Tha’n t-anam a tha greamachadh air Criosd (mar a thuirt sinn a cheana) a toirt toil dha, agus a cur aonta Ris mar an Slànuighear is fearr, agus is freagarrach, agus is ro-ghràdhaichte, agus an Cuspair is ionmholta air neamh na air talamh. Abraidh an t-anam mu Criosd mar a thubhairt iad mu Thir Chanain, “Am fearann a chaidh sinne troimh g’a rannsachadh, is fearann ro-mhaith e,” Air. xiv, 7. Mar sin, tha’n Criosd so, a deir an t-anam, na Criosd ro-mhaith, tha’n Slànuighear so ro-mhaith; cha’n eil aon ann cosmhuil Ris, cha’n eil maith ann cosmhuil r’a mhaith-sa san, cha’n eil full coltach r’a fhuil-san, cha’n eil lànachd coltach ri a lanachd-san, cha’n eil gràdh coltach ri a gràdh-san.
(2) Tha’n t-anam dha mhiannachadh, agus fadachd air ‘os a dheigh, le aigneadh laidir, dian, agus luthmhor. Tha so air ainmeachadh acras agus tart an deigh Chrìosd, Mara v, 6. Tha’n t-anam a faicinn Chrìosd, agus ag aontachadh Ris, a glaothaich le fadachd, O, a Chrìosd, A Chrìosd! O gu-m biodh an Chrìosd maith so agam mar mo chiud fein!
(3) Tha’n t-anam tre ghràs gu milis agus gu cumhachdach air a shocrachadh air Criosd; a chùm a bhi gu h-achdadh a deanamh roghainn shòlaimte agus dhaingnichte dheth; dha chomharrachadh a mach bho’n a h-uile nó eile air neamh agus talamh mar a maith is fearr agus is ion-mhiannaichte, agus rò-airidh air a ghlaicaibh gràdhach agus dlùth. Tha’n t-anam a nis a cur a roghainn air Criosd mar a Cheann agus Fhearposda, a Thighearn agus a Shlàn-uighear; fhois, ionmhas, aoibhneas, uile gu brath. Nis leis na ceumaibh sin, faic gu’n tig thu suas ri roghainn air Criosd; bi cinnteach gu’r a toil leat E, agus gu’m bheil thu beachdachadh Air mar an Cuspair is fearr agus is ion-mhiannaichte air meamh agus air talamh. Gu cinnteach, ma dh’amhairceas tu Air gu ceart cha’n urrain thu gu’n tlachd a bhi agad Ann, agus gu’n toil a bhi agad Ann. Faicibh gu’m bi miann bhur n’anamaibh da-ríreadh dha ionnsuidh os ceann gach neach eile. Faicibh e, gus an gràdhaich sibh e, seadh, agus bithibh cinnteach nach gabh sibh fois, gus am faigh subh bhur toil gu milis agus gu cumhachdach air a socrachadh Air, cho sonraichte Air agus gu’m bi sibh a deanamh roghainn shaor, shòlaimte, agus chinnteach dheth, a dol seachad air a h-uile fear-gràidh eile, agus dha ghabhail-san a mhainn a stigh do bhroileach agus do ghlaicaibh ar creidimh agus bhur gràidh. A nis, chùm gu’m bi sibh cinnteach dhe bhi deanamh roghainn cheart de Chrìosd, a leithid de rogháinn air Criosd agus a chumas e dhuibhse, agus a cheanglas an snaim pòsaidh eadar E san agus sibhse, beachdaichibh air na sià riaghailtean mòr so.
