(Air a leantuinn bho t.d. 305)
5. An toireadh-mid do Dhia gloir a neo-chaochlaidheachd?
An saothraicheadh-mid a bhi dha leantuinn agus a bhi coltach Ris ann an so, cho mòr ‘s as urrain dhuinn; saothraicheadh-mid chò mòr ‘s urrain dhuinn as deigh naomhachd neo-chaochlaidheach, steidhicheadh-mid anns gach nì a tha maith, eadhon ann an so, agus sin, ann an co-bhoinn ri Dia. Tha sinn a toirt urram (mar a tha neach dha chur) orra-san a tha sinn a leanntuinn, oir le ‘ur leanntuinn orra tha sinn ag aideachadh oirdheirceas annta, a ni leis am bheil an t-urram sin na cheud thoseachadh a gabhail a steach. Is cinnteach mi, mar is coltaich ri Dia tha sinn a mianachadh a bhi, agus mar is mothá tha sinn dha leantuinn anns an iomlanachd so Aige, le bhi tighinn suas ri còmhnaidh naomh agus steidheachadh anns a’ ni a tha maith is ann is mothá tha sinn a toirt urram Dhà agus a toirt Dhà a ghloir a bhuineas Dhà. Ach faodaidh sin a bhi air labhairt ann an caibdeil leis fein na àite sònraichte. Mar sin chi sibh mar a ghabhas a ghloir a thoirt do Dhia a bhuineas Dhà a thaobh a neo-chaochlaidheachd.
CAIB.IX
Bu chor do neo-chaochlaidheachd Dhé ar co-eugnachadh gu roghnachadh mar ar Dia agus ar coibhronn, agus gu bhi toirt suas fois agus sonas ar n’anamaibh Ann-san le argumaidean gu ar beothachadh a chùm sin.
Tha neo-chaochlaidheachd Dhé a glaothaich gu mòr oirne gu bhi Dhá roghnachadh mar ‘ur Dia agus ar cuibhronn agus gu bhi gabhail ris an fhois agus sonas ar n’anamaibh ann-san, agus cha’n ann anns na creutairean. ‘S e’n fhlirinn a bhi roghnachadh Dhé mar ar Dia agus ar cuibhronn agus a bhi gabhail ar fois agus ar sonas Ann-san, ‘s e th’ann ach a h-uile foillseachadh air Dia ann an aon na aon eile dhe ionlanachdan na oirdheirceasan a gairm aig ar lamhan. Am bheil E dha fhoillseachadh Fein mar an aon Dia naomh? Tha so a gairm oirne a bhi Dha roghnachadh mar ar Dia agus ar coibhronn agus a faigheal còir na naomhachd. Am bheil Dia dha fhoillseachadh Fein mar Dhia gràsmhor, Dia gràsmhor agus Gràidh? Tha so dha’r gairm gu bhi dha ròghnachadh mar ar Dia agus ar coibhronn, agus go còir fhaotainn na ghràdh. Am bheil E dha fhoillseachadh Fein mar Dhia d’leas, Dia a tha cumail cùmhnanta agus tròcair? Tha so dha’r gairm gu bhi ròghnachadh mar ar Dia agus ar cuibhronn agus còir fhaotainn na dhìllseachd. Mar sin ann an so.
Am bheil Dia dhà fhoillseachadh Fein a bhi na Dhia neo-chaochlaidheach? Tha so dha’r gairm gu bhi dha ròghnachadh mar ar Dia agus ar coibhronn, agus gu còir fhaotainn na neo-chaochlaidheachd; a gabhail fois agus sonas ar n’anamaibh Ann-san, agus a reir sin, O gu’n sealladh-mid agus gu’m biodh-mid beo ‘os ceann chreutairean caochlaidheach, a gabhail ar fois agus ar sonas anns an Dia neo-chaochlaidheach so, ni air dhuinn a dheanamh a tha gu neo-chriochnach ni’s tearuente agus ni’s mìlse. Seadu thugaibh fodh’n ear co na ciod a ròghnaicheas sibh mar ‘ur coibhronn agus c’ait an cur sibh ‘ur fois agus sonas bhur n’anamaibh mar a th’ann anns an Dia neo-chaochlaidheach. Gu Cinnteach tha mi’g ràdh cha’n eil agaibh ach Dia na’n creutair gu bhi deanamh roghainn dheth. Nis ciod e’n creutair seach Dia? Ciod e’n creutair caochlaidheach seach an Dia neo-chaochlaidheach? Mo thruaigh! tha an aon gu neo-chriochnach gearr air an aon eile. Tha Dia da rìreadh anns gach doigh agus anns gach seadh na mhaith ion-mhiannaichte’ tha E na mhaith nach robh maith air thoseach air, na mhaithas lân, na mhaith a tha sàsuchadh, na mhaith a tha fregarach, na mhaith a tha neo-mheasgaichte, na mhaithas uile fhòghainteach, agus nì a tha crùnadh na uile nì, na mhaithas neo-chaochlaidheach, maith nach searg as, agus nach fàilnich gu bràth. Is e’n Dia beo E, agus seasmhach gu bràth. Dan vi 26.
Tha na creutairean uile caochlaidheach agus a dol as: b’urrain duine fineachail a ràdh, Tha sinn beo, ann a’measg nithean a thà dol as; agus bu ràdh mòr e a bh’aig aon dhe na h-aosmhor; tha sinn ann an so (tha e’g ràdh) a deanamh dachaoidh fhada dhe so, agus tha’n sonas a bhuineas do’n t-saoghal so a falbh n’uir a tha sinn ag amharc air, agus caite n’uir a tha sinn dha shealbhachadh. Mar sin, agus cho Mòr ‘s a thà caochlaidheachd agus neo-chimteas na h-uile nithean. Ach Dia (mar a chuala sibh) agus a h-uile nì maith a th’ann-san, tha E uile gu leir an nì ceudna, nì a tha labhairt uime mar neach a tha gu neo-chriochnach mìlis agus ion-mhianaichte, airidh air a bhi gabhail Ris leinne mar ar Dia agus ar coibhronn: thà so gu dearbh a crùnadh agus a toirt gu iomlanachd na h-uile maith a th’ann an Dia. Amhairc mar a tha caochladh nan creutairean ag isleachadh agus a mileadh a mhaith agus a mhìllseachd a tha annta, mar sin tha neo-chaoch-laidheachd a togail agus a moladh gu neo-chriochnach a maith sin agus an òirdheirceas a tha Ann-san. Ged bhiodh aig na creutairean deich mìle uair de mhaith agus de dh’òirdheirceas na tha aca gidheadh an aon nì so gu’m bheil iad caochlaidheach, bu leoir e gu bhi mileadh agus a sgrios na h-uile nì, ged bhiodh aig na creutairean a leithid de mhìllseachd agus de mhaithas annta, agus ged a bhiodh aca a leithid de lânachd, agus a leithid de thlachd neo-chriochnach, ged a ruithead na sruthain cho tlachdmhor air gach laimh dhiom, gidheadh an smaint so gu’m bheil na h-uile a seargadh agus a caochladh, agus nach mair e re uine bhig, bu leor gu bhi milleadh m’aoibhneas, agus a dheanamh searbh dhomh. Mar sin air an laimh eile, ged a tha Dia na leithid de chuan de mhaithas, de Mhìllseachd, agus de bheannachd, agus a tha E, gidheadh ‘s e a tha crùnadh na h-uile nithean a neo-chaochlaidheachd anns na h-uile nì, a agus as eugmhais so, cha deanadh Dia slàn ar deanamh sona.
Nis an deanadh mothachadh air so bhur tàladh gu bhi deanamh roghainn Dheth mar ar Dia agus bhur coibhronn, agus a gabhail ar fois agus ar sonas Ann gu bràth? Theagamh nach d’ thainig sibh thuige so gu bhi ròghnachadh Dhé mar ‘ur Dia agus ‘ur coibhronn, nì mo thàinig sibh thuige so gu bhi gabhail ris an fhois agus an sonas dha ‘r n’anamaibh a tha Ann-san. Mar a roghnaich sibh na creutairean ròghnaich sibh an saoghal, ròghnaich sibh nithean feolmhor agus nithean colaidh agus annta so chuir sibh ar fois agus ar sonas, ach air son Dhé bha E thuige so fada bho ar n’airnean. Ghabh sibh ar fois air creutairean caochlaidheach, agus dhì-chuimhnich sibh an Dia a tha neo-chochlaidheach. Ach a nis an atharraich sibh ar roghainn, agus an gabh sibh rì fois nuadh. Oh! a nis bitheadh Dia neo-chochlaidheach, agus cha’n creutairean caochlaidheach a ghabhas sibh mar ar Dia agus ar coibhronn, bhur fois agus bhur sonas. O gu’m b’e càinnte ar n’anamaibh ri Dia “Gidheadh, thà mì a ghnàth maille riut; chùm thù suas mì air mo dheas laimh.” Salm lxxiii, 23.
Thighearna is tusa, agus thusa a mhàinn a bhitheas na Dhia dhomh, m’fhois, mo choibhronn, mo shonas, agus m’uile gu bràth. Gu dearbh ròghnaich mì na creutairean mar mo chuibhronn agus mo shonas, ach a nis thà mì cur an aghaidh an roghainn sin. Cha bhi càil agam ri dheanamh le creutairean caochlaidheach, b’e an saoghal mo shonas agus shuidh mi sios maille ris, cho aimeadach ‘s a bha mì agus cho aineolach, ach a nis thà mì deas dhe’n t-saoghal, an saoghal siubhlach, seargach, a tha bàsachadh, agus ‘s e thusa a Thighearna a mhàin m’uile gu bràth. Oh! gu’n ròghnaicheadh sibh gu dearbh an Dia neo-chochlaidheach, agus gu’n gabhadh sibh ar fois agus ar sonas Ann-san an diugh, agus sìbhse a roghnaich E, agus sìbhse a tha gabhail ar sonas Ann deanamh roghainn nuadh Dheth agus gabhaibh ni’s fior-ghloin agus gu h-uile Ann, agus canaibh thairis air an Aon neo-chochlaidheach so, “Oir is e an Dia so ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal.” Salm xlviii, 14. Oh! saoraichibh gu bhi faotainn ni’s mothá os ceann nan creut airean, agus bithibh beo ni’s mothá ann an Dia, agus air Dia. Mar is fior-ghloine agus is aon-fhilté a ghabhas sibh ar fois ann an Dia is ann is millse bhitheas e dhuibh, agus ‘s ann is mothá a gheibh ar n’anamaibh do thoileachas ann. Nis gu ar beothachadh gu bhi mar so a roghnachadh Dhé, agus a bhi beo Air, agus a neo-chochlaidh-eachd.
(R’a Leantuinn)