Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1971 » June 1971 » Posadh an Anama ri Croisd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuinn bho t.d.)

Posadh an Anama ri Croisd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672) (Air a leantuinn bho t.d.)

Bha’n ðà chuid mo chridhe agus mo bheatha I àn naimhdeas agus brosnachadh ‘n a aghaidh, agus thà mo dhearbh dhleasdanasan dha’m dhìteadh, air bhì do’m fhìreantachd is fearr mar luideagan salach, Isaiah lxiv. 6. Agus gu’n teagamh gus an tig e gu so dhuinn, thà sinn coltach ri fantuinn ‘n ar coigrich do Chriosd. Cha cha’n nì ach so fathasd air a phùing so, nacheil daoine anns an t-saoghal cho fad bho Chriosd, agus aonadh Ris tre chreidimh, na iadsan a tha’g earbsa na’n luach féin, agus na’m fireantachd féin. Tha Criosd féin ag innse dhuinn, gu’n teid na cis-mhaoir agus na striopaichean a stigh do rioghachd neamh air thoiseach orra sin. Mata xxi.31.

(3) Feumaidh sibh a bhi treigsinn agus a cur cùl ri féin-speis;

‘s e sin ri ràdh, feumaidh sibh dealachadh ris na h-uile nì, feumaidh sibh cùl a chur ris na h-uile nì a tha gu buannachd hò’n leth a muigh agus ris a h-uile cùram ach Criosd ‘n uair a ghaireas e sibh dha ionnsuidh, a smuainteachadh nach eil nì air bith tuilleadh ‘us mòr, na tuilleadh ‘us maith air a shon: tha Criosd sonraichte air a phuing so: “An tì a ghradhaicheasathair no mìthair na’s mo na mise, cha’n airidh orm e: agus an tì a ghradhaicheas mac no nighean os mo cheann-sa, cha’n airidh orm e. Mata x.37. Agus a ris, “Mar sin mar an ceudna, gach neach agaibh-se, nach tréig na h-uile nithean a tha aige, cha’n eil e’n comas dà bhu ‘n a dheisciobul dhomh-sa. Lucas xiv.33. Ann am focal, ‘s e so is ciall dha, cha’re gu bheil na h-uile a thig a dh’ionnsuidh Chriosd ri bhi gu h-achdaidh a treigsinn na nithean sin uile, agus ri bhi g’ aicheadh sonas na’n nithean sin, ach se’s ciall dha, an toiseach, ach gu’m biodh gradh gle bheag againn ann an coimeas ri Criosd; agus anns an dara h-aite, Gu’m féum sinn dealachadh ris na h-uile nì air son Chriosd, aig gairn Chriosd. Agus gu fhrinneach, tha e reusanta gu’m biodh e mar so: Ean gu h-achdaidh a dhealaich ris na h-uibhir air ar son-ne, tha E gu h-iomlan airidh gu’m biodh-mid deiseil gu dealachadh ri cuid dheth ar beagan air a shon-san. Mar sin, feumaidh sinn gu h-iomlan dealachadh agus cùl a chur a rinn féin, na’n creideadh-mid da-rìreadh ann, agus gu’m biodh aonadh againn ri Criosd.

(2) An cuireadh sibh ‘ur creidibh ann an Criosd gu ceart, agus am biodh sibh da-rìreadh air ‘ur pòsadh Ris?

An sin deanamh saothir gu beachd agus tuigse cheart Air mar Chuspair mòr a chreidimh. ‘S e aobhar air son am bheil moran a tighinn gearr na’n creidimh, agus a tighinn gearr air Criosd, an aineolas Air; cha’n eil eolas na tuigse cheart aca air Criosd, mar Chuspair mòr a chreidimh; agus, da-rìreadh, mar eil eolas na tuigse cheart againn air Criosd, cha’n eil sinn coltach rì ar creidimh a shuidheachadh gu ceart Air: tha’n t-Abtol ag ràdh, “Agus cionnus a chreideas iad anns an tì air nach cual’ iad iomradh? Rom.x.14. “Cia mar a chreideas iad? ‘s e sin, cha’n urrain iad creidsinn gu ceart ann an Aon nach robh air fhoillseachadh, agus air a dheanamh aithnichte dhoibh. Cha’n eil creidimh aineolach, dàll, coltach gu bràth a bhi righeachd air aonadh agus cochommunn rì Criosd, agus, a luchd mo ghràidh, ma chreideas sinn gu ceart, ann an Criosd, feumaidh eolas ceart, a bhi againn Air. Tha creidimh, anns na sgriobtur, aig amaibh air labharrt air mar eolas. Eoin xvii.3. Cha’n e gu’ e eolas leis fein na h-uile nì a tha feumail do chreidimh; ach tha e cur an cèill an uibhir so dhuinn, gu’m bheil eolas air Criosd cho do-sheachainte feumail do chreidimh, agus nach eil fior chreidimh ann as eugmhais. Uime sin, mar an ceudna, tha Criosd a labharrt mu bhi faicinn roimh a bhi creidsinn a Mhic, agus a creidsinn Ann, a bhi faicinn roimh a bhi creidsinn, agus a bhi faicinn a chùm a bhi creidsinn. “Agus is i so toil an tì a chuir uaith mì, gu’m biodh a bheatha mhaireannach aig gach neach a chì a Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. Eoin vi.40. Le bhi faicinn a Mhic, tha sinn ri bhi tuigsinn fior eolas air Criosd. Uime sin, mar an ceudna, iadsan a thig gu Criosd, agus a chreideas Ann gu sláinteil, tha E’g ràdh dha’n taobh, gu’m bheil iad air an teagasg le Dia, agus gu h cuala agus gu’n d’fhoghllum iad bho’n Athair. Eoin vi.45. Agus guidheam oirbh, ciod a tha air a theagasg dhoibh le Dia? Ciod a dh’fhoghllum iad bh’uaith, ach eolas air Criosd mar Chuspair mòr a chreidimh? co dhiubh’s e so aon leasen mòr a tha iadsan uile a tha creidsinn a deanamh agus a foghlum. Ma gheibh thù gu brath do chreidimh a shocrachadh gu ceart air Criosd, saoithrich gu aithne agus tuigse cheart a bhi agad Air, mar a tha E air fhoillseachadh agus Air a thaligse anns an t-soisgeul: gu sònraichte.

(1) Gabh beachd agus tuig ann a’ nàdur a dhiadhachd.

Tha n soisgeul dha fhoillseach na dhiadhachd, tha e dha chur fodh chomhair ar creidimh, mar Dhia, mar am fior Dhia, mar an Dia mòr, mar an Dia cumhachdach, mar an Dia os ceann na’n uile, Agus mar so bu chòr do chreidimh beacdachadh Air agus a thuigsinn; mar so bheachdaich creidimh Thòmais Air, n uair a thobhlairt e, Mo Thighearn, agus mo Dhia, Eoin xx.28. Agus, da-rìreadh, cha’n urrain ach Diadhachd, neo-chriochnach, siorruidh, neo-chaochluidheach, a bhi na bunait laidir gu leoir gu creidimh a thogail oirre.

(2) Gabh beachd agus tuige e’n a do dha’imh phearsanta;

Cha’n e mhàinn mar Dhia, ach mar an ceudna mar Dhia a’ Mac, agus mar sin dealaichteris an Athair. Mar sin tha’n soisgeul a foillseachadh agus dha chur fodh chomhair ar creidimh; agus mar so bu chòr dha’ur creidimh beachdachadh air agus a thuigsinn. Is ann mar so a dh amhaire creidimh Pheadair, agus a thuig e, maille ri càch an ainm an do labhair e. “Agus tha sinn a creidsinn, agus tha fhiros againn gur tusa Criosd Mac an Dé bheo. “Eoin vi.69. Buinnidh urram shònraicht dha gach aon fodh leth de na pearschan anns an Trianaid naomh: agus mar is soilleir a chi ar creidimh agus a thuigease e Criosd na dha’imh phearsanta, mar Mhac, is ann is iomlaine thà e, agus s ann is mothair bheir e Dhà an t-urram a bhuinneas do n daimh sin.

(3) Beachdaich agus tuig e E’n a dhaonnachd mar Mhac Dhé air a dheanamh’n a fheoil.

Tha’n soisgeul a foillseacadh agus a cur fa’r comhair Criosd mar Chuspair a chreidimh; cha’n ann uile gu léir mar Dhia, agus mar Dhia a Mac, ach mar Dhia a Mac air a dheanamh n a fheoil, mar tha am Focal air a dheanamh na fheoil, Eoin I.14., na mar Dhia air fhoillseachadh anns an fheoil, I.Tim.iii. 16m, mar a gabhail nàdur na daonnachd ann an aonadh pearsanta ris Fein, agus mar sin a tha E’n a Dhia agus’n a dhuine ann an aon Phearsa; agus a ann mar so a bu chòr do chreidimh amharc Air agus a thuigsinn: tha E’g ràdh, “Tha si bh a creidsinn ann an Dia, creidibh annam-sa mar an ceudna. “Eoin xiv.1. Bh’uaith so tha e gu’m bheil e Labhairt cho tric ma bhi’g itheadh fheola, agus ag ol fhuil; agus a bhi toirt fheoil air son beatha an t-saoghail: agus mar an ceudna, gu’r biadh gu firinneach fheoil, agus gu’: e deoch gu firinneach fhuil, Eoin vi.51,53-.56. Le so uile tha E comharrachadh a mach dhuinn, gu’m feum ar creidimh bhi dol a mach agus dha thuigsinn mar dhuiine cho maith ri mar Dhia; mar a Mac Air a dheanamh na fheoil; agus da-rireadh mar sin the E gu sonraichte na Chuspair a chreidimh. ‘S e’n Diadhachd Cuspair a chreidimh air mhodh sonraichte. ach ‘s e Criosd a Mac air a dheanamh na fheoil, an ath Chuspair a chreidimh; uime sin tha e air a radh troimh-san gu’m bheil sinn a creidsinn ann an Dia, I.Pead. 1.21. Tha creidimh an toiseach ag amharc ri Crisod mar dhuiine, mar a Mac air a dheanamh ‘n a fheoil, agus troimh-san a tighinn fa’ dheoidh gu bhì dha thilgeadh fein air Dia. ‘S e’n daonnachd, mar a tha neach dha chur, an dorus a chum na Diadhachd, ‘a nì sin leis am bheil ar creidimh a dol air adhart a chum na Diadhachd. Agus mar a tha diadhaire mòr ag radh, esan nach tig a chum Chriosd mar dhuiine, cha tig e gu bràth dha ionnsuidh mar Dhia. ‘S e’n fhirinn a th’ann, cha’n urrain creidimh deiligeadh ri Dia mar a tha E ann fein a mhainn, ach mar a tha Dia air a chomhdach le ar nàdur.

(R’a leantuininn)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice