Leis an Urr. Eldeard Pearce
(Air a leantuinn bho t.d. 89)
-
Tha neo-caochlaidheachd Dhé air a thogail air, agus a’g eirigh bho oirdheirceas neo-chriochnach agus iomlanachd a bhith. Mar a thà Dia ‘n a bhith fior-ghlan agus simplidh, mar sin thà E ‘n a bhith ro iomlan, na bhith neo-chriochnach iomlan, agus uime sin neo-caochlaidheach. Thà daoine neo-iomlan, agus uime sin atharraichidh iad; thà Dia iomlan, agus uime sin cha’n atharraich E. Thà na h-uile atharrachadh, a luchd mo ghràidh, a ciallachadh neo-iomlanachd anns a chuspair a thà air atharrachadh: oir, guidheam oirbh, thà atharrachadh dà-fhlite ann, thà atharrachadh gu truailleachd ann, agus atharrachadh gu iomlanachd; ‘s e th’ann an atharrachadh gu truaillidheachd ach atharrachadh bho’n a mhaith gus an olc, na bho’n olc a dh’ionnsuidh ni’s miosa, agus a leithid de dh’atharrachadh gu deimhin thà e comharachadh neo-iomlanachd anns a chuspair. Tha atharrachadh bho’n olc chùm a mhaith, na bho’n a mhaith a chùm nis fearr, agus thà so mar an ceudna a comharachadh a mach neo-iomlanachd anns a chuspair, ge b’e bhà e roimh. Mar so, thà na h-uile atharrachadh a nochdadh neo-iomlanachd, ach thà Dia neo-chriochnach iomlan, agus mar sin cha’n eil E buailteach do dh’atharrachadh. Cha’n eil E comasach air atharrach truaillidh agus cha’n eil E comasach adhartais, dò-bhrigh gu’m bheil E ‘n a bhith neo-chriochnach iomlan. Agus mar sin nach gabh nì chur Ris, ‘n a nì thoirt bh’uaithne. “Bitheamh-se coimhlionta mar a thà ‘ur n-Athair a thà air neamh coimhlionta.” (a deir Criosd) Mata v. 48. Is bith iomlan ar n-Athair neamhaidh. Bhà E’n dà chuid do-sheachainte agus bho thùs iomlan. Tha E iomlan ann Fein, air dhà uile oirdheirceisean agus iomlanachdan a bhi gabhail còmhnuidh ann, agus ‘s E tobar agus aobhar na’n oirdheirceasan agus iomlanachdan a thà ri’m faotainn anns ‘n a creutairean. Thà Eoin ag ràdh, “Gur solus Dia, agus nach eil dorchas air bith ànn-san.” I Eoin i, ‘S e sin, thà e’n dà chuid fiorghlan agus iomlan; fior-ghlan gu’n mheasgachadh, agus iomlan gu’n ghaoid. Thà E uile gu leir iomlan, agus uime sin neo-chaochlaidheach. Ciod a their mì? Thà Dia chò maith, cho lân, chò beannaichte, chò iomlan, anns a h-uile dòigh agus gu’m bheil e eucomasach gu’n atharraicheadh E. Is e nì mòr a leugh mì ann an aon dhe na h-athraichean, “Air do thaobh-sa, nà dhà t-ionnsuidh a Thighearn, a bhì agus a bhì beo, cha dà nì e, dò-bhrigh gu’r tù am fior bhith, agus am fior bheatha, thà thù anns na h-uile seadh, an Tì is Airde, am priomh aon, an Tì is ro-irdheirce, agus cha’n eil caochladh maille riut.” Agus gu dearbh mà tà cha’n urrain E caochladh. A luchd mo ghràidh; dh’innis Dia dhuinn, gu’r E an Dia uile-fhoghainteach. Thà agam na h-uile lânachd, bheannachdan, agus iomlanachdan annam Fein. Mar a thà neach air an àite so a gabhail beachd, thà E ro-foghainteach, aon a thà neo-chriochnach foghainteach air a shon fein, agus mar an ceudna a deonachadh foghainteachd dhà shluagh. Thà na h-uile oirdheirceas agus iomlanachd Ann-san. Agus ‘s e aonadh beannaichte a thà’n sin, agus cia mar an sin a dh’atharraicheadh E?
