LEIS AN URR. Eideard Pearce
(Air a leantuininn bho t.d. 180)
2. Thugaibh fodhn ear, gu’r ann annaine tha t-atharrachadh agus nach ann an an Dia.
Tha Dia an Tì ceudna a bhnàth, ach cha’n eil sinne a nì ceudna. ‘N uair a tha Dia air a dheanamh reidh riubh-san leis an robh oilbheum air a thoirt Dhà, tha iadsan air an atharrachadh, agus cha’n e Esan. Tha E nì bha E. Agus ‘n uair a tha E’n corruich rì naomimh ris an robh E roimh ann an sìth, ‘s e iadsan a tha air an atharrachadh agus cha’n e Esan. Bha’n t-atharrachadh ann an Iob, agus cha’n ann an Dia ‘n uair a thuirt e “Thà thù air fàs an-ìochd-mhor rium; le neart do laimhe thà thù ‘g ad chur fein a’m’ agaidh.” Bha’n t-atharrachadh anns an eaglais, agus cha’n ann an Dia, ‘n uair a bha e air a ràdh gu’n robh E air tionndadh gu bhi na nàmhaid dhith. Tha diadheaire urramach ag ràdh, “Tha Dia a’ nì ceudna, tha ghràdh a’ nì ceudna, tha chorruich a’ nì ceudna, tha thròcair a’ nì ceudna, tha cheartas a’ nì ceudna, agus sin gu bràth. Ach tha sinne ag atharrachadh, air bhur tilgeadh aig auiribh fodh bhuaidh a ghràidh, agus aig auiribh eile fodh bhuaidh a chorrucih. Tha sinn aig amaibh fodh na h-agartasan is duilich de a cheartas, agus aig amaibh fodh na buaidhean is millse dheth a thròcair. Mar a thionndaidheas duine a chorp gu àirde aile de na neamhan tha chuid din dhe na neamhan bha roimhe air an laimh dheis a nis air an laimh chli. Cha’n e nach eil na neamhan mar a bha iad, cha’n eil iad ag atharrachadh aon chuid an suideachadh na an gluasad, ach dh’atharraich an duine a shuidheachadh. Mar sin tha corruich agus gràdh, cearttas agus tròcair Dhé a seasamh a bhnàth anns an aon àite, ach tha sinne a tionndadh, aig amaibh a dh’ ionnsuidh ceartas, aig amaibh a dh’ionnsuidh tròcair. A nis tha sinn a cur ar ‘n aghaidh air fhearg, agus an sin air a ghràdh; Mar sin tha’n t-atharrachadh annain-ne agus cha’n ann an Dia, agus mar sin tha W fantuinn neo-chaoclaidheach fathasd.
4. ‘S e ‘n ceathramh nì so, nach eil neo-chaoclaidheachd Dhé air chor air bith a dùnadh a mach feum a dheanamh do mheadhonan.
Ma tha Dia neo-chaoclaidheach, an sin ciod e’m feum a’ th’ann a’Meadhonan? C’r son a bhios sinn ag ùrnuigh, na ag eisdeachd shearmonan, na nì sinn feum de mheadhonan a chùm ar maith siorruidh? C’ar son, a luchd mo ghràidh, cha’n eil neo-chaoclaidheachd Dhé ann an rathad air bith a dùnadh a mach feum a dheanamh do mheadhonan, oir, guidheam oir oirbh, thugaibh fa’n ear (an toiseach) gu’m bheil Dia ag òrduchadh na meadhonan cho maith ris a crich, agus na meadhonan a chùm na criche. Tha E’g òrduchadh sinn a bhi ‘g ùrnuigh cho maith ri ‘ur maithneas, ar ‘n eisdeachd cho maith ri ar sonas, ar cur cho maith ri ar buain, ar cur cho maith ri ar deanamh feum de mheadhonan, cho maith ri ar buain ann am foghar na tròcair. Tha e’g òrduchadh ar creidimh cho maith ri ar beannachadh, tha E’g òrduchadh an aon cho maith ris an aon eile, seadh, tha E ‘g òrduchadh an ain a chùm an aon eile fhaotainn, agus sin, leis an aon toil shiorruidh agus neo-chaoclaidheach. Shuidhich E gu’n imichiadhmaid ann an oibríbh maith, Ehes. II. 10. Agus dh’òrduich E sinn chùm slàinte, tre naomhachadh an Spioraid agus creadsinn na ffrinn, II Thes. II. 13. (Anns an dara he-àite). Thugaibh fa’n ear. Mar a tha Dia ag òrduchadh na meadhonan cho maith ris a criche, mar sin tre fheum mheadhonan ‘s ann a tha E dha thoirt Fein agus a bheannachadh shuine agus do chreutairean cailte coltach ruinn a chùm na criche. Tha Dia a deanamh cùmhnanta ra shluagh agus mar sin sha chur Fein fodh cheanglaichean nithean mòr a dheanamh air an son, cho mòr agus i surrain Dia a dheanamh, ach is aill leis iad a bhi’g ùrnuigh air an son, cha mhotha nì E iad ach ann rathad ùrnuigh. Esec. xxxvi, 37. Agus tha Dia ag innse dhuinn nach d’thuirt E ri “sliocht Iacobj gu diomharin, Iarraibh mì;” Isaiah xlv. 19. Gu dearbh cha’n eil Dia an eis dha shluagh ann a bhi toirt dhoibh mheadhonan gu bhi deanamh feum dhiubh. “Is maith a bhi ann an dòchas, agus feithheamh gu foil ro slàinte an Tighearn.” Tuireadh Jeremiah iii. 26. Anns a chùmantas cha’n eil Dia dha chomh-phàrtachadh Fein agus a bhràdh ann an dòigh eile, agus an t-anam a ni dìmeas air so, tha e dha chur fein a mach as an t-slighe anns am bheil na foillsichidhean agus an toirt thairis sin aig Dia agus a ghràdh. Gu dearbh, tha Dia, mar gu’m b’eadh, dha cheangal Fein ri anamaibh fodh feum coigeasach a dheanamh do mheadhanaibh a chùm a bhi deanamh maith dhoibh. “Iarraibh agus bheirear dhuibh: siribh agus gheibh sibh: buailibh an dorus, agus fosgailear dhuibh.” Mar a tha sibh mar sin a cur luach air co-chommun ri Dia, agus foillseachadh a ghràidh, bithibh air bhur faiceal a bhi leagail dhibh feum a dheanamh do mheadhonan. (Anns an treas aite). Thugaibh fa’n ear, gu’m bheil na nithean ris an abair sinn mheadhonan, mar a tha ùrnuigh, eisdeachd, agus an leithidead sin, na nithean a tha nochdadh ar n’ùmhlachd, ar n’oradh, agus ar gabhail ri toile Dhé. Leis a so tha sinn ag aoradh do Dhia, agus a toirt Dha an fhaid sin a ghloir a bhuinneas Dha ainm, agus mar sin ‘s e bhi tilgeadh air falbh aoradh Dhé, agus a bhi’g aicheadh gu’m buin Dha ùmhlachd. Cuiribh na nithean so uile cuideachd, agus tha air n’argumaid soilleir, nach eil neo-chaochlaidheachd Dhé ann an dòigh air bith a deanamh air falbh na cur a neo-bhrìgh feum mheadhonan: agus a ‘n uair a nì sinn feum do mheadhonan, cha’n ann gu bhi’g atharrachadh, ach gu bhi coimhlionadh ìntinn Dhé, cha’n ann gu bhi’g atharrachadh, ach gu bhi coimhlionadh a chomhairle, agus dha ar toirt-ne gu bhi dha’n làn choimhlionadh. Mar sin leis na h-argumaidean sin, shoilleirich mì neo-chaochlaidheachd Dhé bho chonnnsachadh agus bho chur na aghaidh, agus tha e fantainn na fhirinn gur e th’anns an Tighearn Iehobhah ach an Dia neo-chaochlaidheachd.
(R’a leantuin)
It is the saying of Luther, “The sea of God’s mercies should swallow up all our particular afflictions.” Name any affliction that is upon you, there is a sea of mercy to swallow it up. If you pour a pailful of water on the floor of your house, it makes a great show, but if you throw it into the sea, there is no sign of it. So afflictions considered in themselves, we think are very great, but let them be considered with the sea of God’s mercies which we enjoy, then they are not so much, they are nothing in comparison. — Jeremiah Burroughs.