Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1975 » January 1975 » Gathan Gloir na Diadhachd

Gathan Gloir na Diadhachd

Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leanntuinn bho t.d. 372)

B’urradh Pol, tha mi cinnteach, e fein a choimeas riut a thaobh moraltachd agus ùmhlachd bho’n leth a muigh do’n lagh, ‘n uair a bha e fathasd ann an staid chaillte, agus an deigh sin an deigh dha tighinn gu credimh ann an Criosd, tha e faicinn aobhar air son a bhi meas na h-uile nì na’n call agus na’n aolach, Phil. 111. Agus esan a thainig gu Criosd mu’m bheil sinn a leughadh ann a Mata xix. 16, 17, 18, 19, 20, 21, 22, r’thàinig e air tomhas mòr do mhoraltachd, cumadh ris an lagh bho’n leth a muigh, gidheadh bha e easbhuidheach, agus cho fad easbhuidheach agus, air son nì air bith a gheibh sinn, thuit e gu siorruidh goirid air neamh agus air tearnadh. Oh! feumaidh atharrachadh, atharrachadh staid, agus atharrachadh iomhaigh tighinn thairis oirne, ar neo fàgaidh ar moraltachd sinn mu dheireadh gu bhi caillte. Cumadhmid, uime sin, air chuimhne an t-atharrachadh so; am bheil mì air m’ atharrachadh na nach eil? Air m’atharrachadh feumaidh mì bhì, agus sin le atharrachadh mòr, le atharrachadh staid, agus atharrachadh pearsa, ar neo cha’n urrain mì bhì air mo thearnadh. Am bheil, uime sin, eolas againn air a leithid sin de dh’atharrachadh? Oh! luchd mo ghràidh, deanadh neo-chaochlaidheachd ann an Dia ar toirt gu bhì’g amharc a mach air son atharrachdadh annian-ne. Cha’n atharraich Dia a chùm a bhi tearnadh aon againn; tha E toileach a bhì dh’ar n’atharrachadh-ne a chùm agus gu’m biodh-mid air ar tearnadh, ach cha’n atharraich E Fein gu bhì tearnadh aon againn.

  1. A ris, bho na chaidh a ràdh a thaobh neo-chaochlaidheachd Dhé, tha sinn a co-dhùnadadh, agus a tarruig bh’uaithne millseachd neo-chriochnachd a ghràidh agus searbhadas neo-chriochnach fheirg, agus mar sin sonas neo-chriochnach na muintir aig am bheil còir anns an aon, agus truagh na muintir a thuiteas fodh’n aon eile. Ni peacaich tair air gràdh Dhé, a roghnachadh gràdh a chreutair air thoiseach air; agus cuiridh siad a neo-shuim fhearg, gu toileach dha bhrosnuchadh n’an aghaidh féin, ach na’n amhairceadh iad orra féin faraon ann an sgàthan a neo-chaochlaidheachd gheibheadh iad a mach gu’m bheil barrachd millseachd anns an aon, na gu’m biodh e air a chur an suarachas, agus barrachd uamhas anns an aon eile na gu’m biodh e air a chur air cùl.

  2. Bho neo-chaochlaidheachd Dhé, tha sinn a co-dhùnadadh, agus a tarruig a mach millseachd neo-chriochnach a ghràidh, agus mar sin sonas na muintir aig am bheil còir ann. Tha aig Dia sluagh a tha E gràdhachadh, agus tha ghràdh dhoibh na ghràdh saor, na ghràdh saoibhir, na ghràdh sonraichte, na ghràdh ro-àrd agus iomlan anns na h-uile seadh. Ach a nì a thà gu dearbh a crùnadh na h-uile nì, agus a cur millseachd neo-chriochnach ann, ‘s e so e, gu’r e gràdh neo-chaochlaidheach a th’ann, gràdh nach searg as, nach atharraich. Is fior e, faodaidh a ghràdh, agus thà e air uairibh, fodh sgàil agus fodh neul, ach ged a tha e fodh sgàile, gidheadh cha’n atharraich e, ged a tha e air uairibh fodh neul, gidheadh, cha’n atharraich e gu bràth. Gràdh fodh sgàil na fodh neul, is e gràdh a th’ann fathasd. Faodaidh a ghrian a bhi fodh neul, seadh, faodaidh dubhar tighinn oirre air son am, a chumas a mach as ‘ur sealladh i, agus a chumas bhuain a feartan comhfhurtail agus a dealradh air son uine, ach tha ghrian ann am bith, agus na deigh uine dealraidh i a ris, agus sin cho milis, soilleir, agus comhfhurtail ‘s rinn i riamh. Mar sin faodaidh sgàile, neul, dubhar, mar gu’m b-eadh, tighinn air gràdh Dhé, air a leithid de dhòigh agus gu’n toir e bh’uainn air son uine na seallaidhean comhfhurtail, na dealraidhean, na feartan a tha Ann, ach gidheadh, ‘s e gràdh a tha ann, agus gràdh milis mar an ceudna, agus an deigh uine, nochdaidh agus dealraidh e a ris. ‘S e focal milis a tha agaibh ann an Salm xxx.5, “Oir cha’n eil ach tiota na fheirg; tha beatha ‘n a dheagh-ghean.” Tha beatha ann an so (mar a tha fear-mineachaidh breithneachail a toirt fa’n ear) air a chur an agaidh na mionaid a tha air ainmeachadh an toiseach an roinn, agus mar sin ‘s e ‘n ciall a tha aige, gu’m bheil an gràdh leis am bheil Dia a gràdhachadh a mairsinn tre’m beatha uile, tha E beo agus mairidh E gu Bràth; ‘s gràdh buan agus a fantuinn a th’ann. Mar sin tha e ann an Isaiah 1 iv. 8. “Mar so deir an Tighearna, Amhuil a gheibhear am fion nuadh anns a bhagaide, agus a their neach, Na mill e, oir tha beannachadh ann; mar sin their mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mì an t-iomlan.” (Tha Dia ag ràdh so r’ a eaglais) Mar sin thà mì ag ràdh, ged a dh’faodadh gràdh Dhé dha shluagh a bhi fodh sgàile, gidheadh cha’n atharraich e; ‘s e gràdh cunbhallach a th’ann; agus oh cia cho millis ‘s a thà so a deanamh a ghràidh, agus cia cho sona ‘s thà iad aig am bheil còir ann? Oh, neach a bhì air a ghràdhachadh le Dia neo-chaochlaidheach, le gràdh neo-chaochlaidheach, thà so milis da-rìreabh. Is beag luach na millseachd a th’ann an gràdh a chreutair, agus sin do-bhrìgh a laigse agus fhalamhachd, agus mar an ceudna do bhrìgh cho caochlaidheach ‘s a thà e. Mo thruaigh! gràdhaichidh an creutair an diugh, agus fuathaichidh e a màireach. Oh! a nis tha gràdh Dhé de dh’eadar-dhealachadh gné, gràdh anns am bheil lánachd agus taisealachd, thà gu leoir agus neo-chaochlaidheachd ann, agus mar sin a dh’fheumas a bhi neo-chriochnach milis agus ionmhiannaichte. Mar sin, uime sin, dh’fhaodadh Daibhidh eigeach a mach le ioghnadh mar a rinn e ann Salm xxxvi.7, “Cia luachmhor do choibhneas gràdhach a Dhé! uime sin earbaidh clann nan daoine a sgàile sgiathan.” Agus mar ann an Salm 1 xiii, 3, “Do bhrigh gur fearr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean clui dhuit.” Tha e roimh na h-uile beatha. Thà aon tomhas dheth ro bhi air a roghnachadh roimh iomadh saoghal de chomhfhurtachdan a chreutair. Tha gràdh Dhé uile mhaith, uile chomhfhurtail, uile aoibhnis, na thobar lânachd agus fior-ghlan. ‘S e th’ ann ach tobar bithbhuan air nach tig traoghachd, de mhìllseachd, fuaran neo-atharraichte de thlachd; ann tha gràs, uile ghràs, sìth, uile shìth, aoibhneas, uile aoibhneas, sàsachadh, uile shàsachadh, fois, uile fhois agus comhfhurtachd. Oh anam! amhairc air gràdh do Dhia dhuit, amhairc air, agus chì thù saoibhreas do-rannsaichte, lânachd nach gabh a bhi air a thomhas, doimhneachd nach gabh a bhi air a sgrùdadh, agus (ni a tha crùnadadh na uile) neo-chaochlaidheachd shiorruidh; agus Oh! cia cho sona ‘s chì thù thù fein ann! Cia an lânachd de chomhfhurtachd an Spioraid leis am faod thù suidh sios agus a ràdh, tha gràdh aig Dia dhomh, agus tha ghràdh dhomh neo-chaochlaidheach. Atharraichidh càirdean, atharraichidh comhfhurtachan bho’n leith a muigh, atharraichidh mì féin, ach cha’n atharraich gràdh Dhé dhomh, tha mì gu bràth air a chridhe, agus cha’n urrain daoine na diabhuill, peacaidhean na bròin mo thilgeadh a mach as. Is fior thà E aig amaibh a toirt àmhghair dhomh, agus gidheadh tha gràdh Aige dhomh; foluichidh E aig amaibh a ghnùis orm, ach gidheadh tha gràdh Aige dhomh; Tha E aig amaibh coltach ri bhi dha mo mharbhadh, tha E dha mo bhruthadh le briseadh an deigh briseadh, ach gidheadh tha E dha mo ghràdhachadh; dùinidh E suas mì ann an seomar tinneis, cuiridh E mì air leabaidh tinneis, tha e coltach ri bhi sonrachadh mo chur na’m luidh anns an duslach, ach gidheadh tha gràdh aige dhomh; brisidh mì bh’uaithhe agus imichidh mì bh’uaithhe, thà mì peacachadh na aghaidh gach latha agus gach uair, agus gidheadh tha gràdh Aige dhomh, thà E dha mo ghràdhachadh a dh’aideoin na h-uile, cha’n urrain a ghràdh a bhi air a bhriseadh air falbh bh’uam, agus an deigh ùine ghoirid snàmhaidh mì ann am fuaran a ghràidh gu bràth. Oh cia milis! cò air nach biodh fadachd air son a ghràidh so? Tha gràdh neo-chaochlaidheach Aige dhomh, agus mar sin glanaidh E mì, ionnlaid E mì, bheir E maithneas dhomh, nì E iomlan naomh mì, tha gràdh Aige dhomh, agus gràdhaichidh E mì, gus an cuir E mì na lâthaireachd agus na bhròilleach shuas, agus an sin gràdhaichidh E mì gu bràth.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice