Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1975 » December 1975 » Gathan Gloir na Diadhachd

Gathan Gloir na Diadhachd

Leis an Urr. Eideard Pearce

(Air a leantuinn bho t.d. 335)

1 Thugaibh fodh’n ear ciod e’n saoghal caochlaidheach anns am bheil ar còmhnuidh againn, anns an t-saoghal a tha nochdadh atharrachadh a h-uile latha, iomadh atharrachadh, agus atharraichidhean mòr, is firinn e, ‘s e saoghal gu maith caochlaidheach a anns an t-saoghal so, agus cha’n eile e fada gus am bi e air a chaochladh gu staid anns am bì e gu bràth. Tha’n latha a teachd ‘n uair a bhitheas na h-uile nì dhuibh so air an atharrachadh; siubhlaidh na neamhan air falbh, leighidh an talamh le dion theas, II.Pead. iii.10, 11, agus aig an am so cha’n eil an saoghal gu’n atharrachadh, agus cia cho mòr na h-atharraichean faodaidh sinn a bhi beo gus fhaichinn. Co aig a tha fios? Tha leithid de dh’ atharraichidhean coltach ri bhi tighinn air an t-saoghal ‘s nach nì ach Dia neo-chaochlaidheach bhur cumail suas fodha. Ann an Lucas xxii.25, 26, tha sinn a leughadh mu chinneach a bhitheas air an talamh, maille ri treigsinn cridhe, agus trom smal, cridheachan dhaoinne dha’n treigsinn le eagal agus a thaobh a bhi’g amharc os deigh na nithean sin a thig gu crich air an talamh. ‘S e suim na nithean so, gu’m bi a leithidean sin de dhatharraichean, a leithid de reubaidhean, a leithid de chrathaidhean, a leithid de thionndaidhean uamhasach air oibreachadh a measg chinneach na talamhainn, a leithid de dh’ fhàsachaidhean air a dheanamh, agus a leithid de stoirmeanan de dh’fheirg agus de dhioghaltas a thuiteas air an t-saoghal agus gum b’ daoine a treigsin am beatha agus air fuadach gu ceann an gliocais, tuitidh iad gu bhi treigsin an spioraid, analaichidh iad a mach an dearbh anamaibh, na bithidh iad air an lionadh le leithid de chràdh, uamhas, agus duibhre anam, agus gu’m bi iad ullabh gu bhi tighinn ri’m beatha fein, ach a luchd mo ghràidh ged a bhitheadh-mid beo gu bhi faicean na nithean sin cia cho maith ‘s a bhitheadh Dia neo-chaochlaidheach? Oh fhearai bh! a bhi beo ann an saoghal caochlaidheach co nach suidhicheadh air Dia neo-chaochlaidheach mar chuibhrionn agus sonas duine? Co nach fhaigheadh snas air agus a stigh ann an Carruig nan Aall. Cia cho maith, cho milis ‘s a bhitheas E, Dia neo-chaochlaidheach a bhi againn mar ar fasgadh agus ar dion.

2 Thugaibh fa’near ciod e na nithean caochlaidheach a tha’n comhfurtachdan a chreutair agus ann an solasan an t-saoghal. Mar tha an saoghal anns am bheil ar còmhnuidh na shaoghal caochlaidheach mar sin tha comhfurtachdan a chreutair nan comhfurtachdan caochlaidheach. na’n seasadh an saoghal far am bheil e, agus mar a thà e, gu’n atharrachadh air bith dhe na dh’ainmich sinn gidheadh tha comhfurtachdan a chreutair, aig a chuid is fearr, buailteach de dh’atharrachadh gach latha, agus cia cho luath ‘s a dh’fhaodas sinn a ràdh mu aon na aon eile dhiubh, na mu’n tiomchull uile, mar a thubhaint Iacob mu Iosaph agus Simeon, Gen, xlii.36, “Iosaph cha mhaireann agus Simeon cha mhaireann agus Beniamin bheir sibh air falbh; am aghaidh sa tha na nithean so uile.” Cia cho maith sa dh’fhaodas sinn a ràdh, tha chomhfurtachd so na chomhfurtachd ud eile, Co is urrain a ràdh? Tha ceard agam a nis, a’màireach faodaidh a bhi cha’n eil i agam. Tha àite còmhnuidh taitneach agam, a màireach, faodaidh i bhi na luaithre. Tha nis agam mo chàirdean agus mo dhaimhean, m’fhear pòsda, na mo bhean na luidh gu taitneach ann am bhroilleach, mo chlann mar phlanntaibh tiomchull mo bhùird, a màireach, faodaidh e bhi gu’m biodh iad uile na’n luidh anns an ùir agus gu’n teid iad sios gu dorsaibh na h-uaigh agus nach fhaic mì iad ni’s moth. Mo thruaigh! cha’n eil na nithean sin ach mar ni, theid as an t-sealladh (mar a tha Solamh a labhaint mu shaibhreas). Dhe leithid do ghné tha’n caochlaidheachd gu’r gann a tha bith aca. Na, smuaitich gu’m fanaidh na nithean sin maille ruinn, gidheadh ciod cho luath ‘s a dh’faodas iad a bhi air an deanamh searbh dhuinn? Cia cho luath ‘s a fhaodas am fion is fearr so tionndadh gu searbhadas? Cia cho luath ‘s a dh’fhaodas na comhfurtacan is milse tionndadh gu crann-ceusaidh searbh? Aig amaibh faodaidh miann ar sùilibh a bhi air a toirt air falbh bh’uainn le buile (mar a bhagair Dia air an fhàidh bho shean) ‘sin gu h-obann agus mu’m biodh fios againn air ar comhfhurtachdan ‘us taitnich, is mìlse, agus is tlachdmhor air an toirt air falmh bhuain. Aig amaibh eile thig miann ar sùilean gu bhi na eallach do ar n-anamaibh, thig ar comhfhurtachdan is dlùth gu bhi air an deanamh searbh dhuinn, agus sin a bha’n de milis agus taitneach dhuinn an diugh theagamh searbh dhuinn agus na eallach. An diugh a ni a bha na aoibhneas do ar cridheachan, a màireach faodaidh na bhioran dha ar taobh agus mar dhroighean do ar sùilean. Oh! cia luath, aig iomadh uair, a thionndaidheas ar sruthain is mìlse gu bhi na uisgeachan Mhàra dhuinn. Nis air an taobh so co nach gabhadh fois Ann agus na neo-chaochlaidheachd. Tha so air fhaotainn ann an Dia a mhàinn, agus uime sin biodh Esan a mhàinn na fhois agus na chuibhrionn dha ar n’anamaibh.

(R’a Leantuin)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice