(Air a chodh-bhualadh ann an 1824)
Leis an Urr. A. Beith, D.D. Ministair Eaglais na h-Alba ‘s an Oban.
A CHEUD EARRANN — Mu-n Dream sin d’an còir am Baisteadh a Fhrithealadh.
Tha ughdar an leabhair so a làn chreidsinn gu bheil muthadh barailean dhaoinne mu-n Bhaisteadh, a sruthadh ann an cuid mhòr o mhearachdan, agus o aineolas a thaobh na ceisde so, “Co d’an còir am Baisteadh a fhrithealadh?” Nis tha fhios againn gu lan mhaith, gur ann o na Scriobtuirean a mhain a tha cheisd sin ri bhi air a fuasgladh. Ach ged is ann, feudaidh e bhi chum buannachd, ma ghabhas sinn, ‘s an àite so gearr bheachd air tùs air teisteis nan Scriobhtuir uime so, a reir mineachaidh Eaglais na h-Alba.
Tha an Eaglais sin, ma ta, a’ freagradh na ceisd’ ud ann an Leabhar Ath ghear nan Ceisd’s na briathraibh so a leanas (Ceisd 95. Freagr.) “Cha chòir am baisteadh,” deir an leabhair so, “a fhrithealadh do neach air bith a tha’n taobh a muigh do’n eaglais fhaicsinnich, gus an aidich e a chreidimh ann an Criosd, agus umhlachd dha; ach is còir naoidheanan na muintir a ta nam buill do’n eaglais fhaicsinnich a bhaisteadh.” Feudair a thoirt fanear, ann an briathraibh ath-ghoiread gu bheil an “eaglais faicsinneach” a’ cialluchadh uile luchd admheil an fhiar chreidimh cia air bith àit ‘s am bheil iad.
Anns a ghealladh a thug Dia seachad an deigh an leagaidh, ‘tra thubhairt e gu-m bruthadh siol na mnà ceann nan nathrach, tha an gealladh so eile (mar a dh-fhèudas a bhith air a dhearbadh) air fhilleadh a steach, nach fhàgadh Dia e fein aig am air bith gun fhianuis air an talamh; — gu-n cumadh e suas eolas air ainm, a dh’aideoin air ceannairc dhaoinibh; -seadh gu-m bitheadh aidmheil air a dheanamh air, fhad is a mhaireadh a’ ghrian ‘s a’ ghealach, gus am bitheadh a rùintean gu h-iomlan mu chloinn nan daoine air an co-lionadh.
Cha’n’eil e air innseadh gu soilleir cia mar a bha a chùis ro-n tuil, ged tha dearbadh gu leoir nach do dhi-chuimhnich an Tighearn a ghealladh: ach an deigh na tuil, ‘nuair a bha daoine a’ claonadh uaidh mar a rinn iad roimhe, chaidh Abraham a ghairm. — Leis-san dhaignich Dia a cho-cheangal air dha a shliochd a thaghadh gu bhi ‘n am pobull dha fein, agus ag cur sgarachdain eadar iad, agus an saoghal gu h-iomlan. Cha’n’eil so a cialluchadh gu-n robh iad uile gu bhi air an sabhaladh, oir “Cha’n Israelich iadsan uile a ta o Israel;” ach gu-m bitheadh eolas air an fhiar chreidimh air a chumail beo ‘n am measg, agus gu-m bitheadh iad ‘n an luchd aidmheil air an Dia bheo.
Mar so fuidh fhrithealadh an t-Seann Tiomnaidh bha an eaglais fhaicsinneach air a deanamh suas do chloinn Israeil, agus do gach neach am measg nan Cinneach leis am b’àill comhroinn fhaotainn ann an sochairibh chloinn Israeil.
Ach feudaidh a cheist so a bhi air a cur, “Ciod e uime sin barrachd an Iudhaich?” — Ni a ta air a fhreagradh leis an Abstol: “Is mor sin air gach dòigh: air tùs do bhrigh gur ann riusan a dh’ earbadh briathran Dhè.” B’i so an t-sochair mhòr a rinn an t-eadar dhealuchadh eadar na h-Iudhaich agus na Cinnich.
Ach co dheth a tha an Eaglais fhaicsinneach fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh air a deanamh suas? — Dhuibhsan d am dlighe cheudna air a buileachadh — dhuibhsan ris “an d’earbadh briathra Dhè,” am measg am bheil eolas air an Dia fhior — dhuibhsan a ta deanamh admheil air, agus a ta faotainn, mar na h-Iudhaich, comharadh na h-aidmheil so.
Dearbhaidh mi, fuidh na tri chinn-theagaisg so a leanas, gur coir naoidheana luchd aidmheil a bhi air am baisteadh. Anns a chèud àit, O chleachdadh na h-Eaglais fhaicsinnich fuidh an t-Seann Tiomnaidh. — Anns an dara àit, o chleachdadh na h-Eaglais fhaicsinnich fuidh ’n Tiomnadh Nuadh, a reir mar a tha è soilleir o bhriathraibh ar Slànuigh-fhir, agus o bhriathraibh, agus ghnàthachadh nan Abstol. — Agus anns an treas àit, o chleachdadh na h-Eaglais ’anns na linnibh na dheigh sin.