(Air a leantuininn bho t.d. 252)
CAIB. VIII
Tha màl do dh’urram dleasdanach Dhà do bhrigh a neo-chaochlaidheachd. Bhuinneadh dhùinn an t-urram sin a thoirt Dhà. Aobharan aithghearr agus soilleir a chùm na criche sin.
Tha gach buadh agus iomlanachd ann an Dia ag agradh màl de dh’urram agus de gglòir dhà bho na chreutair; agus ‘s e roinn mhòr dhuibh le chéile gliocas agus dleasdanas a bhi toirt do gach buadh agus iomlanachd a thà Ann-san. Thoilich e Dia E Féin fhoillseachadh agus a leigeil fein ris aig amaibh ann an aon eile dhe bhuadhan; aig amaibh tha E dha fhoillseachadh Féin na ghliocas, aig amaibh eile na chumhachd, aig amaibh na naomhachd, aig amaibh na dhìlseachd, aig amaibh na cheartas, aig amaibh na ghràs, aig amaibh na mhòrachd, agus aig amaibh, mar an so, na neo-chaochlaidheachd; nis, thà mì ag ràdh, tha earran mhòr de theomachd agus do dhleasdanas a Chriosduidh a luidh ann an so, a bhi toirt do gach buadh anns am foillsich Dia E Féin, a ghglòir a bhuineas Dhà, ‘s e sin ri ràdh, a bhi toirt urram do Dhia ann an rathad a tha freagarach do’n fhoillseachadh a thà E deanamh air Féin. Nis, air bhi do Dhia neo-chaochlaidheach bu chòr gu’m biodh ar n’obair agus ar cùram a bhi toirt Dha glòir a neo-chaochlaidheachd, nì thà, innseam dhuibh, gle mhùirneach na shealladh. Ach cia mar a bheir sinn do Dhia a ghglòir a bhuineas do’n bhuadh so? Gabh a mhàin am beagan sheollaidhean so gu h-aithghearr a thaobh sin.
-
An toireadh sinn do Dhia glòir a neo-chaochlaidheachd? An sin faidheadh-mid ar cridheachan go dòmhain air an gluasad leis a bhuadh so a bhuineas Dhà, air bhi dhuinn ann an rathad naomh fodh eagal roimhe. Tha neo-chaochlaidheachd Dhè na bhuadh uamhasach, nì tha’g agradh mòr fhiamh naomh agus eagal bho’n a chreutair, agus ‘n uair a tha ar cridheachan gu dearbh ann an rathad naomh fodh mhothachadh air a bhuadh so, agus ‘n uair a thà sinn air ‘ur lionadh le urram naomh a thaobh Dhé, mar a tha E neo-chaochlaidheach, an sin bheir sinn Dhà a ghglòir a bhuineas Dhà. Tha so coltach ri bhi air a chomharrachadh a mach ann an Isaiah XL:4, 5, ann an rann 4, tha Dia dha fhoillseachadh Féin a mach na neo-chaochlaidheachd ‘n uair a thà E’g ràdh, Mise an Tighearna, a cheud aon agus an aon mu dheireadh (na mar tha cuid dha eadar-theangachadh Mise an aon ceudna, agus na rann 5 tha agaibh na h-eileanan air an gluasad leis a bhuadh so. Uime sin nan toireadh sinn da-ríreadh gloir a neo-chaochlaidheachd bu chòr dhuinn mothachadh a dheanemh gu ar cridheachan a chur fodh fhiamh le mothachadh agus tligse a nì sin; bu chòr dhuinn còmhnuidh a a ghabhail gu mòr ann a bhi beachd-smuainteachadh air a bhuadh so a bhuineas do Dhia; bu chòr dha ar cainnte a bhi, Uell, cia mòr cho caochlaidheach ‘s a thà sinne gidheadh thà Dia neo-chaochlaidheach thà E ghnàth a’ nì ceudna ann mòrachd, neo-chaochlaidheach na mhaiteas, neo-chaochlaidheach ghliocas, neo-chaochlaidheach na chùmhachd, neo-chaochlaidheach na naomhachd, neo-chaochlaidheach na dhìlseachd, neo-chaochlaidheach na lânachd agus na fhoghainteachd, thà E anns gach seadh na Dhia neo-chaochlaidheach, a nì a bha E, tha E, an nì a tha E bithidh E gu bràth. Mar sin bhuineadh dhuinne suidh sios agus beachd-smuainteachadh air a bhuadh so gus am faidh sinn ar cridheachan air an gluasad agus fodh fhaimh dhà thaobh.
-
An tugadh-maid do Dhia glòir a neo-chaochlaidheachd? An sin thugadh-mid do Dhia a bhuadh so, agus cuireadh-mid an céill a glòir ann. Ann an Deut. XXXII:3, tha sinn air ar gairm gu bhi toirt mòrachd do Dhia agus mar a bheireadh Dhá mar sin buinidh dhuinn neo-chaochlaidheachd a thoirt do Dhia, agus mar an ceudna a mholadh agus aoradh a thoirt Dhà ma tha sinn a ciallachadh a bhi toirt Dhà glòir na buadh sin. Mar sin tha an salmadair a deanamh a rithisd agus a rithisd. “A Thighearna thà thus a’d ionad-còmhnuidh dhuinn o linn, mu’n do ghineadh na beanntan, agus mu’n do dhealbh thu’n talamh agus an cruinn-cè, eadhon o bhith-bhuant achd gu bith-bhuantachd is tusa Dia.” Salm XC:1, 2. “Theid as dhoibh-san, ach mairidh tusa.” Salm CII:25, 26, 27. Tha e labhairt air glòir Dhè na neo-chaochlaidheachd, dha mholadh agus a deanamh aoraidh Dhà anns a bhuadh so. Tha an Eaglais a deanamh an nì ceudna anns an Taisbeanadh IV:8, far am bheil sinn a leughadh mu na ceithir beo-chreutairean nach eil a gabhail fois a latha na dh’oidhche ag ràdh, naomh, naomh, naomh, an Tighearna uile-chumhachdach, a thà, agus a bhà, agus a thà ri teachd. Feuch an toiseach, Tha iad a cur an céill glòir naomhachd Dhé, ag ràdh naomh, naomh, naomh; anns an dara h-àite thà iad a cur an ceill glòir cumhachd Dhé agus àrd-uachdaranachd an Tighearna Dia uile-chumhachdach. ‘S an treas àite thà iad a cur an céill glòir neo-chaochlaidheachd agus siorruidheachd Dhé, a bhà, a thà, agus a thà ri teachd. ‘S e sin ri ràdh, is Dia naomh thù agus thà sinn a deanamh aoraidh dhuit air son do naomhachd. ‘S e Tighearna cumhachdach agus àrduachdaranail, agus thà sinn ag aoradh dhuit air son do chumhachd agus t-àrd-uachdaranachd. Cia air bith cho mòr gus a dhòl as an t-sealladh ‘s a tha’n creutair thà thuse an Tìceudna; air an dòigh cheudna bhuinneadh ann a bhi labhaint air neo-chaochlaidheachd ann an Dia a bhi gu mòr dha mholadh agus a bhi toirt aoradh Dhà anns an iomlanachd so Aige. ‘S e so na h-uile is urrain dhuinn a dheanamh, agus ‘s e gu dearbh ar glòrachadh Air a bhi foillseachadh agus a deanamh iomradh air òirdheirceasan agus iomlanachdan Dhé, agus le ar spioradan agus le ar teanganan a bhi cur an céill an glòir, nì da-rìreadh is e ar n-obair gu bràth. O biodh-mid gu mòr ann a’ nis.
(R’a leantuininn)