(1) Bithibh cinnteach gu’n roghnaich agus gu’n gabh sibh ‘n ar glacaibh Criosd Fein, agus cha’n ni air choir-eigin coltach Ris. ‘S e focal mòr fein-rannsachail a tha diadhaire urramach ag ràdh: “Tha mòran, a nis,” a deir e, “a gabhail Chriosd le amas; ach bithibh-se cinnteach gu’r e Esan a tha sibh a gabhail, agus Esan a mhàinn, a tha sibh a dlùth-ghabhail thugaibh; a ghuth gràdhach a ghnùis, obair ghrasmhor anns an anam innsidh gu luath dhuibh an Esan a th’ann no nach e.” mar sin tha mi ag ràdh, bithibh cinnteach gu’r e th’ann; tha mòran a deanamh iomrall a thaobh a chuspair, dùinidh iad a stigh ri neach eile an àite Chriosd: aig a chuid a fearr roghnaichidh iad chibh rionn Chriosd, a schochairean, a cothroman, na cheannaich E, ach cha’n e a Phearsa. Ach ‘s e mo chomhairle dhuibhse, na sochraichibh air ni air bith goirid air Pearsa Chriosd; an sin tha bhuir creidmh raobh thall dheth gach teagamh air a shuidheachadh air Crìosd, ‘n uair is e Crìosd Fein agus cha’n e bhuannachdan, agus a schochairean a mhàinn, a tha air an roghnachadh agus air gabhail riutha. Tha pòsadh, ma tha e ceart, eadar pearsa agus pearsa, cha’n ann eadar pearsa agus coibh rionn, s e th’ann sin ach ni tha leantuininn a phòsaidh. Mar sin anns a phòsadh spioradail so, cha’n eil creidimh a pòsadh an anam ris a chuibh rionn, sochairean, agus cothroman Chriosd; ach ri Crìosd Fein. Gu cinnteach, cha’n eil mi’g ràdh nach eil fior chreidimh a toirt dha’n anam còir ann uile schochairean, cothroman, agus na cheannaich Crìosd. Ni moth a tha mi’g ràdh nach eil suil aig an anam ris na nithean sin, agus speis dhuibh sin ann na roghainn agus na dúnadh a stigh ri Crìosd; Seadh, anns an àbhaist, so na ceud nithean a th’aig creidimh fodh chomhair a shùl. ‘S a cheud ni air an amhairc an t-anam, agus a tha e air a thogail leis ‘n uair a tha e air a tharruig gu Crìosd, anns an àbhaist, an t-sìth sin, a maithneas sin, an fhurean-tachd sin, am t-saorsa sin bho’n pheacadh, am bas, an isfìnn, a tha e faicinn a tha air a tasgadh suas ann an Crìosd do dh’anamaibh. Ach ged a tha na nithean so mar sin, theid an t-anam ni’s aird, agus feumaidh e dhol, feumaidh e amharc air, agus sochrachadh air Crìosd ar neo cha’n eil a chreidimh cho ceart agus cho iomlan ‘us a bu chòr dha bhi. Is e Pearsa Chriosd tobar mòr na’n uile ghràs, agus uile fhoillseachaidhean bho Dhia dhuinne: agus mar sin dùinidh creidimh a stigh ri a Phearsa. Tha creidimh ceile Chriosd coltach ri bhi deanamh so, Dan v. 10. Bha a sùil air maise phearsanta agus glòir Chriosda, agus mar sin tha i dúnadh a stigh le a creidimh agus a gradh. Uime sin, mar an ceudna, tha leitheid so de chainnt againn tric; Dh’iarra mi esan do’m bheil gradh aig m’anam; agus, Am faca sibh Esan da’m bheil gradh aig m’anam? Bha a gradh agus mar sin a creidimh air an suidheachadh air Crìosd Fein; agus mar so tha sibhse a suidheachadh ‘ur creidimh agus ‘ur gràidh Air; agus mar sin bithidh sibh cinnteach gu’n a dhol an iomrall air àonadh pòsaidh agus co-chommunn Ris.
(R’a leantuininn)
Holy hearts make holy tongues.. The Holy Spirit, both in his miraculous, and in his common gifts delights to work upon tongues. The tongue is the glory of the man, and when grace purifies it, it sets forth the glory of God.
Spurgam.