Roderick MacDonald, Stockinish, Harris
Roderick Macdonald (Ruairidh Beag) was born in Stockinish, Harris, in 1879. His mother was widowed in early life. She was a godly, industrious and shrewd woman, who reared her family in true Christian ways.
As a young man Roderick married and was blessed with a large family of four sons and three daughters. His wife and two sons predeceased him by a few years.
Late in life he came forward to the Lord’s Table. His exemplary life left a good impression on his family and neighbours. He was asked by the kirk-session if he would consider accepting the office of eldership, but he respectfully and humbly declined.
Always willing to help the cause of Christ, he occasionally presided at services in Tarbert and Stockinish. We are told that his discourse were refreshing, edifying and usually brief. In speaking to the ‘Question’ his manner and matter commanded attention.
After his wife’s death his daughter-in-law in Cluer tenderly cared for him. Latterly his daughter in Seilabost lovingly nursed him. In his last illness he showed much patience, and as in previous trials he exhibited gracious submission to the holy will of God. In 1968, at the age of 89 years, Roderick passed away to his everlasting rest.
A.M.K.
Posadh an Anama ri Criosd Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leanntuininn)
Bithibh cìnnteach gu’n róghnaich sibh Criosd slan agus cha’ne cuid Dheth a mhain. Tha mi ciallachadh le sin, faicibh gu’n roghnaich agus gu’n gabh sibh ri Criosd na uile dhreuchdan, mar Righ cho math ri E bhi na Shagart, mar Thighearn cho math ri E bhi na Shlàn-uighear; agus mar na h-uile dhreuchdan, mar sin anns na h-uile chrioichaibh agus feuman air son na shònrachd Dia E, agus na dh’fhoillsich an soisgeul dhuinn E; air son naomhachd cho math ri air son fireantachd, air son naomhachadh cho math ri fireanachadh. Cha leig mi leas innsidh dhuibh, gu’m bheil Criosd na Thighearn agus na Righ, cho math ri bhi ‘n a Shlànughear, agus air an doigh so tha E air fhoillseachadh agus air a thairgse anns an t-soisguel dha ar creidimh. “Esan dh’ardaich Dia le a dheas laimh ‘n a Cheannard agus na Shlànughear, a thoirt aithreachais agus maithenas pheacaidhean do Israel.” Gniomh v. 31 Agus iadsan a ghabhas E mar Shlànughear gu maithenas a thoirt dhoibh, feumaidh iad E mar Cheannard gu aithreachas a thoirt dhoibh: agus tha fios agaibh gu’m bheil fois Criosd agus a chuing a dol cuideachd ann an tairgse an t-soisgeil. Mata xi. 28, 29. Cha’n eil agam ach innse dhuibh gu’n do shuidhich Dia E, agus gu’m bheil an soisgeul dha fhoillseachadh a chum a bhi dhuinne na naomhachadh cho maith ri bhi ‘n a fhireanachadh. Mar sin gheibh e gu sonraichte air a chur an ceill ann an I. Cor. i. 30. Mar sin, an sin tha sinn a roghnachadh Criosd, agus dha ghabhail thugainn gu ceart ‘n uair a tha sinn dha roghnachadh agus dha gabhail thugainn fodh gach beachd dhuibh sin; ‘n uair a roghnaicheas agus a ghabhas sinn thugainn E, cha’n e mhainn mar Shlànughear, ach mar Thighearn mar an ceudna; cha’n ann a mhainn mar Shagart, gu bhi toirt maithenas agus reite dhuinn, ach mar an ceudna, gu bhi riaghladh, a ceannsachadh, agus a toirt aithne dhuinn; cha’n ann a mhainn mar ar fireantachd gu ar fireanachadh, ach mar thobar gràis gu bhi dha ar deanamh naomh; agus mar so tha fior chreidimh a róghnachadh agus a gabhail thuige Criosd. Gu cinnteach, deir neach, Anns an Tighearn tha agam fireantachd agus neart, Isaiah x lv. 24. Gabh beachd, tha creidimh a róghnachadh Criosd, cha’n e mhainn air son fhireanachadh, ach air son a neart mar an ceudna; fireantachd air son fhireanachadh, neart air son naomhachadh agus naomhachd. ‘S e cainnte Criosd do’n anam na thairgse air Fein; Anam bhochd, tha thu marbh, cailte, ann an suidheachadh anns am bheil thu dhith; tha Dia ann am feirg riùt, tha ifrinn fosgailte air do shon, tha ceartas a glaothaich gu h’ard air son dioghlais ‘n a t-aghaidh; agus cha’n eil ðochas, na cobhair, na sláinte air do shon, ach annam-sa agus tromham-sa, agus aonadh rium-sa; agus feuch! tha mi toillich mi-fein a thoirt, dhuit, maillé ri’m uile lanachd: ach cuimhnich so, gu’n riaghail agus gu’n árdaich mì thu: ma bhios mì a’m Slanuighear dhuit, bithidh mì mar an ceudna a’m Thighearn agus a’m Righ: ma bhios cuid agad ann am shaorsa, feumaidh tu bhi toilichte a bhi giullain mo chuinge, a bhi cromadh dha mo slat-riaghlaidh, a bhi geilleadh agus do mo laghanan. Mar sin, ‘s e cainnt creidimh, ma tha e ceart, so; Tha mi toilleach, a Thighearn, tha e freagarach, gu’m bì Esan a tha tearnadh a riaghladh agus gu’m bì an riaghladh Aige; gu’m bi Esan a tha saoradh a faotainn ùmhlachd, agus tha mi gu toilleach dha mo thoirt fein suas do d’riaghladh naomh agus spioradail; tha do chuing so-iomchair, agus tha do shlat-riaghlaidh ceart, tha do rioghachd làn do shith agus do dh’aoibhneas, agus ‘s e mo mhìann tighinn a stigh fodhpa. Bu mhaith leam thu mo dheanamh naomh cho maith ri mo dheanamh fireanta; gu bhi ceannsachadh a chridhe cheannairceach so agam, agus a bhi riaghladh annam le do Spiorad fiorghlan, cho maith ri mo shaoradh le d’ùmhlachd iomlan. Oh! faicibh, gu’n ròghnaich agus gu’n gabh sibh ri Criosd slàn, ar neo cha’n eil ur creidimh ceart, nì mo tha sibh coltach ri ruigheachd air aonaidh pòsaidh agus co-chochomunn Ris.
3. Bitheamh cinnteach gu’n ròghnaich sibh Criosd a mhàinn agus ‘n a aonar
Agus nach ceangail sibh nì eile Ris. Tha cuid air son nì eile a bhi aca comhla ri Criosd, agus tha iad a ceangal nì eile ann an co-bhoinn Ris; ach mar nach fhaod Criosd a bhi air a roinn mar sin cha’n fhaod nì eile bhi air a cheangal Ris, bithidh E na uile ar neo cha bhi E na nì idir do dh’anamaibh; agus mar sin duinidh fior chreidimh Ris; uime sin dha na chreutair nuadh, tha e air a rádh gu’m bheil Criosd na h-uile agus anns na h-uile, Col. iii. 11. Bha aig mòran de na priomh athraichean, tha neach ag radh, bean agus coimhleabach, ach cha’n eil mar so anns a chùis so: cha’n eil, mar a creidimh a ròghnachadh Criosd slàn, mar sin tha e ròghnachadh Criosd a mhàinn agus na aonar gu’n a bhi ceangal nì eile Ris, agus mar dha ròghnachadh agus dha dhluth-ghabhail thuige. Agus mar sin feumaidh bhur creidimh-se a roghnachadh agus a dhluth-ghabhail, ar neo tha sibh coltach ri bhi tighinn gearr air aonadh pòsaidh Ris. Feumaidh sibh a ròghnachadh a mhàinn agus na aonar, gu’n a bhi ceangal nì Ris, agus sin gu h-àraidh ann an gnothuch mòr fireantachd agus gabhail rìbh le Dia. Tha cuid ann a cheangail nì eile ri Criosd anns a gnothuch so; bhiadh Criosd aca, ach bhiadh an dleasdanas fein aca mar an ceudna; bhiadh fireantachd aca, ach bhiadh am fireantachd fein aca mar an ceudna; bhiadh an cuid fein aca gu bhi gabhail cuibhrionn maille Ris-san a thaobh fireanachadh agus fireantachd ann am fianuis Dhe. Is ann mar so a bha e a thaobh na’n Iudhach bho shean, Rom. ix, 31, 32, x 3 Tha e air a rádh, gu’n do lean iad lagh na fireantachd, ach nach do r’ thàinig iad air lagh na fireantachd: agus ca’r son? Do bhrigh, a deir, an t-abstol, nach do dh’iarr iad e tre chreidimh, ach mar gu’m b’eadh, le oibríbh an lagh. Agus chaidh iad mu’n cuairt, tha e air a radh, gu bhi cur air chois am fireantachd fein, cha do striochd iad do fhireantachd Dhe, Rom.x.3. Feuch, thugaibh fa’n ear, An toiseach, Gu’n robh iad air an ceangal ri, agus ag amharc ri slainte tre am fireantachd fein. Anns an dara h-aite, Ged a bha iad air an ceangal ri am fireantachd fein, agus b’aill leo bhi beo leis a’sin, gidheadh cha robh e coltach ris a bhi leantuinn gu h-uile ri sin, ach bhiadh fireantachd Chriosd agus am fireantachd fein aca ceangailte ri cheile. Uime sin tha e air a ràdh, nach do dh’iarr iad e tre chreidimh, ach mar gu’m b’eadh, tre oibríbh an lagha; cha robh iad gu h-iomlan air son Chriosd, na gu h-iomlan air an son fein, ach ann an cuid air son an aon, agus ann an cuid air son an aon eile, dha’n ceangal fein ri Criosd. Agus anns an Treas Aite, dh’fhág so iad a tighinn gearr air fireantachd, beathe, slàinte, agus na h-uile nì; oir tha e air a ràdh, do bhrigh sin nach d’r thàinig iad air lagh na fireantachd. Gu bhi ceangal fein ri Criosd anns a chuis so, tha e cho cunnartach agus cho millteach ri bhi cur suas an Fhein an aghaidh Criosd. Mar so bha e thaobh na’n ludhach bho shean, agus mar sin tha e thaobh na’m Pàpanach an diugh. Ach a mhuiintir mo ghràidh, na’n cuireadh sibh gu brath ‘ur creidimh gu ceart air Criosd, cha’n fheum sibh aon uair smuainteachadh air an gnòthuch so a cheangal eadar Esan agus sibh fein; ach feumaidh Criosd bhi na uile anns na h-uile. Feumaidh sinn ar suilean a dhunadh an aghaidh na h-uile nì eile a thaobh fireantachd, agus a dhol a mach a mhàinn, agus gu’n chumail air ais, a dh’ionnsuidh Criosd, a socrachadh ar n’uile shiorruidheachd a mhàinn air uile thobar fhireantachd shiorruidh-san. Tha Calvin a gabhail beachd air an àite dh’ainmich sinn mu dheireadh “gu’r e bunait, na ceud cheum, a chùm còir fhaotainn ann am fireantachd Dhe, an duine a bhi cur cul agus a dol a mach as fhireantachd fein.” Mar so tha mi cinnteach gu’n d’rinn creidimh Phoil roghainn, agus gu’n do ghabh e ri Criosd, “Ach na nithean,” tha e ‘g ràdh, “a bha’n am buannachd dhomh, mheas mi iad sin ‘n an call air son Chriosd. Seadh gu’n amharus, agus tha mi meas ‘n an uile nithean ‘n an call air son ro oirdheirceas eolais losa Criosd mo Thighearna; air son an d’fhuiling mi call na’n uile nithean, agus tha mi a meas gur aolach iad chum gu’n cosnainn Criosd, agus gu faighear ann-san mi, gu’n m’ fhireantachd fein agam, a tha o’n lagh, ach an fhireantachd sin a tha tre chreidimh Chriosd, an fhireantachd sin a tha o Dhia tre chreidimh.” Phil.iii. 7 – 9. Feuch thugaibh fa’n ear, tha a chreidimh ann an so a roghnachadh agus a gabhail Chriosd mar fhireanachadh agus fhireantachd, agus ann an so cha’n eil e ceangal nì Ris; tha e socrachadh air Criosd a mhàinn, a cur cùl ris na h-uile nì eile air bith. Bha uibhir aige dhe chuid fein gu bhi taiceachadh air agus ag earbsa ann anns a chùis so sa bha aig neach nach robh ach na dhuine a mhàinn, riamh bho’n a thainig peacadh a stigh do’n t-saoghal; oir ann an sochairean, ann an gràsan, ann an seirbhisean, ann am fulungasan air son Chriosd, tha mi ullamh gu bhi smuaintachadh, gu’n d’thug e barr air gach aon nach robh ach na dhuine a mhàinn; ach gidheadh cha’n eil e taiceachadh air aon dhuibh sin, nì h-eadh cha’n eil e uibhir agus dha’n ceangal ri Criosd; ach tha e diultadh agus a’ cur cùl riubh uile, agus sin leis a ghràin agus am fuath is moth a ann an cuis fireanachaidh, agus a leantiuinn gu h-uile agus gu neo-mhearachdach ri Criosd a mhàinn; tha e’g ràdh, tha mi cunntas na h-uile nì ach na’n call, seadh, na’n aolach, ’s e sin, mar a’n is salaiche agus is gráineile; agus cha bhithinn air m’fhaotainn ann air son mile saoghal.