Leis an Urr. Eideard Pearse (A.D. 1672)
(Air a leanntuinn bho t.d. 53)
3. Gabh beachd, nach fhada gus an tig an Tighearn losa. d’ Fhear-posga grádhach agus an daignich E’m pòsadh eadar E Féin agus t-anam. agus oh cia milis a bhios so! Cha’n eil am pòsadh an so ach mar gu’m biodh e tòiseachadh eadar Criosd agus thusa; ach thig Criosd an ùine ghoraid agus daignichidh se c. “Feuch tha’m fear nuadh-pòsda a’ teachd; reachaibh a mach ga choinneachadh.” Mata xxv. 6. Agus a ris, “Agus chaidh iadsan a steach leis a chùm a phòsaidh, agus dhruideadh an doras.” rann 10. “Thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i féin.” Tais. xix, 7. Tha àm anns an tig Criosd gu bhi daingneachadh a phòsaidh eadar E Féin agus anamaibh. ‘n uair a thig E a thaobh an t-saoghail, thig E mar Bhreitheamh a chùm an diteadh, gu bhi toirt àichmheil a thaobh an t-soisgeil, a thaobh a chùmhnant, a thaobh fhola, nithean uile gu leir a dhiùlt iad; thig E gu bhi toirt a mach binn orra a thaobh cur an aghaidh a’ Spioraid, air son dimeas a dheanamh air fhuil, a thaobh briseadh a laghanan, a thaobh dimeas a dheanamh air a shlàinte. Agus Oh cia cho dorch ‘s a bhios latha a theachd dhoibh! Ach a nis a thaobh a chéile Féin, ‘n uair a thig E, thig E mar am Fear-nuadh pòsda: agus oh cia milis a bhios an teachd so Aige dhoibh-san.
(1) An sin tionndaidh E ar n’uile uisge gu fion, Eoin, ii7, 7-8.
Tha sinn a leughadh, air bhi do Criosd aig pòsadh, gu’n do thionndaidh E an sin uisge gu fion. Agus gu cinnteach, anam, ‘n uair a thig E gu bhi daingneachadh a phòsaidh eadar Esan agus thusa tionndaidh E t-uile uisgeachan àmhghaireach gu fion comhfurtachd mhilis dhuit. Tionndaidh E t-aoidhche gu latha, do dhorchadas gu solus, do bhrònaibh gu aoibhneas, do chumha gu dannsa, do thrioblaidean gu fois, do chòmhragan gu buaidhean, do shaothir gu duais, do thuiridhean duilich gu halleluidhean aoibhneachd. An sin coimhlionaiddh E’n Sgriobtur sin dhuit, “Agus tiormaichidh Dia gach deur o’n sùilean; agus cha bhi bàs ann n’s mothá, no bròn, no eighach, agus cha bhi pian ann n’s mothá; oir chaidh na ceud nithean thairis.” Tais. xxi. 4. Anam bhochd, tha nis do shùilean lân dheoir; le Daibhidh naomh, thà thù dol mu’n cuairt a gul agus a caoidh, faodaiddh e bhi fad an latha gu h-iomlan; ach an sin bithidh do dheoir uile air an siabadh bho do shùilean. Thà thù nis ann am bàsan gu minic, mar a bha’n t-Abstol; ach an sin, cha bhidh bàs n’s mothá. Nis thà thù lan bròn, thà do laithean air an cur seachad ann am bròn, agus do bhliadhnan le osnaich; ach an sin cha bhi bròn n’s mothá; teichidh bròn agus mulad air falbh gu bràth. A nis thà thù lan do phiantaibh; seadh mar a bha’m fèin naomh bho shean a gearain, thà thù air do chràdh aig a chridhe; an a mothuchadh air t-àmhghairean féin, ann a’ mothachadh air àmhghairean na h-eaglais, ann a’ mothachadh air do pheacaidhean féin, ann a’ mothuchadh air peacaidhean an t-saoghail, thà thù air do phianadh aig a chridhe; ach an sin cha bhi pian n’s mothá. Nis thà thù cur gu deurach, ach an sin buainidh tù le gàirdeachas, nis thà thù dol a mach a gul, gidheadh a giulain siol ro phriseil; an sin pillidh tù air ais le gàirdeachas, a giulain do sguaban. Nis thà thù ann an stoirm, stoirm de gheur-leanmhuin, stoirm de bhuairean, stoirm de dh’àmhghairean, stoirm de thrioblaidean, stoirm de dhoinneanan, agus gu’n chomhfurtachd agad, faodaiddh e bhì, mar a bha’n eaglais aig amaibh, Isaiah liv. 11. Ach an sin tionndaiddh E’n stoirm gu fiadh, agus mar sin bheir E thù do’n chala, gus bhi labhairt a reir Salm cvii, 30. Nis tha’n diabhol agus a sheirbhisich ga’d chuartachadh, agus nach tòir iad dhuit fois; an sin bithidh iad air an saltairt fodh na casan, agus nì an t-anam buaidh-chaithream siorruidh os an ceann, ag ràdh mar a thuirt ise bho shean na dân, “O m’anam, shaltairt thù sios neart.”
(2) An sin tionndaiddh Criosd t-uile dhuthachas gu maise: t-uile mhi-mhaise peacadh gu fior-ghlaine iomlan agus naomhachd gu bràth;
Mo thruagh, deir an t-anam, tionndaiddh E m’uisge gu fion! is fior, thà sin milis; ach thà nì ann a tha luidh n’s truime orm na uile thrioblaidean agus àmhghairean anns an t-saoghal; agus ‘s e sin mo dhuthachas peacach agus mo mhi-mhaise. Oh mo nàdur salach, truailte, agus gràineil! an tobar peacaidh agus naimhdeas an aghaidh Dhé a tha’n taobh a’ stigh! ‘s e so nì a thà na ealach a thà tuilleadh is tròm dhomh dhà ghiulain. Ro mhaith, air son do chomhfurtachd biodh fhiost agad, gu’m bheil t-fhear-pòsda, Iosa, a tighinn; agus ‘n uair a thig E, tionndaiddh E do dhuthachas gu maise, do pheacadh gu naomhachd; an sin “chùm gu naomhaicheadh, agus gu’n glanadh E i le ionnlaid an uisge tre an fhocal; chùm gu’n cuireadh E na làthair féin i ‘n a h-eaglais ghloirmhor, gu’n smal, gu’n phreasadh, no nì air bith d’an leithidean sin; ach chūm gu’m biodh i naomh, agus neo-lochdach. Ephes. v, 26, 27. Anam bhochd, thà ort a nis iomadh smal, iomadh ball-dubh, agus iadsan a tha mar a tha thusa ullamh aig amaibh gu smuainteachadh nach iad smalan slugh Dhé; ach an sin bithidh na smalan sin air an siabadh air falbh agus tò gu’n smal; seadh cha’n e mhàin gu’m bi thò gu’n smal, ach as eugmhais preas mar an ceudna. Faodaidh preasan a bhi far nach eil smalan ach ‘s e th’ann sin ach gaoid. O ach ann sin chà bhi aon chuid smal na preas; bithidh tò gu h-iomlan saor bho na peacaidhean is lugha cho math ris an fheadhan is moth; seadh chà bhi agad aon chuid smal na preas. na nì air bith da’n leithidean sin; nì air bith a dh’amhairceas coltach ri peacadh, nì a smuainticheas tò anns an tomhas is lugha na smal na ‘n a phreas; cha bhi’n comharadh is lugha n’an ceum is lugha de sheann Adhamh (mar a tha neach a labhairt air an àite) air fhàgail annad, na ort, ach bidh tò gu leir naomh agus gu’n smal, Lionaidh Criosd thò gu h-iomlan le a Spiorad Féin, nì E maiseach thò le iomhaigh Féin, sgeadaichidh E thò le usgraichean Féin, eudaichidh agus dealraichidh E thò le a ghloire Féin, oir an sin nì E thò coltach Ris Féin, an dà chuid ann an naomhachd agus an aonas, I Eoin iii, 2. Anam bhochd, nis thà thò’g osnaich fodh chorp peacaidh agus bàis, fodh ghluasadan neo-ghlan a pheacaidh, miannan salach na feola, riaghladh mallaichte cridhe iosal, salach, neo-chreidmheach, a thà riaghladh thairis ort anns a h-uile dleasdanas, anns gach suidheachadh, anns gach daimh. Nis thà thò air do chràdh le eirigh suas, fàs, agus blàth, agus taomadh a mach ana-miann, agus truailidheachd an taobh a stigh dhiot; ach ‘n uair a thig Iosa, bi crioch air na nithean so uile. Tha Criosd ag amharc thairis a nis air na nithean so uile, ach an sin. Bheir E air falbh iad uile, agus dealraichidh tò le iomlanachd na maise.
(R’a leantuinn)