Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1972 » November 1972 » Posadh an Anama ri Croisd

Posadh an Anama ri Croisd

Leis an Urr Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bht t.d. 312)

5. Bì cìnnteach gu’n ròghnaich agus gu’n gabh thu a’d’ ghia-caibh Croisd agus a chrann-ceusaidh, cha’n e mhàinn Croisd agus a chrùn; Croisd air a cheusadh cho maith ri Croisd air a ghldrachadh; Croisd air cumhachan fulung air a shon, cho maith ri rioghachadh maille Ris, ma tha E dha’d ghairm gu sin.

Is ann mar so mar an ceudna tha Croisd dha thairgse féin, agus ‘s ann mar so a dh’féumas E bhi air a ròghnachadh agus air gabhail Ris leinne. “Ma’s àill le neach air bith teachd a’m dheigh-sea, àicheadhadh se e féin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.” Mata 16: 24. Agus “Ge b’e neach nach giùlain a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, cha’n eil e’n comas dha bhi’n a dheisciobal dhòmhsa”. Luc. 14: 27. Tha cuid air son Chriosd agus a chrùn, ach stadaidh iad aig a chrann-ceusaidh: Tha iad air son Chriosd a rìgheachadh, ach cha’n eil iad air son Chriosd air a ghéur-leanmhuinn. Ach, a luchd mo ghràidh, na’n ròghnaicheadh sibh E chùm a bhi air ‘ur pòsadh Ris féumaidh sibh a ròghnachadh ceusda air a chrann, cho maith ri air an rìgh-chathair air a ghldrachadh; ‘s e’s ciall dha sin gu’m féum sibh a ròghnachadh le run suidhichte gu fulung air a shon ma tha E dha’r gairm gu sin; Féumaidh sibh a ròghnachadh mar neach air a ghéur-leanmhuinn agus air a chur gu eiginn air thalamh, cho maith ri mar neach air a ghràdhachadh agus air a ghldrachadh air neamh. Ann am focal, féumaidh sibh a ròghnachadh air son a chuid is fearr, na air son a chuid is miosa, anns a h-uile staid agus suidheachadh, le uile dhuilgheadasan cho maith ri a shochairibh, le a bhocdann, a phriosanan, a mhaslaidhean, a bhàs, a chumnartan, a chòmhragan, agus an leithidean sin. ‘S e sin r’a radh, féumaidh sibh a ròghnachadh le ìntinn thoileach, a dhol tre na nithean so uile aig iaratas, air a sgàth-san; agus so da-rìreadh dùnadh a stigh Ris, air a chumhachan Féin. ‘S e so cainnt Chriosd do’n anam ‘n a thairgse Féin dha: Anam, tha mì toileach a bhì air mo phòsadh riut, tha mì toileach mì féin a thoirt thairis dhuit, le, ‘uile shaobhreas agus lànachd, agus ma bhios iad sin uile agad agus mise, feumaidh tò bhi toileach fulung air mo shon, a bhi air do mhasla-chadh, a bhi air do ghéur-leanmhuinn, bhi air do chur am prìosan, seadh a bhi air do mharbhadh feadh an latha gu leir, ‘n uair is àill leam do ghairm dha ionnsuidh. Agus gu’n teagamh tha creidimh ‘n uair a tha e ceart a dùnadh a stigh Ris air na cumhachan sin. Tha mì toileach, deir an t-anam, air dhà bhi air a ghlùasad le fior spiorad a chreidimh; Criosd air cumhachan air bith a chi E iom-chuidh, Criosd leis a chrann-cheusaidh, Criosd le masladh, le prìosan, le bàs, le ni air bith a thoilicheas E, a roghainn air deanamh as eugnais. Agus da-rìreadh cha leig sinn a leas a bhi fodh eagal na uamhas riomh’n chrann-cheusaidh; oir cha’n eil crann-ceusaidh air bith cho searbh ‘s tha Criosd milis; cha’n eil nì is ur sinn fhu-tung air son Chriosd a tha airidh air a choimeas ris a ghloir a tha gu bhi againn ann an Chriosd, agus maille ri Criosd. A bhar air sin is airidh Criosd air fulung air a shon; agus, uime sin, fàilte do Chriosd, fàilte do’n chrann-cheusaidh mar an ceudna. Gu firinneach, a luchd mo ghràidh, tha crann-ceusaidh Chriosd milis, gleidh mhilis mar a tha E dha dheanamh. Tha’n crann-ceusaidh milis agus cùbhraidh aig Criosd, tha aon ag ràdh, air a chompanachadh le ùrachadh milis, le gràdh Dhé, le aoibhneas anns an Spiorad Naomh; uime sin na bitheadh eagal roimhe, ach ròghnaichibh Esan le a chrann-cheusaidh cho maith ri a chrùn.

6. Bithibh cìnnteach gu’n ròghnaich sibh Criosd trie, agus na smuaintichibh na aon ghniomh na obair, a bhi dha ròghnachadh agus dha dhlùth-ghabhail thugaibh, na’n deanadh sibh gnothuch cìnnteach de Chriosd agus pòsadh Ris, ròghnaicheadh sibh agus ghabhadh sibh Ris gach latha.