-
Thà neo-chaochlaidheachd Dhé air a thogail air, agus ag eirigh bho’n lânachd neo-chriochnach agus meudachd a ghliocais agus a thuigse. Mar a thà Dia na bhith ro-fhiorghlan agus iomlan, mar sin thà E ro-ghlic, agus uime sin neo-chaochlaidheachd, agus thà so a buntainn gu h-áraidh dhà neo-chaochlaidheachd ‘n a rioghachd, ‘n a chomhairlean, ‘n a chùmhnnanta agus ‘n a ghràdh. Thà gliocas dhaoinne lag, agus an tuigse dorch agus an-domhain, agus mar sin thà iad ag atharrachadh. Cha’n eil iad an diugh a nì a bhà iad an dé, na faodaidh e bhi nach bì iad a mårach a nì bhà iad an diugh, ach thà Dia neo-chriochnach glic, agus is aithne Dhà na uile nì, agus uime sin cha’n eil E’g atharrachadh. Thà E’n Tì ceudna gu bràth. Thà Calvin ag ràdh, “Atharraichidh daoine, thà iad bitheanta ag òrduchadh nithean a bhi air atharrachadh a chaidh a dheanamh, agus thà iad ag iarruidh dòighean gu bhi toirt air ais an gniomharan fein agus nithean a dheoinich iad, a chionn gu’n tig nithean fodh chomhair an ìnntinn iomadh uair, nach fhac iad roimh laimh, agus air nach do smuaintich iad riamh. Ach, thà Dia ag àicheadh gu’m bheil a leithid sin dé nì Ann-san. Thà E neo-chriochnach glic, thà eolas iomlan agus tuigse Aige air nithean, agus mar sin chà chaochail E.” Thà E air a ghairm anns na Sgriobtur an “Dia eolais,” I. Samuel ii. 3. Seadh, thà e air a ràdh gu’m bheil E iomlan ann an eolas, Iob xxxvii, 16. Thà eolas iomlan Aige air na h-uile nithean, co dhiubh thà iad seachad, an làthair, no rì teachd. Chì E na h-uile nithean aig an aon àm, le aon sealladh, na aig an aon àm, agus sin gu neo-thuiteamach agus gu neo-mhearachdach, Is aithne Dhà na h-uile nithean le aon gniomh dhà thuigse, a thà ro-shimplidh, neo-chaochlaidheachd agus siorruidh. Thà Dia anns na Sgriobtur an air ainmheachadh an t-aon Dia glic, I. Tim. i, 17. Agus thà e air a ràdh thaobh a thuigse gu’m bheil i neo-chriochnach. Salm cxlvii. 5. Chi Dia, a luchd mo ghraidh, agus aithnichidh ann Fein, na h-uile nì a ghnàth, gu h-iomlan, agus aig an aon àm; na uile nì gu’n bhriseadh, gu’n stad a ghnàth: gu h-iomlan gu’n ghaoid, agus aig an aon àm gu’n ruith an deigh a cheile. “Aithnichte do Dhia thà oibre fein uile o thoiseach an t-saoghail.” Gniomh. xv. 18. Ann an aon fhocal, a luchd mo ghraidh, thà aig Dia sealladh iomlan air na h-uile nithean na shiorruidheachd, chà mhotha is urrain nì air bith a bhì ùr Dhà, a bheireadh mu’n cuairt atharrachadh Ann: agus le so chì slbh ciod e bhunait no’n grùnnd air am bheil a neo-chaochlaidheachd air a togail.
(Ri’a leantuininn)
It is a great matter to have true grace, and a greater to have assurance of it, and no less to use that assurance aright.
John Brown