Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1976 » October 1976 » Earrannan Araidh o “Phearsa Chriosd” le Iain Omhainn, D.D

Earrannan Araidh o “Phearsa Chriosd” le Iain Omhainn, D.D

Is e creidimh ann an Criosd an gràs sin trid am bheil an eaglais air a h-aonadh ris ann an aon chorp dhlomhair. Is ann tre chreidimh a tha e ‘chòmhnuidh annta, agus iadsan annsan. Is ann tre chreidimh a mhain a tha na h-uile coimh-leasachadh gràis air ‘fhaotainn uaithe a dh’ ionnsuidh a’ chuirp dhlomhair gu léir. Uime sin, ma bhitheas a phearsa air ‘àicheadh mar chuspair neo-mheadhonach agus iomchuidh a’ chreidimh, tha na nithe so gu leir air an tilgeadh bun os ceann — eadhon, beatha spioradail agus slàinte shiorruidh na h-eaglais.

A thaobh a’ chreidimh so, ma seadh, a’s e bunait an urraim dhiadhaidh sin gu léir a bheirear dha ann an cleachdadh an aoraidh agus an asluchaidh naoimh, feudar a bheachdachadh dà rathad.

Air tùs, Mar a tha e ‘g amharc r’a phearsa dhiadhaidh gu h-iomlan ann féin a mhain;

A ris, Mar a tha e air a bheachdachadh ann an cleachdadh a dhreuchd mar eadar-mheadhonair.

Anns a’ cheud seadh, tha cleachdadh a’ chreidimh a’ crìochnachadh gu h-iomlan air pearsa Chriosd coimh-ionann ri pearsa an Athar. Ann an so cha-n ‘eil e ‘ga mheas ‘na reubainn e féin a bhi coimh-ionann ris an Athair. Agus is e an t-aobhar air son so, gur e nàtur an Diadhachd ann féin cuspair iomchuidh agus neo-mheadhonach a’ chreidimh ‘na uile chleachdaidh. Air do’n nadur so a bhi coimh-ionann ann am pearsaibh fa leth an Athar agus a’ Mhic, agus mar an ceudna an Spioraid Naoimh, tha dà ni mar thoradh a’ leantuininn so. 1. Gu bheil gach pearsa fa leth coimh-ionann ‘na chuspáir ar creidimh, do bhrigh gu bheil comh-páirt coimh-ionann aig na pearsaibh de’n nadur sin a’s e priomh reuson agus priomh chuspáir a’ chreidimh. 2. Tha e mar an ceudna a’ leanntuinn, ‘nuair a tha creidimh air a chleachdadh air aon phearsa air bith, agus urram diadhaidh air a thoirt dha, nach ‘eil na pearsachan eile air dhòigh sam bith air an dùnadh a mach; seadh, gur ann a tha iad uile air an gabhail a stigh ann. Oir do bhrìgh a’ chomh-aonaidh shiorruidh a tha eadar pearsaibh na Diadhachd ann an aonachd an aoin nàduir, tha cuspáir an aoraidh spioradail gu h-iomlan do-roinnte. Uaith so tha an dòigh-labhairt sin air a ghnàthachadh anns na Sgriobtuiribh, “An ti a chunnaic am Mac, chunnaic e an t-Athair; an ti a tha ‘toirt urraim do’n Mhac, tha e ‘toirt urraim do’n Athair, oir esan agus an t-Athair is aon iad.”

Agus, chum a bhi’ cur soluis air ar rùn aig an àm, feudair trì nithe a thoirt fainear ann an coimh-cheangal ris an fhirinn sin, — eadhon, gur e nàtur na Diadhachd, maille r’a bhuadhaibh siorruidh gu léir, priomh reuson agus aon bhunait a’ chreidimh dhiadhaidh. Mar —

Anns a’ cheud àit, — Nach e an Tighearn losa Criosd priomh chuspáir iomlan ar creidimh, fo bheachd sam bith eile ach mar a tha comhpair aige de nàtur Dhé — mar a tha e ann an cruth Dhé, agus coimh-ionann ri Dia. As eigmhais so, bhitheadh e ‘na reubainn agus ‘na naomh-ghoid ar creidimh a shocrachadh air; mar a tha creidimh na muinntir sin gu léir a tha ‘g àicheadh a phearsa dhiadhaidh.

Anns an dara àit, — Nach ‘eil tomhas sam bith lughdachaidh air a dheanamh air urram agus glòir an Athar, no aon ghniomh àraidh dleasdanais anns a’ chuid a’s lugha air a thionndadh a thaobh uaith-san, no o’n Spiorad Naomh, le cleachdadh a’ chreidimh a bhi air dhòigh àraidh air pearsa Chriosd; oir tha gach uile urram diadhaidh air a thabhairt a mhain do nàtur na Diadhachd; agus do bhrìgh gu bheil an nàtur sin gu h-iomlan coimh-ionann anns gach pearsa fa leth, tha na pearsachan uile air an urramachadh ann an ‘toirt urraim do gach pearsa fa leth. An ti a tha toirt urraim do’n Mhac, tha e ‘toirt urraim do’n Athair mar an ceudna.

Anns an treas àit, — Uaith so feudair ‘fhaicinn ciod e an cleachdadh àraidh creidimh sin air pearsa Chriosd a tha sinn a’ ciallachadh, agus a tha air a chur mar dhleasdanas oirnn anns an Sgriobtuir, mar ni a tha neo-sheachanta d’ar slàinte. Agus tha tri nithe r’am beachdachadh ann:

An ceud ni, — Gur e nàtur a Dhiadhachd priomh chuspáir àraidh a’ chreidimh so, agus sin a mhain a’s a reuson a chleachdaidhean gu léir air. Ma dh’ fheòraichear an reuson air son gu bheil mi ‘creidsinn ann am Mac Dhé — ma’s iad na h-aobhairean a tha ‘gam ghlusad d’a ionnsuidh a tha air a chiallachadh — freagram. Is ann do bhrigh na rinn e air mo shon, air an labhair sinn’an déigh so. Is amhuil sin freagrath an abstoil, Gal. iii 20. Ach ma’s e a dh’ fheoraichear, Ciod e am priomh reuson, agus an t-aobhar, agus am barantas air son a bhi mar so a’ creidsinn ann, tha mi ‘g ràdh gur e so a mhain e, eadhon, gur esan “Dia os ceann nan uile, beannaichte gu siorruidh;” agus mur b’e sin a bhitheadh ann, cha b’urrainn dhomh-sa creidimh ann. Oir is e ‘bhi creidsinn ann an neach sam bith dòchas a bhi agam d’a thaobh gu’n dean e sin air mo shon nach comasach a bhi deanta ach le Dia féin.

An dara ni, — Gur e pearsa Chriosd gu h-iomlan, mar Dhia agus mar dhuine, cuspair neo-mheadhonach ar creidimh anns an ni so. Is e nàtur na Diadhachd reuson a’ chreidimh; ach is e a phearsa diadhaidh a chuspair. Ann a bhi cleachdadh creidimh air, tha sinn ‘ga bheachdachadh mar Dhia agus mar dhuine anns an aon phearsa. Tha sinn a’ creidsinn ann do bhrigh gur Dia e; ach tha sinn a’ creidsinn ann mar Dhia agus mar dhuine anns an aon phearsa.

Agus is ann fo’n bheachd so de phearsa Chriosd — eadhon, mar Dhia agus mar dhuine — a tha cleachdadh ar creidimh air ‘na chleachdadh àraidh, agus a tha ‘g amharc air mhodh sonruichte r’a phearsa-san a mhain, do bhrigh gur esan a mhain aig am bheil an dà nàtur so; — cha-n ‘eil so aig an Athair, no aig an Spiorad Naomh. An creidimh sin d’ an cuspair am pearsa diadhaidh ann an nàtur an duine, tha e air a chleachdadh air dhòigh àraidh agus gu h-eadar-dhealaichte air Criosd.

  1. An creidimh sin a tha sinn a cleachdadh air pearsa Chriosd agus an t-urram a tha sinn tre chreidimh a’ toirt dha, air a chleachdadh agus air a thabhairt air a’ mhodh cheudna do phearsaibh eile an Athar agus an Spioraid Naoimh, agus sin do bhrigh nàtuir sin na Diadhachd a’s e priomh reuson agus aobhar a’ chreidimh agus an urraim dhiadhaidh gu léir. Gidheadh tha so air a shocrachadh ann an rathad àraidh air Criosd, a thaobh a phearsa mar Dhia agus mar dhuine, agus a thaobh nan aobhairean-brosnachaidh d’a ionnsuidh a tha ‘g eirigh o ghniomharaibh agus o shochairibh ‘eadar-mheadhonaireachd.
  2. Tha Criosd gu h-iomlan air a bheachdachadh agus air a ghlòrachadh ann an cleachdadh so a’ chreidimh air; — nàtur a Dhiadhachd, mar phriomh aobhar a’ chreidimh; a phearsa dhiadhaidh gu léir, mar Dhia agus mar dhuine, mar chuspair iomchuidh a’ chreidimh; agus sochairean ‘eadar-mheadhonaireachd, mar na h-aobhairibh àraidh a tha ‘gar glusad ann.

Is e creidimh so, ma seadh, ann am pearsa Chriosd freumh agus tobar ar beatha spioradail. Tha sinn beò tre chreidimh Mhic Dhé. Is ann tre chleachdaibhibh a’ chreidimh a tha a’ bheatha so air a gleidheadh, air a leasachadh, agus air a neartachadh. “Oir is esan ar beatha-ne;” Col. iii. 5; agus tha gach uile leasachadh na beatha so air ‘fhaotainn uaith tre chleachdaidhibh a’ chreidimh air. Tha sinn a’ faotainn maitheanais pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuiintir sin a ta air an naomh-achadh, “tr’n chreidimh a ta ann-san,” Gniomh. xxvi. 18. Is ann tre chreidimh a tha sinn a’ fantuinn ann-san, as eugmhais nach urrainn sinn ni sam bith a dheanamh, Eoin. xv. 5. Is ann d’a thrid a tha ar sìth ri Dia air a cumail suas — “Oir is esan ar sìthne,” Eph. ii. 14; agus annsan tha sìth againn, a réir a’ gheallaidh, Eoin xvi. 33. Tha ar neart gu léir air son a bhi marbhadh a’ pheacaidh, agus air son a bhi ‘faotainn na buaidhe os ceann arn-uile bhuaireidhean — tha ar fàs gu léir ann an gràs — an crochadh air cleachdaidhibh so a’ chreidimh a ghnàth air.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice