Leis an Urr, Eideard Pearce
(Air a leanntuinn bho t.d. 187)
- Am bheil Dia neo-chochlaidheach? An sin cja mar a bu chòr dhuinne bhi air ar ‘n ioraslachadh air son gu’m bheil sinn cho bitheanta a deanamh eucoir air Dia, a cur as a leith neo-sheasmhachd agus atharrachadh mar a tha sinn a deanamh? Mar sin, a luchd mo ghràidh, tha naimhdeas agus mi-chreidimh ag aobhrachadh, gu’m bheil sinn buailteach, aig gach am, gu bhi ‘g altrom smuaintean cruaidh mu Dhia, agus a bhi toirt a stigh casaidean dubh na aghaidh; nis tha sinn a cur as a leth laigse, agus mar an ceudna aimeadas; nis le neo-dhìlseachd, agus a ris le mi-cheartas; a nis le cruas, agus a ris le atharrachadh; ni tha na olc mòr, agus a gairm air son ùmhlachadh mòr: tha Dia neo-chochlaidheach, agus tha E seasamh gu mòr air glòir a neo-chochlaidheachd, agus gidheadh tha sinn a cur as a leith, agus ciod e’n tamailte a tha’n so dha? An so tha’n Salmadair (ge b’e co e) a tighinn dluth air, “An tilg an Tighearn’ uaith gu bràth? agus nach nochd e a dheadh-ghean na’s mo? An do sguir a choimhneas am feasd? an d’fhàilnich fhocal o linn gu linn? An do dhearmaid Dia a bhi gràsmhor? An do dhruid e na chorruich a chaomh-thròcairean? Salm lxxvii. 7, 8, 9. Ciod a tha’n so uile ach a bhi, ann an seadh, a cur as leith Dhé, nach e’n Dia a bh’ann a tha ann, nach eil E cho tròcaireach, na cho dìleas, na cho gràsmhor, agus a bha E roimhe so. Tha e coltach ris mar gu’n abradh neach, Be Dia tròcaireach a bh’ann an Dia, bha E gabhail tlachd ann an tròcair, ach a nis tha thròcair air tighinn gu croich, agus tha e tighinn gu bhi uile gu leir searbh. Bha E dìleas na gheallaidhean, ach a nis tha gheallaidhean a fàilneachadh, agus a fàilneachadh gu tur; bha E na Dhia gràsmhor, b’e gràs a bhuadh thlachdmhor, ach a nis tha gràs air a dhi-chuimhneachadh Leis. Mar so air son ùine àraidh chuir e ath-arrachadh as leith Dhe, ged an deigh ùine, mar a tha’n co-theagasg ag innse dhuinn, thàinig a chreidimh air ais, agus thainig smuaintean ceart mu Dhia. Bha Iob, mar an ceudna gu domhain air a ghabhail a stigh anns a chionta so, “Tha thù air fàs an-ìochdmhor rium; le neart do laimhe tha thù ‘g ad chur fein a’m aghaidh.” Iob xxx. 21. (tha e’g ràdh ri Dia) Bha thù roimh a’d’ Dhia coibhneil dhomh, ach thà thù nis an-ìochdmhor dhomh. Tha’n Eaglais, mar an ceudna, làn dhe so, agus thà t dha labhairt a mach. “Ach thubhairt Sion, Threig an Tighearna mi, agus rinn mo Thighearna mo dhi-chuimhneachadh.” Isaiah xlix, 14. Dh’atharraich Dia, cha’n e’n Dia E a bha E. Mar sin tha mi’g ràdh, ged a thà Dia neo-chaochlaidheach, gidheadh thà sinn buailteach a bhi cur atharrachadh as a leith. Tha sinn buailteach dha bhi smuaitheachadh nach eil E a ni bha E, na anns an àite san robh E; nach eil E eadhon cho maith ‘s a bha E, na cho mòr, cho cumhachdach, cho glic, cho naomh, cho dìleas, cho gràsmhor ‘s a bha E, agus mar sin air adhart. Feuch (a deir am fàidh) “cha’n eil làmh an Tighearn air dol an giorrad, air chor agus nach faod i tearnadh; nì mothà tha a chluas air fàs mall, air chor agus faod i cluintinn.” Isaiah lix. 1. Smuaitich iad agus cho-dhuinn iad gu’n robh làmh an Tighearn air a giorrachadh, ‘s e sin, gu’n robh a chumhachd air a lughdachadh, agus nach robh E cho comasach gu tearnadh ‘s a bha E roimh so; smuainteach iad agus cho-dhuinn iad gu’n robh chluas air fàs mall, ‘s e sin, nach robh E cho maith, cho coibhneil, agus cho ullaibh air eisdeachd ri an ùrnighean ‘s a bha E, bha E na Dhia a bha comasach gu tearnadh, ach a nis, tha iad ag ràdh, cha’n eil E comasach, bha E na Dhia a tha ‘g eisdeachd ùrnigh, ach a nis, tha iad ag ràdh, cha’n eil E mar sin. Mar sin tha iad ullabh air a bhi cur atharrachadh as a leith; ach a deir am fàidh, cha’n eil a leithid de nì ann, tha Dia a nì a bha E, tha chùmhachd a nì a bha E, agus ullamhachd gu eisdeachd agus gu cuideachadh, agus gu tearnadh a nì a bhà e. Thà, a measg feadhon eile, dà nì gu sònraichte anns am bheil sinn buailteach a bhi cur as leith an Dia neo-chaochlaidheach atharradhach; ‘s e aon diubh, ‘n uair a dh’ atharraicheas ar giullain agus ar gluasad a thaobh Dhé. ‘S e nì eile, ‘n uair a dh’ atharraicheas Dia a ghiullain agus fhiosrachaidhean ‘n ar ‘n aghaidh-ne, oir gu dearbh thà sinn buailteach a bhi tommas Dhé, agus breith a thoirt Air le a ghiullain agus a fiosrachaidhean bho’n leith a muigh dha’r taobh-ne, agus ‘n uair a thà iad air an atharrachadh, co-dhùnadh sinn gu’m bheil E’g atharrachadh. Ann an Gen. xxxi, 2, “Agus chunnaic Iacob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin.” Mar sin thà sinn iomadh uair a toirt fodh’n ear gnùis Dhé, a giullain agus a fiosrachaidhean dha ar taobh, agus cha’n eil e dha’r taobh mar a bha e roimhe, thà gnùis air atharrachadh, agus do bhrigh nach eil a gnùis mar a bha i, bi sinn a smuainteachadh, nach eil a chridhe maillé ruinn mar a bha E. Oh! luchd mo ghràidh, biodh-mid air ar faiceil bho’n olc mhòr so, a bhi cur atharrachadh as leith Dhé; ‘s e olc mòr a th’ ann da-rtheadh, ‘s e nì
A close-up photograph of a person’s hand and part of their face, looking down. The hand is resting near the face, with fingers slightly curled. The lighting is soft, and the background is dark.
th’ ann a gle chràiteach agus a brosnuchadh Dhé, agus ‘s e nì th’ ann a leagas an t-anam fodh chionta sgàrlaid agus chorcuir, ‘s e th’ ann, da-rìreadh, ach a bhi spuinneadh Dhé de aon dhe na neamhnaidean is dealraicheadh na chrùn, seadh, ‘s e th’ ann ach a bhi dha chur a bith; oir ma tha E caochlaidheach, cha’n e Dia e. Bi air chrith, Oh! leughadair, uime sin, agus bi air chrith Oh m’ anam, ri bhi smuainteheadh air a leithid de nì ri so, seadh bhi cur as leith an Tì a tha neo-chaochlaidheach gu’m bheil atharrachadh maille Ris.
(R’a leanntuinn)