin. Agus oh, cia cho milis ‘s a tha iad sin! Cia cho taitneach ‘s a tha iad! Cia an sólas agus an sàsuchadh leis am faod an t-anam creidmheach beathachd agus cuirm a bhi aige orra so! Cia cho milis ‘s a tha làthaireachd, agus coluadur, agus co-chomunn Ris! Thug so air an eaglais a bhi aoibhneach agus gairdeachas a dheanamh Ann, Dàn i. 4. Tha so, dà-rìreadh a cur an anama na shuidh aig fior dhorus neimh, far an abair e, “Is maith dhomh a bhi ‘n so.” Is e glaodh beannaichte anns am bheil mì faotainn aon dheth na h-aith-raichean a briseadh a mach: “Oh cia maith, agus cia milis! Oh cia maith agus tlachdmhor a tha bhi ‘n am chòmhnuidh maille riut, Iosa mhillis! conaltradh a bhi agam Riut, gu bhi cur an ceill Dhuit cùraman m’ anama, agus a bhi seilbheachadh do chomhfhurtachdan! ” Agus a ris ann an àite eile, “O Iosa ro-mhilis agus ro-ghràdhach, cia cho milis ‘s a thà e a bhi smuainteachadh ort! Oir am feadh ‘s a tha sinn a labhaint agus a smuainteachadh ort, tha thù air dòigh ro-mhilis a làthair maille ruinn, agus thà ar ‘n anamaibh air an lionadh le tlachd ann am fàileadh cùbhraidh t-ol ùngaidh. “Agus fathasd aon uair eile; O Thighearn, ‘n uair a chomphàrtaicheas mì aig am air bith ann a t-aoibhneas, ann a bhi labhaint air aoibhneas co-chomunn Ris, glaothaidh mì mach, A Thighearn, is maith a bhi’n so; deanadh-mid trì pàilleanan an so, aon do chreidimh, aon do dhòchas, aon do ghràdh.” Agus dà-rìreadh, co nach faigh milseachd nach gabh a bhi air a choibheas, sòlas, agus sàsuchadh ann? ‘S e so a tha lionadh cuid le aoibhneas do-labhaint agus làn de ghloir, eadhon an so! agus ‘s e so a bhios na aoibhneas agus na tlachd air neamh gu bràth. Anns gach dòigh tha Criosd na raoin de sholus, Pàras de dh’ aoibhneas, agus dearbh thobar na h-uile tlachd: O c’ar son, c’ar son, uime sin, nach biodh E ni bu taitniche agus ni bu ghràdhaichte dhuinne?

5. Tha buan-mhaireannachd agus neo-chaochluidheachd ann a’ Criosd;

nì air dhà bhi air a chur ris na nithean a dh’ ainmicheadh a cheana, a thà dhà dheanamh gu neo-chriochnach nì’s taitnich agus nì’s airidh air gabhail Ris: faodaidh tomhas de luach, tomhas de dh’ fheumalachd, tomhas de fhreagarachd, tomhas de mhillseachd agus do tlachd a bhi air faotainn anns a chreutair, ach mo-thruaighe beagaichidh so a bhi gabhail tlachd anns na h-uile, gu’r e th’annsa uile ach nì a tha seargadh, a bàsachadh, agus ag atharrachadh. Agus dà-rìreadh, gach nì a tha gearr, agus air son uine bheag, cha’n urrain e bhi’g agradh còir air gabhail ris ann an tomhas mòr. Ach a thaobh Chriosd, tha e maireanach, siorruidh, agus gu’n chaochladh; is E’n “Tì ceudna, an de, an diugh, agus gu siorruidh.” Eabh. xiii. 8. A nì a bha E, tha E, agus a’ nì a tha E, bithidh E mar sin gu bràth; bha E ro-oirdheirc, ro-fheumail, ro-fhreagarach, ro-mhilis agus ro-tlachdmhor do dh’ anamaibh; agus mar sin tha E, agus bithidh E a gnàth. Tha E, mar a tha aon dheth na h-athraichean dha chur, neo-chaochluidheach, tha E’g atharrachadh na h-uile nì, ach tha E Fein neo-chaochluidheach, cha robh E riamh nuadh, na sean, Uime sin mar an ceudna, tha Criosd Fein ag innse dhuinn gu’r E’n Alpha agus an Omega, an Tì a bha, agus a thà, agus a thà ri teachd, Tais. i. 8. Tha E a ghnàth a nì ceudna ann an gràdh, ann a’ maise, ann an lànachd, ann an dilseachd, agus anns na h-uile nì a tha ion-mhiannaichte. Agus, oh, cia cho taitneach agus cho airidh air gabhail Ris ‘s a thà so dha dheanamh! tha h-uile sòlas a bhos an so a seargadh agus ag atharrachadh; tha atharraichidhean agus cogaidhean a teachd oirne, mar a tha Iob a labhaint; seadh tha cuid againn gach latha a feitheamh air son ar ‘n atharrachadh mòr agus deireannach. Ach oh, beannaichte gu robh Dia, cha searg Criosd, cha’n atharraich Criosd. A’ nì a bha E, agus a rinn E do dh’anamaibh ‘s an am a chaidh seachad, tha E gu bhi deanabh do dh’ anamaibh, agus is urrain E a dheanabh an deigh so: oir tha E fathast ri teachd: mar a bha E agus a tha E, mar sin tha E ri teachd, nì is e focal milis. Anam bhochd, thuige so, faodaidh e bhi, chaidh thù air adhart tre t-obair agus do chogadh le beagan de chomhfhurtachd agus de mhisneachd: ach ‘s e nì a tha dha’d mhuchadh agus a cur eagal ort a bhi smuainteachadh air na tha rì teachd. O, a deir thù, na deuchainean a tha ri teachd! na stoirmeanan agus na doineanan a tha ri teachd! na buairidhean a tha ri teachd! Seadh, anam, air son do mhisneachd fodh so uile, bitheadh aithne agad ge b’e a tha ri teachd, gu’m bh’ eil Criosd ri teachd mar an ceudna. Am bheil deuchainean ri teachd? Tha Criosd ri teachd mar an ceudna. Am bheil duilghideasan agus buairidhean ri teachd? tha Criosd ri teachd mar an ceudna. Am bheil stoirmeanan ri teachd? Tha Criosd ri teachd mar an ceudna. Agus am feadh ‘s a tha Criosd ri teachd, na biodh eagal ort; a mhàin duinn a stigh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh, agus dean do chuid fein Dheth, an sin thigeadh a nì a thig, thigeadh a nì is urrain teachd, bithidh gach nì gu maith. Mar sin tha Criosd anns a h-uile dòigh taitneach, agus gu neo-chriochnach taitneach; agus, anam, ma thig thù gu bràth gu bhi air do phosadh Ris, gabh còmhuidh gu mòr ann a bhi beachd-smuainteachadh air cho taitneach ‘s a tha E. Saoithrich gu bhi ann an seilbh air mothuchadh ùr, domhain, agus làthail, air cho tlachdmhor ‘s a thà E, nì a tharrugeas gu milis agus a thàlaidheas t-anam dha ionnsuidh.

(r’ a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice