(Air a leantuinn bho t.d. 274)
Leis an Urr. Eideard Pearce
CAIB. III: A tha nochdadh co ann, ann an seadh sonraichte, a tha Dia neo-chochlaidheach.
Air dhuinn a nis dearbhadh coitcheann a thoirt dhuibh air neo-chochlaidheachd Dhe, ‘s e ar ‘n ath obair a bhi toirt fa’n ear co ann a tha E neo-chochlaidheach; leis am bi sinn ni’s mothair air ar soillseacadh agus air ar daingneachadh anns an fhirinn so; agus mar an ceudna, air ar toirt, tha mi’n dochas, a chum eolas air beatha, cumhachd, agus millseachd a ni fia, co-dhiubh ann an tomhas. Tha Dia an sin neo-chochlaidheach, gu h-araidh ann an sia nithean, a tha air mhodh sonraicht’ a giulain a mach millseachd, cho math ri gloir annta, agus a bu chor misneachd mhor agus comhfhurtachd a thoirt dha ar creidimh. Tha E neo-chochlaidheach (1) fia bhith agus na shuspainn. (2) Ann na bheannachd-an agus na ghloir. (3) Na chomhairlean agus ‘n a orduighean. (4) Na rioghachd agus na riaghladh. (5) Ann na chumhnanta agus na ghealladh. (6) Ann na ghradh agus na ghras dha shluagh.
(1) Tha Dia neo-chochlaidheach ‘n a bhith agus ‘n a shuspainn.
Ciod e bith agus suspainn Dhe cha’n eil e furasda dhuinn a bhreithneachadh na ghabhail a stigh; Tha daoine foghlumaichte ag innse dhuinn gu’r e bith na suspainn Dhe an gniomh fior-ghlan sin bho bheil na h-uile ni; agus a dh’ionnsuidh am bheil na h-uile nithean a pilleadh, ‘s e sin, a ni is e ceud aobhar, agus crioch dheireannach na h-uile nithean; ach ge b’e suspainn na bith Dhe, gu bhi cinnteach tha E neo-chochlaidheach, cha’n urrain E bhi air atharrachadh gu ni eile a thaobh suspainn na bith; ni mothair is urrain ni a tha aige, na tha E,bhi air a thruailleadh na air a sheargadh: an uibhir sin tha air a chumail a mach na mo dhearbh cheann-teagaig. tha Dia ann an sin dha ghairm lehobhah. tha’n t-ainm na’n tiodal so a comharachadh a mach firinn agus cinnteachd agus mar an ceudna dearbhachd agus neo-chochlaidheachd a bhith: mar a tha Calvin agus cuid eile a gabhail beachd air an aite; agus mar sin (cha chochail mi) a deanamh na mhineachadh, na ni eigin air a chur ris an tiodal lehobhah a tha Dia Fein a toirt dha Fein, “Is mise lehobhah, cha chochail mi,” ‘s e sin, tha mi am bhith neo-chochlaidheach annam Fein, agus an Ti a tha toirt bith do na h-uile chreutair, agus mar so tha iadsan a tha foghlumaichte anns a chainte Eabhra uile a mineachadh an ainm ghlormhon so aige a comharachachadh a mach an da chuid a bhith agus a neo-chochlaidheachd; agus an uair a tha Dia, mar na mo cheann-teagaig, ag radh, “Is mise lehobhah,” tha E’g radh ann an aon fhocal, Is mise E, an Ti mor sin aig am bheil mo bhith annam agus bh’uam Fein, agus a toirt bith do na h-uile chreutair, agus a bha annam bith bho’n uile shiorruidheachd, tha mi nis, agus bithidh mi an Ti ceudna gu brath. A’ ni ceudna tha Dia a cur an ceill ma thiomchull Fein anns an ainm eile sin a tha E toirt dha Fein ann an Ecsodus iii, 14, far am bheil Edha gharum Fein (Is Mi) Thubhairt Dia ri Maois, “Is mi an Ti as mi,” agus thubhairt E, “Mar so their thu ri cloinn Israel, chuir IS MI mise do ‘ur n-ionnsuidh.” Is mi a’ni is mi, oir neo bithidh mi a ni a bhitheas mi, tha E comh-arachadh a mach bith siorruidh agus neo-chaochlaidheach ann Fein, agus gu’m bheil E nis, agus gu’m bi gu brath a ni a bha E roimhe do dh’Abraham, Isaac, agus Jacob. Tha E comharachadh a mach (mar a tha daoine ionsaichte a toirt fa’n ear) riatanas, siorruidheachd, neo-chaochlaidheachd, agus lanachd neo-chriochnach bith Dhe agus gu dearbh tobar na’n uile bhith a bhi annsan. Tha E labhairt a’ a bhi gu siorruidh na Dhia, agus a thaobh Ainme, tha Criosd a deanaich tuaidh ‘n uair a tha E labhairt mu dñiachachd ann an Eoin viii, 58, “M’um robh Abraham ann, A TA MISE.” Mar sin ann an Salm cii, 27, “Ach is tusa an Ti ceudna agus cha chriochnaichear do bhliadh-nan,” “Tha thu,” a deir an Salmadair ri Dia, a ni a tha ni’s freagaraich do’n Eabhradh, “a ghnath dhuit fein.” Mar sin tha Dia neo-chaochlaidheach na bhith ‘n a na shuspainn; agus ‘n uair a their mi gu’m bheil E neo-chaochlaidheach na bhith ‘n na shuspainn, tha mi’g radh gu’m bheil E neo-chaochlaidheach ‘n uile bhuadhan do-sheachainte, a ghliocas, a chumhachd, a cheartas, a naomhachd, uile-leirsinneachd, uile-fhoghainteachd, agus a leithidean sin. Ori guidheam ort, cha’n eil buadhan Dhe Ann-san ri bhi air ar eadar-dhealachadh aon chuid bho shuspainn, na bho aon a cheile, ach cha’n ann gu firinneach, ach ann an samladh; ‘s e sin, cha’n eil iad air an eadar-dhealachadh idir ann an Dia, ach tha iad uile ‘n an aon, agus a ni ceudna ann an iomlanachd Ann. Tha iad gu dearbh, mar a mhothaich sinna cheana, am bith diadhaidh a dh’ainmich sinn; a reir an riaghailt choitcheann. Gach ni a th’ann an Dia, is e Dia; tha iad air an eadar-dheal-achadh a mhain ann ar tuigse, a tha euomasach an gniomh fior-ghlan neo-chriochnach aig an aon am, a smuainteachadh air a reir moran gniomh-aran; air chor agus gu’n abair mi, ‘n uair a labhras sinn gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach na bhith agus na shuspainn, tha sinn ag radh gu’m bheil E neo-chaochlaidheach na uile bhuadhan agus na iomlanachdan, ann na naomhachd, na ghliocas, na chumhachd, na mhorachd, na ghradh, agus an leithidean sin. Duinidh mi an ceann so le focal mor a leugh mi ann an Austin. Is tusa (tha e’g radh ri Dia) a mhain Dia, am bith nach gabh air aon chor a bhi air atharachadh, aon chuid a dh’ionnsuidh bith ni’s fearr na ni’s miosa, do-bhrigh gu’m bheil thu ann a d’ bhith ro-shimplidh; dha’ buin cha’n e aon ni a bhi beo, agus ni eile a bhi beo gu beannaichte, agus sin do-bhrigh gu’r a tu do bheannachd Fein; mu thiomchull an can sinn tuilleadh anns an ath cheann.
(R’a leantuinn.)