The Urr. Ralph Erskine ag radh, “Na dùnadh peacach ‘s am bith e fhein a mach o ullachadh an t-soisgeil, le bhi ag radh, air an aon laimh, cha-n’eil fhios agam am bheil mi dheth an taghadh, no air an laimh eile, cha-n’eil fios agam an e creidmheach a tha annam, no d’fhuair Criosd bàs air mo shonsa. Tha an neach tha reusonachadh air a mhodh sin a’ dol cearr co-cheangailte ri bonn is cuspair a’ chreideamh. Cha-n e tearnadh ann an rùn Dhé do’n an taghadh, bonn is bunait creideamh, is cha mho is e tearnadh ann an seilbh a’ chreidmhich, ach tearnadh ann am Focal Dhé is ann an cuireadh saor an t-soisgeil. Is e so an deadh sgeul tha teachd gu clusan a’ pheacaich air am faod e a chreideamh is a dhochas a bhonntachadh airson tearnaidh anama. Mar sin is e a’ cheisd cha-n e am bheil thu na do chreutair a tha air do thaghadh no nach eil, is cha mho is e a’ cheisd am bheil thu na do chreidmeach no nach eil, ach is e a’ cheisd am bheil thu ‘n a do pheacach a tha a’ cur feum air Fear-Saoraidh? Cha-n e Criosd ann an rùn an taghaidh ris am faod thu thu a bhi ag amharc, fhad ‘s nach’eil fios agad am bheil thu air do thaghadh. Tha thu a’ dol mar sin ro fhad air ais. Is cha-n e Criosd anns a’ chridhe, no ann an seilbh, fhad’s nach’eil thu na do chreidmheach, tha thu mar sin a’ dol ro fhad air thoiseach, ach is e Criosd anns an Fhocal, far am bheil E dha fhoillseachadh Fhein mar an Ti a tha ag radh, “Seallaibh rium-sa, agus bithibh air bhur tearnadh, uile iomalla na talmhainn, oir is mise Dia, agus cha-n’eil atharrach ann.”
Tha an teagasg ceudna air a thoirt fa’r comhair ann an “Suim an Eolas Shlainteil”. “Agus is e so ‘aithne-san, gu’n creideamaid ann an ainm Mhic Iosa Criosd” (I Eoin III 23). Ma ni duine ‘s am bith dimeas air an àithne so, mar a chleachd e a dheanamh roimh so air àitheantaibh an lagha, ‘s fhaodar dha thoirt fainear, gur ann do àitheantaibh an t-soisgeil an àithne so, air a toirt seachad an deigh an lagha, chum feum a dheanamh do’n leigheas a dh’ullaicheadh airson nan uile pheacaideadh; agus mur bi ùmhlachd air a toirt dhi cha’n eil àithne eile ri teachd ‘n a deigh ach so, “Imichibh uam a shluagh malluichte, chum teine siorraidh ifrinn”; Oir “is i so aithne-sa, agus tha umhlachd dhi ro thaitneach ‘n a lathair, rann 22, agus a dh’easbhuidh umhlachd a thoirt do’n aithne so, cha-n’eil e comasach esan a thoileachadh. Eabh XI 6.”
Gheibhear an aon teagasg ann an da rann o “Obair an Spioraid ann an Sluagh Dhe” le Dr. Domhnullach na Toiseachd.
“Tha rùintean Dhé ‘n an diomhaireachd;
‘S cha-n iognadh leinn an sgeul;
Dha fein a mhàin is riaghailt iad,
‘N a ghriomhairaibh gu leir.
Ach O, cha b’iad na rùintean ud,
Bha dùint’ n a uchd o chein
Thug e mar riaghailt umhlachd dhuinn
Ach ‘Fhocal cubhraidh fein.
An sud, tha gairm an t-soisgeil dhuinn,
— ‘S gun cheisd, o chridhe Dhe —
Gun dàil, air bonn a theisteas-san
Bhi teicheadh dh’ionnsuidh Chriosd.
Tha’n soisgeul teachd le ughdarras,
D’am buin dhuinn lubadh sios;
‘S e sud a ‘s riaghailt umhlachd dhuinn,
‘S cha-n e na ruintean sior.”
Ann a bhi co-dhùnadh, togaidh sinn an criochnachadh a tha aig an t-Urr Iain Domhnullach a bha ann an Calcutta (Mac an Dr. Domhnul-laich) air “Earail gu Dunadh ri Criosd”.
Tha an soisgeul air a chur do d’ionnsuidh mar tha thu nis — cha-n ann mar a bha thu aon uair no mar a dh’fheudas thu bhi fhathast. ‘S e an aon chumha gu’n gabh thu ris, gu’n gabh thu ris saor, gu’n thu ris air ball, gu’n gabh thu ris gu pearsanta, gu’n gabh thu ris gu toileach. “Eisdibh agus mairidh ‘ur anam beo”. ‘S ann ris an ni a tha thu a tha suil aig a t-soisgeul annad. An ni air am bheil feum agad, ‘s e sin a tha an soisgeul a taigseadh. Ma s’e, mar sin, ‘s gu’m fuirich thu a’ cumail a mach nach’eil thu math gu leor no ag iarraidh fàs na’s fearr an toiseach, cha-n’eil ann ach fein mhealladh, agus breug an aghaidh an t-soisgeil. ‘S e an obair a’s fearr a’s urrainn dhuit a bhi agad gu’n creid thu nis ‘s gu’m pill thu nis, oir as eugmhais so cha-n’eil ach an tuilleadh ditidh anns na h-uile ullachadh ma’s fior a tha thu deanamh. Seadh an aite thu bhi ‘cosnadach agus a’ fàs ni’s fearr le bhi a’ deanamh dàil, tha thu call agus a’ fàs ni’s miosa. Tha do chridhe a’ dol ni’s cruaidhe, d’ inntinn a’ fàs ni’s duirche, do pheacadh a’ meudachadh, d’uine a’ giorrachadh, d’ullach a’ dol ni’s truime, do ghradh a’ lughdachadh, d’eagal a’ fàs, neamh ni’s faide as, ifrinn ni’s faisge, Dia ni’s fergaiche agus an Spioraid ni’s mo air a bhrosnachadh, Satan ni’s cumhachdaiche agus suain chodail an dara bàis, eadhon am bàs siorruidh a tha faisg air laimh, a’ fàs ni’s trice agus ni’s buadhaiche. An sin bi am focal sin air a choinhlionadh, math dh’fhaoidte, “Ni mise gaire ri ùr sgrios, ni mi fanaid ‘N uair thig ur-n eagal oirbh. Gairmidh sibh orm, ach cha fhreagair mi”. A leughadair, “bheil sin air a chiallachadh dhiutsa? Ciod am fios a th’agdsa nach fheud e bhi?”
Eirich, teich, tha an t-slighe romhad, cum direach romhad, ach dean cabhag, O! dean cabhag, dean cabhag. Feuch caithir nan gras an sin. Feuch an t-Eadar mheadhonair sin fa comhair le fuil a’ chrathaidh, Seall, ‘s e Fear-tagraidh a tha ann ag eadar-ghuidhe airson luchdeusontais. Cuir aireamh do pheacaidhean na laimh. Seall mar a tha E ‘gad fhailteachadh, le gradh nach gabh bhi air a chur an cainnt, gabh ri crathadh ‘fhola air do choguis. Nis tog suas do shuilean, an Ti a tha na shuidhe air an righ-chaithir, do-fhaicsinneach, ‘s e an t-Athair siorruidh. An Ti a threoraich thu gus an righchaithir so, ‘s e an Spioraid beannaichte an comfhurtair. An Ti aig am bheil greim fear-daimh air do laimh an lathair na caithreach, ‘s e losa an Slanuighear, a dh’ fhueling; agus am beannachd a tha nis a’ sruthadh a mach do d’ ionnsuidh o’n righ-chaithir, ‘s e ann slainte shaor iomlan air ball agus gu siorruidh.