(Air a chodh-bhualadh ann an 1824)
Leis an Urr. A. Beith, D.D. Ministèir Eaglais na h-Alba ‘s an Oban.
Mu chleachdadh na h-Eaglais fhaicsinnich fuidh’n t-Seann Tiomnadh.
Air dhuinn anis a bhi dol air an n-aghaidh a dh’fhiosrachadh cleachdadh Eaglais fhaicsinnich Dhè fuidh ‘n t-seann Tiomnadh, tha e iomchuidh gu’n cumadh an leughadair air chuimhne, gu bheil na Baistich iad fein a teagaing, gur comhara’ agus gur samhladh am Baisteadh air co’-cheangal no cumhnant nan gràs.
Nis ‘se tha rùn orm, anns a chaibdail so, a’ dhearbhadh gu’n robh comharadh co-cheangail nan gràs air a fhrithealadh do naoidheanaibh fuidh an t-seann Tiomnadh, agus dùlan a thabhairt do na Baistich iad a dhear-bhadh, ma’s urrainn iad, gu bheil frithealadh comharaidh a cho-cheangail so ann an àit air bith do na Scriobtuiribh, air a thoirmeasg do naoidh-eanai bh fuidh an Tiomnadh Nuadh.
No ann an briathraibh eile, an dèigh dhomh a bhi nochdadh gu’n robh an t-sochair so aon uair air a dheònachadh le Dia do naoidheanaibh ‘na eaglais’, tha mi gu bhi co-dhùnadh gu bheil an ni ceùdna’ fhat hast air orduchadh, do bhrigh nach ‘eil so air a thoirmeasg, agus a chionn nach d’ thàinig atharrachadh air bith air an eaglais ‘na socharaibh, seach mar a bha i ‘nuair a thugadh an t-sochair so dhi a Dhia air tùs.
Theagamh gu’m bi na nithe a bheirear air an aghaidh chum so a dhearbhadh, deachair r’ an tuigsinn leòsan nach do smuainich orra roimhe so, le cùram; ach faodaidh mi innse le dearbh-chinnte do’n mhuiintir so, mar as mò a bheirear na nithe so fanear leo, gur ann as ro-shoilleir’ a chi’ iad mòr mhearachd nan Baisteach.
Tha fhios aig na h-uile ma ta, tha mi’n dòchas, gu robh leanabana air an timchioll-ghearradh fuidh ‘n lagh; — uime sin, ma theid agam air a dhearbhadh anis’ gu robh an deasgnath so, air a thabhairt mar chomharadh air co-cheangal nan gràs, bithidh e soilleir gu bheil an timchioll-ghearrach a co-fhreagrath ris a bhaisteadh, agus gu-n robh Dia a faicinn iomchuidh gu-m bitheadh an t-sochair mhòr, agus luachmhor so aig leanab-anaibh fuidh ‘n t-soisgeil a bha aca fuidh ‘n lagh.
Chum a nochdadh gu-n robh an timchioll-ghearradh na chomharadh air co-cheangal nan gràs, thugamaid fanear na nithe so a leanas.
- An doigh air an do labhair Dia ri Abraham mu cho-cheangal nan gràs ‘nuair a chaidh a ghairm o dhùthaich fein. “Annadsa,” ‘se thubhaint Dia ris, — “Annadsa beannaichear uile theaghlaiche na talmhain.” (Gen. caib xii. 3).
Ann an so labhaint ri Abraham, feudaidh sinn a bhi cinnteach, gu-n robh suil aig Dia ris an rùn shonruichte a bha ‘na chridhe mu chloinn nan daoine — ni air an d’rinn e iomradh fada roimhe sin ‘nuair a thubhaint e ris an nathair, “Cuiridh mi naimhdeas eadar thus’ agus a bhean, agus eadar do shìols’, agus a sìol-sa: bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shail-san.” (Gen. caib. iii15). Anis anns an dà earrann so, b’ann mu obair na saorsa a labhair Dia; — mu’n t-slainte mhor sin a bha r’a bhi air a h-oibre-achaidh amach trid eadar-mheadhonaireachd Chriosd. Agus a reir so tha sinn a’ leughadh beagan ‘na dheigh sin mu’ cho-cheangal araidh a chaidh dhaighneachadh ri Abraham an colorg è bhi na neach, “Anns an robh uile theaghlaiche na talmhain gu bhi air am beannuchadh.” (Gen. xii. 3). Nis ciod an co-cheangal a b’urradh a bhi an so, ach an co-cheangal air an robh Criosd e fèin na cheann, — neach a bha gu teachd, do reir na feola, o Abraham? no ciod an doigh eil’ air an robh gealladh Dhe do’n phriomh athair sin ri bhi air a cho’ lionadh — gu-m bitheadh an saoghal uile air a bheannachadh ann — ach so, gu-n robh Criosd, Eadarmheadhonair co-cheangail nan gràs, gu tighinn o leasruidhsan?
B’e co-cheangal nan gràs, ma ta, a thugadh do Abraham. B’e an timchioll-ghearrach a bha na chomharadh air a cho-cheangal air am bheil mi labhaint — agus, thoir a cheart aire dha so, bha an timchioll-ghearradh ud air a fhrithealadh do leanabanaibh.
- Bithidh an ni ceudna soilleir ar’s ma bheir sinn fanear sin a ta air innse’ mu nàdur a cho’-cheangail a rinneadh ri Abraham: — “Daignichidh mi mo cho’-cheangal eadar mis agus thusa,” arsa Dia, “agus do shliochd a’d dheigh, ‘nan ginealachaibh, mar cho’cheangal siorruidh, gu bhi m’ Dhia dhuitse, agus do d’ shliochd a’d’ dheigh”, (Gen. xvii. 7).
Tha thu a faicsinn ma ta, gu b’e co-cheangal siorruidh a chaidh thoirt do’n phriomh athair, — ach co’-cheangal siorruidh a thuilleadh air co-cheangal nan gràs cha’n’eil idir ann. Ma bha an timchioll-ghearradh, uime sin, na chomharadh air a cho’-cheangal a thugadh do Abraham, (agus chonnaic sinn an ceart uair gu’n robh), bha an tiomchioll-ghearradh na chomharadh air co’-cheangal nan gràs; agus bha còir aig naoidheana ‘sa chomhara so.
-
Ach tuille fhathasd; tha e soilleir gu b’e co-cheangal nan gràs a thugadh do Abraham, do bhrigh gu-m b’e gealladh co’-cheangail nan gràs a bha dlù cheangailte ris a cho-cheangal. “Gu bhi ‘m Dhia dhuitse, agus do d’shliocht a’d’dheigh,” ‘se dubhradh ri Abraham. — “Is e so an co’-cheangal a ni mi ri tigh Israeil an deigh nan là ud a deir an Tighearn,” ann an aite sonruichte do’n Tiomnaidh nuaidh le suil ri coimhcheangal nan gràs — “Bithidh mi a’m’Dhia dhoibh, agus bithidh iadsan nan sluagh dhomhsa.” (Eabh. viii. 10). “Sealbhaichidh an tí a bheir buaidh na h’ uile nithe mar oighre, agus bithidh mise a’m’Dhia dhasan, agus bithidh esan ‘na mhac dhomhsa.” (Taisb. xxi. 7).
-
Dearbhadh eile gu-m b’e co-cheangal nan gràs a thugadh do Abraham, tha againn o’n fhlirinn so a leanas, gu-n abrar ri creidmhich, fuidh fhrithealaidh an t-soisgeul—”siol Abrahaim”—”oighreacha a reir a gheallaidh.” (Gal. iii. 29). Se sin, tha iad nan creidmhich, — do bhrigh is gu bheil iad an taobh a stigh do’n cho-cheangal sin a thugadh do’n phriomh-athair.
Agus a bharr air so uile, bha an duine maith so e fein air a shabhaladh, do bhrigh is gu-n robh e anns a cho’-cheangal so. Oir tha e air ‘radh, “Chreid Abraham Dia, agus mheasadh sin dà mar fhlirinteachd.” Trid creidimh bha e air a thearnadh — agus ‘se co’-cheangal nan gràs amhàin d’a thrid a tha slàint air fhaotainn air an doigh so.
O na dearbhaidhean so uile, ma ta, tha nàdur a cho’-cheangail a thugadh do Abraham soilleir, tha mi’n dochas, agus so thuigsinn. — Annsan, bha uile theaghlachan na talmhain ri bhi air am beannachadh; a chionn gu robh Criosd gu teachd a reir na feola o shìolsan; — ni a bha air a chomharachadh anns a cho’- cheangal a fhuair e. B’e co’-cheangal siorruidh a bh’ann. B’e gealladh co’-cheangail nan gràs a bha dlù-cheangailte ris. Agus b’ann d’a thrid a bha slainte anama aig Abraham.
Nis o’n a bha an timchioll-ghearradh na chomharadh air a cho’-cheangal so — bha e na chomharadh air co’-cheangal nan gràs; agus, mar a thug mi fanear cheana, tha na Baistich iad fèin a’g aideachadh gu bheil am Baisteadh na chomharadh air an ni cheudna. Uime sin, b’e ordugh Dhè, aon uair ‘na Eaglais, gu robh deas-ghnà ri bhi air a fhrithealadh do naoidheana — a ta co-fhreagradh anns gach ni ris a Bhaisteadh.
Nam bitheadh tuille feumail air a phuinc so, dh-fheudain a nochdadh gu bheil an dà dheasgnàth — se sin an tiomchioll-ghearradh agus am Baisteadh air an ainmeachadh’s an Tiomnadh Nuadh mar shamhluidhean air na nithe ceudna. Tha iad le cheile a’ cialluchadh nithe spioradail, seadh, agus na nithe spiodadail ceudna. “Anns am bheil sibh mar an ceudna, air bhur timchioll-ghearradh,” ars an t-Abstol Pol, “leis an timchioll-ghearrach nach d’rinneadh le lamhaibh, ann an cur dhibh cuirp pheacanna na feola, le timchioll-ghearradh Chriosd.” (Col. ii. 11).
“Oir cha’n Iudhach esan,” deir an t-Abstol sin féin ann àit eile, “a tha mar sin o’n leth muigh; agus cha’nè sin an timchioll-ghearradh, a tha gu follaiseach san fheòil. Ach is Iudhach esan, a tha mar sin ‘san taobh a stigh; agus is è sin an timchioll-ghearrach a tha sa’ chridhe, agus san spiorad, cha’n ann san litir, aig am bheil a chliu cha’n ann o dhaoinibh, ach o Dhia.” (Rom. ii. 28, 29). “Tha’m baisteadh mar shamhlachas a tha co’-fhearagadh dha so (cha’n e cur dhinn sal na feola, ach freagradh deagh choguis thaobh Dhe) nis ‘gar tear-nadhne, trid aiserigh Iosa Chriosd.” (1 Pead. iii. 21).
‘Se an co-dhunadh ma ta a bhitheas air a tharruing leis gach neach a thuigeas brìth nan dearbhaidhean do uile, gu-n do bhuillich Dia air naoidheana fuidh ‘n t-sean Tiomnadh sochair àraid — agus gur sochair sud a bha na chomharadh air na ceart nithibh air am bheil am baisteadh na chomharadh fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh.
(Rí leantuin)