Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leantuinn bho t.d. 249)
- Bho bhi gabhail beachd air neo-chaochlaidheachd Dhè, tha sinn a co-dhúnadh oirdheirceas bharraichte nithean spioradail thairis air nithean feolmhor, nithean neamhaidh thairis air nithean talmhaidh, agus mar sin bij chòr dhuinn luach a chur agus a bhi leantuinn an aon seach an seach an aon eile. Gabhaibh so mar riaghaitl shiorruidh, mar is dlùth thig nithean do Dhia, agus mar is mothá tha iad coltach Ris, agus a chomphàirticheas iad Ann, is ann is oirdheirceadh agus is ann is ionmhiannaichte tha iad. Gu dearbh, mar is e Dia tobar, mar sin is E tomhas agus riaghaitl gach luach agus oirdheirceas fhior, agus ann an so cha’n eil nì anns am bheil fior luach agus oirdheirceas ann ni’s fhaide na mar a tha e coltach Ris-san, agus a tha e comhphartachadh Ann-san. Nis, ciod e na nithean is coltaich ri Dia agus a comhphàrtachadh do Dhia? Am bheil iad spioradail na feolmhar; Neamlaidh na talmhaidh? Gu cinnnteach ‘s e nithean spioradail agus neamhaidh. Tha Dia neo-chaochlaidheach, agus mar sin na ghné fein, agus air son nithean feolmhor agus talmhaidh, tha iad a dol as agus a seargadh agus a caochladh. Tha chuid is fearr dhuibh ‘n an ionmhasan a thruaileas an leoman agus a mheirg, agus a bhriseas na meirlich a stigh agus a ghoideas iad. Mata vi. 19. Tha iad uile na nithean a tha seargadh, a tha básachadh, agus ag atharrachadh. “Siubhlaidh an saoghal seachad (tha Eoin ag ràdh) agus ana-miann: ach an tì a ni toil Dhé mairidh e chaoidh. 1 Eoin ii. 17. ‘S e sin tha e dol seachad agus a básachadh. ‘S e ràdh a tha aig Calvin air na briathran. Do bhrìgh (tha e’g ràdh) nach eil anns an t-saoghal nì ach a tha seargadh agus mar gu’m b’ eadh, air son mòmainte; tha’n t-abstol, uime sin, a codhùnadh, cia cho olc ‘s a tha iad a comhairleachadh agus ag ullachadh air an son fein a tha gearradh a mach dhoibh fein an sonas an so, gu h-àraidh ‘n uair a tha Dia dha’r gairm gu a ghloir bheannaichte agus gu beatha shiorruidh. Agus a tha E mar gu’m biodh a’g ràdh, tha’m fior shonas a tha Dia a tairgse dha shluagh siorruidh. Agus, mar sin, tha e neo-airidh annain sinn fein a chur fodh chìs leis an t-saoghal so, a ni, maille ri uile nithean maith, siubhal air falbh. Guidheam oirbh, gabhadh-mid am beachd so gu cridhe; Siubhlaidh an saoghal so seachad, ‘s e sin, saoibhreas, urram, agus subhachas, tha iad uile a seargadh agus ag atharrachadh, agus gearr-shaoghalach; mo thruaigh! cia cho luath, aig iomadh uair, a dh’atharraicheas saoibhreas gu bochdann, subhachas gu pian, urram a dh’ionnsuidh masladh agus tàire, càirdean gu naimhdean lânachd gu falamachd? Cha’n eil seasmhachd ann an aon dhe na nithean sin, tha iad buailteach gu atharrachadh gach mòmainte. Ach a nis tha nithean spioradail agus neamhaidh maireannach agus buan, ‘s e ionmhasan iad nach truaill leoman na meirg, ni mothais urrain mearleach briseadh a stigh annta agus an goid, Mata vi, 20. Tha saoibhreas an t-saoghail so na shaobhreas neo-chinnnteach, a dol as an t-sealladh, 1 Tim. vi. 17, ach tha saoibhreas neamh, agus cùmhnanta graidh Dhé, na shaobhreas cinnteach, buan, maireannach. ‘S e nì buan a th’ann an gràs, agus tha fireantachd Chriosd neo-chaochlaidheach agus buan. Tha maithneas, fireanachadh agus gabhail ruinn le Dia, tre’n fhireantachd sin, na’n nithean buan. Tha aonadh agus co-chomunn ri Dia tre Chriosd, na nithean neo-chaochlaidheach. Tha iad so buan agus beo gu bràth far am bheil air ruigheachd oirre; agus air dha bhi sin mar sin, tha iad a tighinn ni’s dluith do Dhia mar is mothais tha iad coltach Ris agus a comh-phàrtachadh Ann, na tha nithean feolmhor agus talmhaidh a deanamh, agus mar sin tha e ni’s ro-oidheirceadh na iad sin, agus mar sin bu chòr dhuinn an tuilleadh luach a chur orra. O, luchd mo ghràidh, tha barrachd fior luach agus oirdheirceas ann an dileag do ghràs, ann an aon ghathan de naomhachd, ann an aon phlathadh de mhaitheanas peacaidh, ann an aon sealladh air gñuis Dhé air a dheanamh reidh, ann an dlùthachadh ann am broilleach a ghràidh, na tha ann an saoghal de chomhfhurtachdan agus de shàsachaidhean feolmhor; agus mar sin bij chòr dhuinn luach a thoirt dhoibh. Bu chòr dha ‘ur suil agus ‘ur cridhe a thoirt far an aon agus a shuidheachadh air an aon eile. Ach, mu thruaigh! mo mo thruaigh! tha sinn buailteach a bhi toirt gràidh do na nithean caochlaidheach so a tha bhos. O cia cho measail ‘s a tha sinn, agus cia cho luath sa tha sinn, air son a chuid is mothá, air ar giullain air falbh an deigh nithean feolmhor, talmhaidh, mothachailf. Gus cia cho fuar ‘s a tha sinn ‘n a ar gràidh, agus ann a bhi leantuininn an deigh nithean spioradail agus neamhaidh? mar gu’m bitheadh da r’leathadh nithean talmhaidh agus cha’n e nithean neamhaidh na h-aon nithean anns am bheil cudthrom agus riatanas; am feadh, gu dearbh, nach eil luach air bith anns an aon, na glòir annta an coimeas ris a ghloir a tha toirt barrachd, Amhairceadh mid mar sin maille ris an Abstol naomh, “Air dhuinn a bhi’g amharc cha’ ann air na nithean a tha r’am faicinn, ach air na nithean nach eil r’an faicinn: oir tha na nithean a chithear, aimseireil; ach tha na nithean nach faicear, siorruidh.” 1 Cor. iv. 18. Gabh beachd, cha do mheas an t-Abstol gu’m b’fheuch nithean feolmhor agus talmhaidh, bloanadh dhe’n t-suil, do bhrigh gu’m bheil iad aimseireil, caochlaidheach; ach nithean spioradail a tha buan agus siorruidh, b’iad sin a tha e cùnntas airidh air sealladh a shuil, a chridhe, agus na h-uile. O tomhaiseadh-mid nithean le’n coltas ri Dia, agus gu de tha iad a faotaoinn bh’uaithne.
(R’a leantuininn)