Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1974 » December 1974 » Gathan Gloir na Diadhachd Leis an Urr. Eideard Pearce (Air a leanntuinn bho t.d. 343)

Gathan Gloir na Diadhachd Leis an Urr. Eideard Pearce (Air a leanntuinn bho t.d. 343)

4. Tha mionnan Dhé an aghaidh tearnadh pheacach neo-iompaichte

Chaidh mionnan Dhé a mach as a bheul, nach bì aon neo-chreidmheach, neo-atharraichte, gu bràth a dol a stigh do shuaimhneas. “Innus gu’n d’thug mi mo mhionnan a’m’fheirg, Nach teid iad a steach do’m shuaimhneas.” Eabh.111.11. Mar sin thà focal Dhé, a nàdur, a chomhairle, a mhionnan, uile an aghaidh sonas agus slàinte peacach neo-iompaichte, agus feumaidh Dia atharrachadh anns na h-uile ma bhios iad gu bràth air an saoradh, na gu’n atharrachadh. Ach cha’n urrain ann an aon diubh, feumaidh an t-atharrachadh a bhi annta-san. Air bhi do Dhia neo-chaochlaidheach, feumaidh iadsan caochladh na bàsachadh, atharrachadh na dhol as, agus feumaidh atharrachadh dùbailte tighinn orra, ar neo cha’n urrain iad a bhi air an tearnadh, atharrachadh na’n staid ann am ffreanachadh tre fhuil Chriosd, agus atharrachadh ‘n an iomhaidh anns an ath-ghinnmhuinne agus ann ‘n an naomhachadh le Spiorad Chriosd, agus as eugmhais an dà nì sin tha iad dheth gu siorruidh.

1. Feumaidh atharrachadh a bhi na’n staid ann am ffreannachadh tre fhuil Chriosd ma bhios iad gu bràth air an tearnadh.

‘N uair a bhios anam bochd air fhfreanachadh gu saor tre ghràs tre’n t-saorsa tha ann an Iosa, mar a tha’n T-Abstol dha chur ann Rom.111.24, ‘n uair a thà pheacaidhean aon uair a maitheadh agus a phearsa air gabhail ris le Dia, le bhi co-chur ffreantachd iomlan Chriosd, tre chreidimh, an sin thà staid air atharrachadh, agus feumaidh an t-atharrachadh staid sin gu’n teid peacaich a dhol troimhe, ar neo air do Dhia a bhi neo-chaochlaidheach, cha’n urrain iad a bhi air an tearnadh, feumaidh iad tre fhuil agus ffreantachd Chriosd a bhi air a chàradh riutha agus a bhi air a gabhail leo ann an rathad creidimh am peacaidhean a bhi air a maitheadh, agus am pearsachan a bhi air gabhail riutha. Feumaidh iad an cionta uile a bhi air atharrachadh ‘uatha agus am fiachan uile a bhi air am paigheadh, ar neo cha’n urrain iad a bhi air an saoradh. Tha so bitheanta air ainmeachadh anns na Sgiobturan, “Uime sin air dhuinn a bhi air am ffreanachadh tre chreidimh.” Rom.v.1. Agus a ris ann an rann 9. “Is mothá gu mòr uime sin air dhuinn a nis a bhi air ar fireanachadh tre fhuil, a shaorar trid-san o fheirg sinn.” Agus a ris ann an rann 17, 18, 19, “Oir ma’s e tre chionta aon duine, etc. Fathasd chì sibh gu’m bheil fireanachadh tre fhuil agus fireantachd Chriosd do-sheachainte feumail air son beatha agus slàinte. Mar sin, mar an ceudna,” Chùm clu glòir a ghràis, tre an d’rinn e sinn taitneach ann a Mhac gràdhach: anns a bheil againn saorsa tre fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a reir saoibhreas a ghràis. Ephes.i.6,7. Tha nì ceudna air a chur fa’r comhair ann an I.Cor.vi.10, Rom.viii.30. Oh! gu’n mhatheanas agus fireantachd tre fhuil Chriosd, cha’n urrain beatha na tearnadh, suil a bhì ris air son pheacach. Peacadh gun a bhi air a mhaitheadh gu cìnteach damanaidh, agus cha’n eil maitheanas ri bhì air fhaotainn air son pheacach ach ann, agus tre, Chriosd, agus aonadh ri Chriosd, tre chreidimh. Aon uair agus gu’m bì anam air a mhaitheadh agus air fhìreanachadh le Chriosd, tre chreidimh, an sin tha e “dol thairis bho bhàs go beatha” mar a tha e agaibh ann an Eoin v.24, ach gus a sin tha e fantuinn anns a bhàs, agus fodh na bhàs agus fodh dhìteadh.

2. Feumaidh atharrachadh a bhi’n an iomhaigh anns an ath-bhreith agus na naomhachadh le Spiorad Chriosd.

’N uair a tha peacach air ath-bhreith, air a bhreith bho uisge agus bho’n Spiorad, mar a tha Chriosd ag ràdh, ’n uair a tha e air a dheanamh na chreutair nuadh, tha, na seann nithean a dol seachad, agus na h-uile nì air a dheanamh nuadh, mar a tha’n t-Abstol dha chur, II. Cor.v.17. ’N uair a tha air a chruthachadh ann an Iosa Chriosd agus a tha obair fhallain gràis air a dheanamh agus air a ghiullain air adhart ann le Spiorad Chriosd, an sin tha iomhaigh, agus feumaidh a leithid sin de dh’atharrachadh iomhaigh àite a ghabhail a thaobh peacach, ar neo cha’n urrain e bhi air a thearnadh. Cha do thearn Dia riamh, agus cha tearn, anam nach eil air ath-nuadhachadh, cha cheadaich a neo-chaochlaidheachd slàinte a leithid sin do neach. Agus gu dearbh tha na Sgriobturan làn dheth. “Gu deimhin, deimhin (a deir Chriosd ri Nicodemus)” thà mì ag ràdh riut, mar beirear duine a ris, nach urrain e rioghachd Dhé fhaicinn. Eoin iii.3, agus a ris, rann 5, Gu deimhin deimhin tha mì ag ràdh riut, mar a bith duine air a bhreith o uisge, agus o ’n Spiorad cha’n urrain e dol a steach do rioghachd Dhé.” Chi sibá gu’r e so tha Chriosd ag ràdh, agus sin thairis agus thairis, agus leis a chainnte is treise is urrainear a smuain-teachadh. Mar sin mar an ceudna tha e air a ràdh gu’r e neamh oighreachd na’n naomh, Col.i, agus a mhuiintir a tha air a’ naomhachadh, Gniomh.xxvi.18. Mar sin tha e air a ràdh thaobh na’n Corintianach gu’m bheil iad air a’ naomhachadh, cho maith ri bhi air am fireanachadh, agus mar sin air an deanamh comasach a bhì sealbhachadh rioghachd Dhé. ICor.vi. 10, 11, agus Titus iii.5. Tha e air a ràdh thaobh Dhé gun do shaor E sinn a thaobh a thròcair le ionnlaid na h-ath-ghinmhuinn agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naomh. Mar sin feumaidh atharradhadh iomhaigh tighinn oirne cho maith ri atharrachadh staid, ar neo cha’n urrain sinn a bhi air ar tearnadh, agus sin do bhrigh gu’m bheil Dia neo-chaoclaidheach. Oh! cia mar a bu chòr dhuinn uile amharc an deigh an atharrachaidh so? Anam, bi cinnteach a so, cha’n e do shuairceas agus do mhodhalachd, ge be air bith cho àrd agus cho taitneach; cha’n e t-atharraidhean bho’n leth a muigh, cha’n e bhì dha’d cho-chur fein ri riaghailtean agus laghanan agus dleasdanais bho’n leth a muigh agus an leithidean sin a thearnas thù, na choisneas dhuit nì air bith a thaobh na beatha mhaireanaich, mar a tig thu fodh’n atharrachadh dhùbailte so mu’n cualadh thù.

(R’a leanntuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice