Seo gràdh da-rìreadh, agus air bu chòr dhuinn beachd-smuainteachadh agus tìachd a ghabhail ann.
II. Cia mòr a chomhartachd agus an sonas a th’aig creidmheach ann a bhi pòsda agus ceangailte ri Criosd!
Their sinn mu leithid siud do bhean gu’m bheil i deagh-phòsda, gu’m bheil i air a deabh thoirt seachad, ma tha i sona na fear-pòsda. Ach O anam! cia cho maith ‘s thà thù air do thoirt seachad, a thà air do thoirt seachad do Chriosd! Agus cia sona a thà thù a’d’ chompanach a tha pòsda Ris; Ciod e, anam! pòsda ri Iosa! ri Iosa gràdhach! ri Iosa, Mac Dhé. O cia milis, cia iàidir a chomhfhurtachd a bhios ann an so dhuit-sa! Agus cia mar bu chòr dha bhi lionadh do chridhe le buaidh naomh agus àrdachaidh gu bràth! Comhfhurtaichidh so a mhàin thù ann an uile thrioblaidean agus dhuilgheadasan na beaths so, agus ann an uile chòmhragan agus phiantan a bhàis. Tilg do shùil air ais air nàdur a phòsaidh so, agus ciod e’m Fear-pòsda th’ann an Criosd, agus na nithean mòr nì E air son a chéile mar a thà iad sin air an cur an céill; an sin thoir breith air do shonas fein, ann a bhi air do thoirt an laimh Ris. Ann an Dàm vi.9. thà air a ràdh mu chéile Chriosd, “Chunnaic na nigheanan i, agus bheannaich iad i; na ban-righinnean agus na leannain, agus mhol iad i.” Dh’ amhairc iad oirre mar an neach is sona air thalamh. Agus gu cinnteach anam, mar a dh’amhairceas mì ort mar chéile Chriosd cha’n urrain mì ach air an dearbh dhòigh do bheannachadh agus do mholadh; agus faodaidh tù thù féin a bheannachadh. Ach fathasd gu bhi togail a chomhfhurtachd agus an sonas so agad nì’s àirde, a chùm gu’n dean thù gairdeachas ‘n a’ d’ chrannchur, air do d’ lion tuiteam ann an àite taitneach thug fa’n ear na trì nithean so.
1. Thoiribh fa’n ear gu’m bheil an daimh so agaibh rì Criosd a thoirt dhuibh lan chòir ann, agus na h-uile nì is Leis.
Ann an so rinn a chéile mòran glòir agus aoibhnis ann, mar a crùn agus a sonas, uime sin thà i bitheanta air a togail Leis ann an rathad uaill naomh; “Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise,” Dàm ii, 16. Agus a ris, “Is le fear mo ghràidh mise, agus is leam-sa fear mo ghràidh, Dàm vi, 3. Air dhuit a bhi pòsda ri Criosd, is leat Criosd, agus air bhì do Chriosd leat, is leat na h-uile, is leat fhircantachd, is leat a ghràdh, is leat a lànachd, toradh uile fhulungais, buaidh a dhreuchdan uile, is leat mìlseachd a dhaimhean uile. Air bhi do Chriosd leat, is leat na h-uile ni, is leat na geallaidhean uile, is leat na h-òrduighean uile, is leat beatha, is leat bàs, is leat ùine, is leat siorruidheachd, is leat na nithean a tha làthair, is leat na nithean rì teachd. I. Cor. iii, 22. Oh ciod an oighreachd bhriagh thà agad, agus cia mar bu chòr dha’n anam an Tighearna a bheannachadh gu’n do tharruig E riamh thù do’n aonadh so agus do’n daimh so Ris! Ciod e’n tobar comhfhurtachd a bhios so dhuit anns a h-uile suidheachadh. No biodh eagal ort oir chà bhi thù air do chur gu amhladh. Car son? Is e d’fhear-pòsda de Cruithear, Isaiah liv, 4, 5. ‘S e ‘n fhirinn a th’ann ged a dh’fhaodas gle bheag dhe’n t-saoghal a bhì agad, gidheadh, Criosd a bhì agad, tha agad na dh’fheumas tù agus na thà thù comasach a bhì agad a chàm do dheanamh sona gu bràth.
2. Gabh beachd, gu’m bheil an t-aonadh agus an daimh so rì Criosd a fantainn daingean gu siorruidh.
Agus oh, ciod a mhìllseachd thà so a cur ris! Is fior, faodaiddh an t-anam a ràdh, ‘s e daimh bheannaichte a thà anns an daimh so, agus làn mìllseachd agus comhfhurtachd; ach an lean i? Seadh leanaidh i gu saoghal nan saoghal. A chomhfhurtachd is fearr a sheilbhichear a bhos an so, thig i gu crich an ùine ghoraid, agus na daimhean is mìlse anns an seas thu, an so, bithidh iad re seal air am briseadh agus air an leaghadh as, ach t-aonadh agus do dhaimh rì Criosd leanaidh e gu bràth, cha’n urrain sin a bhì air a leaghadh as: “Agus pòsaidh mì rium féin thu gu bràth; seadh, pòsaidh mì rium féin thu ann am fireantachd, agus ann an ceartas, agus ann an caoibhneas, agus ann an caomh-ghràdh. “Hosea ii, 19. Ach a fhighearn cia fhad? Oh am focal sin “gu bràth.” Cuiridh sin mìllseachd neochriochnach anns an daimh sin anns am bheil thù. An aon fhocal sin “gu bràth”, mar a thà neach a toirt fa’n ear air an àite so, tha e deanamh truaighe, ged nach biodh ach beag innte fein, tha i na truaigh shiorruidh, agus trocair ged nach biodh i ach beag innte féin tha na trocair shiorruidhe. Cia chò mòr nì’s moth a gu mòr a tha E deanamh ann Féin cho mòr t-aonadh agus do phòsadh ri Criosd na nì milis agus ion-mhiannaichte!
O a deir an t-anam, cha robh a leithid de chreutair truagh riumsa ann: cha do ghiulain riamh a thaobh Chriosd mar a rinn mise. Is fior, nochd E a ghràdh dhomh, agus tha dòchas agam gu’n do dhuinn mì stigh Ris ann an cùmhnant pòsaidh; ach mo thruagh cha robh leithid de chridhe ceannairceach, gràineil, cùl-sleamhnach rì mo chridhe-sa riamh ann; a thaobh am bheil eagal orm gu’m bris E aonadh agus a cho-chomunn rium, agus mu dheireadh a thilgeas a air falbh mi. Freagram. Gu cinnteach anam tha so duilich agus bu chòr dhuit luidh ìosal anns an duslach tre mhothuchadh air: gidheadh, gu do mhisneachadh ri aghaidh t-eagalan thoir fa’n ear trì nithean.