Tha sinn ullabh air a bhì’g amharc air obair a bhì ròghnachadh agus a bhi dùnadh a stigh ri Criosd mar aon obair a mhàinn; ach, a luchd mo ghràidh, ‘s e h-ann ach obair a bu chòr a dhol na ceann a ghnàth. Le bhi dol na ceann tric bu chòr dhuinn a bhi fàs nì’s fallain, nì’s làdir, agus nì ‘s soilleir. Mar a nì an dara clobhualadh mearachdan a cheud aon a chur ceart, mar sin nì gniomharan athdheanta creidimh ann an so suas teachdan gearr a cheud ghniomh a chur ceart. Da-rìreadh, is e mo chomhairle dhuibh gu’n deanadh sibh uibhir de choguis dheth bhi ròghnachadh agus a dlùth ghabhail Chriosd as ùr a h-uile latha agus a bhi’g ùrnaigh a h-uile latha, gu h-àraidh ma tha sibh aon chuid na’r Criosduidhean oga na ‘n ar seann Chriosduidhean fodh neoil dorchadais. Rinn Pòl ròghainnean as ùr do Chriosd gus an am mu dheireadh Phil. 3: 8, 9. ‘S dleasdanasan na muintir a tha creidsinn, a bhi creidsinn; “Na nithean so sgriobh mi do ‘ur n-ionnsuidh-se a tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhé; chùm gu’m bi fios agaibh gu bheil a bheatha mhaireannach agaibh, agus a chùm gu creid sibh ann an ainm Mhic Dhé.” I Eoin 5: 13. Chreid iad agus bu mhath Leis iad a chreidsinn gach latha os ùr; agus mar sin bu mhath leamsa sibh a chleacadadh gniomh mòr a chreidimh gach latha ann a bhi dùnadh a stigh ri Chriosd, a chum agus gu’m biodh gach latha na latha pòsaidh eadar sibh agus Chriosd; agus mar sin, mean air mhean, gu’n tigeadh sibh gu mothuchadh agus comhfhurtachd a phòsaidh so. Leugh mi mu chuid nach d’thainig ann an sealladh agus mothuichadh air an aonadh so ri Chriosd gus an do ghabh iad an cùrsa so.

Mar so nochd mì dhuibh cia mar a thig sibh gu bhi air ‘ur pòsadh ri Criosd, cho math ri ciod e ghné Fear Pòsda a thà E, na nithean mòr a tha E deanamh air son a chéile, agus cia cho mòr ‘s a tha a chridhe suidhichte air pòsadh ri peacaich. Nis, an gabh sibh an cùrsa so? Na am bì a h-uile nì air a chall chuibh? tha e comasach gu’m bì na h-uile ni eadar-dhealaichte a thaobh buaidh orra-san a leughas na chluinneas na nithean so. Tha dochas agam gu’m bi cuid air an cosnadh agus buaidh air a toirt orra gu Chriosd leo; thaobh cuid eil, tha eagal orm, gu’n diùlt iad na h-uile nì le tàir, agus gu’n dean iad aon chuid tre spiorad mì-naomh, na neo-mhothuchadh air an fhéum orra, na mì-chùram mu na nithean sin uile. Ma dhiùltas anam air bith iad tre spiorad aingidheachd, their mì ri leithid sin a dh’anam a’ nì tha Solamh ag ràdh ris an fhear-fochaid, “Ma bhi tù glic, bidh tù glic dhuit fein: ach ma bhios tù ri fochaid, is tu fein a mhain a dh’iomchaires e.” Gnath. 9: 12. Giulainidh tu fein t-uile pheacaidhean, agus an fhearg uile agus fearg Dhé air an son. Ma dhiùltas neach air bith na nithean sin tré spiorad neomhothachail air am feum orra, agus an còir annta, tha’n cùis nì’s truasaiche, oir mar is neo-mhothachaile tha iad air an truaighe as eugmhais Chriosd is ann is motha an truaigh sin aca. Ciod nì’s truaigh, a deir Austin, na duine truagh agus gu’n truas aige dha fein? Faodaiddh cuid eile, faodaiddh e bhi, seasamh ann an teagamh agus air chrith, nach dàna leo aon chuid diùltadh na dhlùth ghabhail thuca, gu’n a dhiùltadh do bhrigh gu’m bheil am feum air Criosd cho mòr, luach Chriosd cho àrd, agus cionta diùlta Chriosd cho dubh; ‘s nach dlùth ghabh iad Ris, do bhrigh gu’m bheil am peacaidhean cho lionmhor, agus an neo-airidheachd cho mòr sin theirinn, Sguir dhe do chrith, agus na cuir dail ni ‘s fhaide na do dhùmadh a stigh ri Criosd; ‘s e do pheacadh, bithidh e dhuit na nàire agus na bhròn gu’n do dhiult agus gu’n do chuir thu cùl ri Criosd cho fad, ag ràdh comhla ri Austin ghràdhaich mì thù tuilleadh is anamoch, O! thusa cho aosmhor agus gidheadh cho ùr ann a’ maise, ghràdhaich mì thù tuilleadh ‘us anamoch. Mar mhisneach theirinn riut mar a thubhairt an seirbhiseach r’a thigearn air a leithid so de dh’àm, “A thighearna, rinneadh mar a dh’òrduich thù, gidheadh tha àite falamh ann fàthasd”. Luc. 14: 22. Ged a thuair mòran pheacach, agus peacaich mhòr, tròcair, gidheadh tha àite falamh ann dhuit-se, agus air son na h-uile aig am bheil inntinn air son Chriosd. Tha àite falamh ann an cridhe Chriosd, tha àite falamh ann an gairdeanar Chriosd tha àite falamh na chùmhnanta, tha àite falamh ‘n a rioghachd, tha àite falamh ‘n a righ-chathair, maillle ris an Athair air do shon. Ach ma dhiùltas neach air bith taigse so a ghràidh, agus a leanas iad air sin a dheanamh, gheibh iad so mu dheireadh a mach, gu bheil àite falamh an ifrinn, àite falamh anns an t-slochd ifrinneil, àite falamh ann an àite a pheanais air an son, Uime sin mar a tha beatha agus bas air a chur fa’r comhair, tha mì guidhe oirbh sibh a ròghnachadh beatha, agus cha’n e bas, a chùm gu’m bì sibh beo gu bràth.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice