Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leantuininn bho t.d. 280)
- An toireadh-maid do Dhia glòir a neo-chaochlaidheachd?
An sin faiceadh agus aidicheadh-maid E agus a neo-chaochlaidheachd a bhi ‘na aon tobar agus fuaran uile neo-chaochlaidheachd a dh’ionnsuidh an ruig daoine agus ainglean. Annta féin tha iad uile caochlaidheach, ach gidheadh tha neo-chaochlaidheachd bheannaichte aig cuid dhiubh, tha mi ciallachadh, na naoimh agus na h-ainglean naomh, a ruigheachd air, tha iad gu siorruidh agus gu neo-chaochlaidheach air an daingneachadh anns na h-uile mhaith, anns na h-uile naomhachd, anns na h-uile shonas. Agus cia bh’uaith tha so uile teachd gu crìch? Gu deimhinn bho neo-chaochlaidheachd Dhé. ‘S e sin tobar agus fuaran na h-uile: mar nach robh Dia neo-chaochlaidheach, neo-chaochlaidheach ‘na chùmhnant, ‘na chomhairl, agus ‘na ghràdh, cha ruigeadh iad gu bràth air a leithid de neo-chaochlaidheachd. Do neo-chaochlaidheachd bhuineadh dhuinn a ghlòir a thoirt. Amhairc mar a tha
Criosd ag ràdh, ann an suidheachadh eile, “Do bhrìgh gu’m bheil mise beò, bithidh sibhse beò mar an ceudna.” Mar sin faodaidh Dia a ràdh, araon ri daoine agus ainglean, Do bhrìgh agus gu’m bheil mise neo-chaochlaidheach, bithidh sibhse neo-chaochlaidheach mar an ceudna. Gu dearbh, an neo-chaochlaidheachd air am bheil naoimh agus ainglean a ruigheachd, cha’n ann ach mar gu’m b’eadh ach gàthan de neo-chaochlaidheachd Dhé air a chur a nuas orra. Bithidh iad gu neo-chaochlaidheach naomh do bhrìgh agus gu’m bheil Dia mar sin; tha iad gu neo-chaochlaidheach beannaichte do bhrìgh gu’m bheil Dia mar sin, agus tha co-chomunn aca ri Criosd ‘na neo-chaochlaidheachd, ‘na naomhachd, agus ‘na bheannachd. Faicibh, uime sin, agus aidichibh Dia na neo-chaochlaidheachd anns an neo-chaochlaidheachd a bhuineas do naoimh agus do ainglean, a measg a neo-chaochlaidheach-san Dhà-san gu h-uile.
-
An toireadh-maid do Dhia glòir a neo-chaochlaidheachd? An sin bitheadh-maid beò air an neo-chaochlaidheachd so Aige-san. Mar is motha tha sinn beò air neo-chaochlaidheachd Dhé ‘s ann is motha a bheir sinn urram dhith, agus ‘s is motha a bheir sinn Dhà-san a ghlòir. A nis, buineadh dhuinn a bhi beò fodh shealladh dùbailt air . . .
-
Bhuineadh dhuinn a bhi beò oirre mar an aon aobhar air ar cumail bho sgrios, le sùil a bhi againn ris na h-uile ni bh’uaithe agus a cur na h-uile ni as a leth. Tha Dia a comharrachadh so a mach anns an dearbh cheann-teagaisg so, “Is mise Iehobhah, cha chaochail mi: air an aobhar sin cha’n eil sibhse, O chlann Iacoib, air ‘ur sgrios.” Is ann bho m’ neo-chaochlaidheachd a tha gu’m bheil sibh beò, nach eil sibh a mach a h-ifrinn, agus ‘s e mo neo-chaochlaidheachd a dh’fheumas ‘ur cumail beò, agus ‘ur gleidheadh gu bràth, agus tha sùil agam gu’n aidich sibh e, agus gu’m bi sibh beò a reir sin. Bu chòir dha ar cainnt a bhi. Tha mi beò agus c’ar son? Do bhrìgh gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach. Tha mi mach a h-ifrinn, agus c’ar son? Do bhrìgh gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach? Seadh, tha sùil agam a bhi beò gu bràth, agus c’ar son? Do bhrìgh gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach. Is fior e, tha mi am chreutair caochlaidheach, agus coltach ri mi bhi air m’fhàgail dhomh féin, dhealaichinn ri beatha, anam, slàinte agus na h-uile ni, seadh, tha mi dealachadh gach latha agus uair le peacadh. Ach ‘s e Bith neo-chaochlaidheach a th’ann an Dia, tha E gu bràth an Tì ceudna, tha a chomhairle, a chùmhnanta, agus a ghràdh an ni ceudna, agus mar sin tha mi beò, agus bithidh mi beò, seadh, bithidh mi beò gu siorruidh. Oh! ‘s e so a bhi beò air neo-chaochlaidheachd Dhé a bhi toirt Dhà glòir na h-iomlanachd so Aige-san. 2. Bhuineadh dhuinn a bhi beò air
neo-chaochlaidheachd Dhé mar thobar milis de chomhfhurtachd agus ùrachadh dhuinn fodh na h-atharraichean cràiteach a choinnicheas ruinn anns an t-saoghal so. Coinnichidh sinn anns an t-saoghal so ri iomadh caochladh cràiteach, tha caochlaidhean agus cogaidhean air ar muin ach tha neo-chaochlaidheachd Dhé ‘na fhuaran milis de chomhfhurtachd anns na h-uile, agus fodh na h-uile. Agus ‘n uair a tha sinn beò air mar sin, a cumail suas ar n’anamaibh, an sin tha sinn a toirt do’n bhuadh sin a ghlòir a bhuinas dhith. ‘S e so a tha air iarruidh ann an Isaiah xxvi., Cuiribh-se ‘ur dòchas anns an Tighearna do ghnàth, oir anns an Tighearn Iehobhah tha neart siorruidh. (‘s e sin, bithibh beò, gabhaibh fois, taicicheabh air, Car son?) oir anns an Tighearna Iehobhah tha neart siorruidh. Carraig nan All, Carraig nan All so, Carraig nan All a chaidh seachad, Carraig nan All a tha ri teachd, Carraig nan All. ‘S e sin ri ràdh Aon a tha daingean, neo-chaochlaidheach, agus Aon a tha mar sin, feumaidh e bhi ‘na chuspair earbsach, agus mar nach earb sinn ann, agus am bi sinn beò air, mar ar beatha, cha’n eil sinn a toirt dhà a ghlòir a bhuineas dhà. Bu chòir, mar gu’m beadh, suidh sios agus a ràdh, Seadh, ged a dh’atharraicheas mo staid, gidheadh cha’n atharraich Dia, agus mar sin tha gach ni gu maith. Ged a dh’atharricheas mo chàirdean agus mo chomhfhurtachdan, mo chàirdean a tionndadh gu naimhdean, agus a dh’atharraicheas mo chomhfhurtachdan, gidheadh cha’n atharraich Dia, agus cho fad sin tha gach ni gu maith. ‘S eadh, tha e fior, atharraichidh mo spiorad, cha’n eil muinghinneachd no sochrachadh ann, cho fad ‘s tha gach ni a tha maith agus gràsmhor air a ghabhail a stigh, gidheadh cha’n atharraich Dia, tha E an ni ceudna agus bithidh mi beò Air-san. Tha’n Tighearna beò “agus gu’m bu beannaichte mo charruig-sa.” Salm xviii. 46. Bàsaichidh Càirdean, bàsaichidh maoin, agus tha mi féin a bàsachadh, ach tha’n Tighearna beò, agus tha gu leòir ann an sin gus mo chumail suas fodh na h-uile ni. Agus ‘n uair a tha sinn beò air neo-chaochlaidheachd Dhé mar fhuaran agus mar thobar de chomhfhurtachd dhuinne fodh gach atharrachadh cràiteach ann an so, an sin bheir sinn Dhà glòir na buadh sin a bhuinneas Dhà.
(R’a Leanntuinn)
I am resolved by the grace of God, to speak of other men’s sins only before their faces, and of their virtues only behind their backs.
Beveridge.