VII. Am bu mhaith leat da-rìreadh a’ bhi air do phòsadh ri Criosd? an sin bi cìnteach gu’n socraich thu do chreidimh gu ceart Air, agus gu’n dùinn thu stigh gu h-eufachdach Ris ann an rathad creidimh. Is e creidimh an gràs a tha’n dà chuid gu mòr ag aonadh agus a toirt còir ann an Criosd. ‘S e sin, mar a chaidh a chur an ceill a cheana agus mar a chaidh a dhearbhaidh, a tha cur Criosd agus an t-anam ann am broilleach agus ann an glacaibh gràidh aon a cheile, agus leis am bheil an snaim pòsaidh air a cheangal eatorra. Na’m biodh tù gu bràth, uime sin, da-rìreadh air do phòsadh Ris, amhairc gu maith ri do chreidimh, faic gu’n socraich thù gu ceart Air-san e, a dùnadh a stigh Ris, agus dha dlùth ghabhail a t-ionnsuidh; cha’n ann le leth-shuim ach da-rìreadh; cha’n ann gu cealgach, ach da rìreadh agus gu toilteach. Ach an so, Cia mar is urrain sinn ar creidimh a leagadh gu ceart, a chùm agus gu urrain gu ceart ar creidimh a leagadh gu ceart air Críosd, a chùm agus gu’m faigh sinn aonadh pòsaidh agus co-chommunn Ris? Feumaidh trì nithean a bhi air an deanamh a chùm na criche sin, a bu mhath leam sibh a dh’amharc gu maith orra.
- Faicibh gu’n treig sibh gu h-iomlan sibh fein.
- Saothrichibh gu bhi faighinn sealladh ceart agus eolas air Críosd.
- Bithibh cinnteach air roghainn cheart a dheanamh Dheth, air dhuibh amharc Air mar so.
An socraich sibh ar creidimh gu ceart air Críosd, agus am bì sibh da-rìreadh air ar pòsadh Ris? An sin faicibh gu’n treig sibh gu buileach sibh féin. Tha féin agus creidimh an t-astar is moth a bho cheile agus anns an naimhdeas is moth a ri cheile is urrainear a smuainteachadh; tha iad do-réitichte an aghaidh a cheile; agus far am bheil creidimh a gabhail àite, an sin tha féin a dol as an t-sealladh agus a bàsachadh air falbh, agus sin uile, na uile bheachdan, agus le adhartasan. Uime sin, tha Críosd ag ràdh, “Ma’s àill le neach air bith teachd ‘a m’ dhéigh-sa, àicheadhadh se e féin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise, Mata xvi, 24. Aicheadh se e féin, cuireadh e cùl ris féin, rachadh e mach as féin, thigeadh féin gu bhi na neo-ni dhà. Agus, gu dearbh, an t-anam a chreideas ann an Crìosd, theid e mach gu h-iomlan as féin, chì agus fairichidh e a bhì anns na h-uile seadh bochd, falamh, agus na neo-ni; chì agus fairichidh e a neart a bhi na laigse; a ghliocas a bhi na h-amaideachd; a mhaise a bhi na duaichnidheachd; fhireantachd a bhi na peacadh; na h-uile nì a bhi na neo-ni. Agus mar sin feumaidh sin a bhi ma chreideas sinn gu bràth chùm agus gu’m faigh sinn aonadh ri Críosd. O luchd mo ghràidh, is e aon de na nithean mòr a tha seasamh eadar creidimh agus sinne, eadar Críosd agus sinne, an fhèin. Is e so da-rìreadh gràdh an anama, an ceud-ghin, mar a tha neach dha ghairm, a ghràdh agus a thlachd, agus tha e leisg air dealachadh ris; ach dealachadh ris feumaidh e, ar neo cha’n urrain e creidsinn gu ceart, cha mhotha tha e gu bràth coltach ri cuid na crannchur a bhi aig ann an Críosd. Gach uile cheum a mach asainn fein is e th’ann ceum a dh’ionnsuidh Chríosd, agus creidimh ann an Críosd; agus feumaidh sinn a bhi air ar dealachadh ris an aon, ma bhios sinn gu bràth air ar pòsadh ris an aon eile; gu sònraichte feumaidh sibh a bhi air dealachadh agus a cur cul ris an fhéin, gu sònraicht’ anns an t-seadh trì-filte so; féin-thoil, féin-luach, agus féin-iarruidh.
(1) Feumaidh sibh a bhi treigsinn agus a cur cùl ri féin-thoil.
Esan a tha da-rìreadh a creidsinn, feumaidh e ann seadh gu’n a thoil féin a bhi aige idir, ach a thoil a bhi gu h-iomlan air a leaghadh agus air a liubhraigeadh gu h-uile ann an toil Chrìosd. Mar sin thà e air a ràdh gu’m bheil an eaglais umhail do Chriosd. Ephes. v. 23. Tha sinn ullamh a bhi beo dha ar toil féin, agus tha sinn ro-dhéidheil air ar toil féin, agus air ar suidheachadh oirre, agus sin ge b’e cho calg-dhireach ‘s a tha sin an aghaidh toil Chriosd. Ach ma chreideas sinn a chùm gu’m faigheadh-mid aonadh ri Chriosd, feumaidh ar toil cheannairceach lùbadh, ar toil uaimhreach tighinn a nuas, agus feumaidh sinn anns na h-uile ni, a mheud ‘s a tha sin comasach, striocadh, agus a bhi air a deanamh thairis do thoil Chriosd. Agus le aobhar maith, oir ‘s e a thoil riaghaitl a mhaithneas, cho math ri ceud-aobhar na h-uile ni. Cha’n fheum sinn smuainteachadh, no a ràdh, is tighearnan sinn, ach feumaidh sinn lùbadh do Chriosd mar an Tighearn mòr, agus an aon Tighearn.
2. Feumaidh sibh dealachadh agus cùl a chur ri féin-luach, agus féin-fhireantachd;
Feumaidh sibh cùl a chur ris gach uile luach agus fhireantachd a bhuineas dhuibh féin ann an gabhail ribh le Dia. Is e focal mòr a tha mi labhairt ribh; tha dleasdanasan dhaoinne, beo fodh’n t-saoghal, a cumail cha mhòr uibhir bho Chriosd agus a creidsinn Ann. agus a tha am peacaidhean a deanamh: tha mi ciallachadh le sir mar a tha gràdh am peacaidhean a cumail cuid bho Chriosd, mar si tha muinghin ann an dleasdanasan, muinghin ann am féin-luach, an am féin-fhireantachd, a cumail aireamh mhòr do dhaoinne eile bho Chriosd agus a bhi creidsinn Ann. Agus ‘s e firinn a th’ann, a luchd mo ghràidh, ‘s e’n chuibhrionn so de’n fhéin an iodhol is mothu th’aig an anam, agus a’ ni sin a tha daoine gu h-iongantach leisg air dealachadh agus cuir cùl ris; agus gu dearbh tha e aig amanaibh air a dheanabh cho maiseach, agus mar gu’m b’eadh, air a dheanabh cho spioradail, a faotain cleachdadh le leithid do dh’ardachadh, agus air a chur a mach de neamhnaidean, agus, gu’n toireadh e air neach air bith a bhi ann an gràdh air. Ach gidheadh an iodhal so, cho gràdhach ‘s gam bheil e do’n anam, féumaidh e bhi air àicheadh agus air a chur air cùl; féumaidh an aon ghràdhach so a bhi air a thilgeadh air falbh, agus sin le gràin agus aognachadh, cho fad ‘s a thà tearnadh an anama air a gabhail a stigh, ma thig thù gu bràth gu bhi creidsinn Ann, agus air t-aonadh ri Chriosd. Agus an t-anam a tha da-rireadh a creidsinn, tha e’g amharc air fein mar an creutair is bochd, an creutair is gràineil, agus is sgioste anns an t-saoghal a dh’aideoin a h-uile ni; thà e dha thilgeadh féin, cha’n e mhàinn a luideagan, ach fhallainn mar an céudna; a shochairean uile, a dheanadasan uile, oirdheirceasan uile agus na nithean air an d’rainig e, mar nithean air an robh e taiceachadh air son beatha agus slàinte; mar a tha fios agaibh a rinn Pòl, Phil. iii. 8, 9, mu’n labhair sinn tuilleadh an déigh so. ‘S e cainnt an anama, ann an Obair a chreidimh a leithid so; Tha mi gu bochd, salach, na mo nì falamh annam féin; tha mi na mo nì falamh, cha’n eil nì annam ach peacadh, cha’n urrain mì nì dheanamh ach a toirt oilbheum agus a brosnachadh Dhé, agus cha’n eil mì toilteanach air nì ach gruaim agus bàs bh’uaithne. Na bhios mì gu bràth air mo shaoradh, is e saor ghràs a dh’fhéumas mo shaoradh; ma gheibh mì gu brìth deagh-ghean ann an sealladh Dhé féumaidh e tighinn gu h-iomlan bho ghràs ann an Criosd. Mo thruaigh! dh’imich mì calg-dhùreach an aghaidh Dhé fad mo làithean uile.
(R’a leantuin)