(Air a leantuinn bho t.d. 458)
Tha e, uime sin, na cheist ro nadura — am bheil Dia a diùltadh fuidh an Tiomnadh Nuadh sochair a bhuilich e, mar a chunnaic sinn, fuidh an t-Seann Tiomnadh? an d’thug Dia air falbh an t-shochair so anis o Eaglais fein. Ma tha teagasg nan Baisteach fior, ‘s ann ceart mar so a tha chùis, agus ma’s urr’ iad so a dhearbhadh theid an là leo, ach mar urrainn ‘s ann a tha iad gu cinnteach, ‘s an t-seadh so nan luchd-iùl dhall. Nis so cha’n fheuch iad ris: c’arson? Tha — do bhrigh is gur diomhain doibh feuchainn ris, — oir eadar dà chlàr a Bhiobuil cha’n fhaidh iad fiu aon rann a tha cumail amach gu bheil sochraean Eaglais’ Dè fuidh ‘n Tiomnaidh Nuaidh ni ‘s lugha na bha iad fuidh ‘n t-Seann Tiomnaidh.
An àite sin, ‘s ann tha’n Sgriobtuir a’teagasg gu bheil Dia a’ tabhairt am barrache sochraean gu mor do’n Eaglais a nis, na bha e a’ toirt fuidh ‘n t-Seann Tiomnaidh. The è ag innse dhuinn ma thainig atharrachadh air bith gur ann chum na cuid is fearr — gu’r ann chum buannachd, agus cha n-ann (mar a tha na Baistich ag iarruidh a bhi toirt air daoine a chreidsinn) chum na cuid is measa-chum calltachd.
The e gun teagamh fior, nach ‘eil an Eaglais a nis mar a bha i, rì linn an t-Seann Tiomnaidh. The atharrachadh air tighinn oirre, do bhrigh gu-m bheil na deas-ghnathan lionmhor a bha dhi’s an ma sin mar chuing throm, air an cuir air cùl, air do na nithe a bha iad sud a’ ciallachadh a bhi a nis air an co’lonadh. Agus, a thulleadh air so, tha atharrachadh air teachd air nàdur nan deas-ghnàthan, sin a bha nan comhraidhean aig an am ud air sochraean spioradail — sochraean nach d’each’ idir air cùl, ach a bha, agus a bhitheas ann, gu teachd Chriosd aris.
Cha n’e gu bheil comhraidhean nan cocharan ud air am toirt air falbh, ach gu-n d’ atharraicheadh na comhraidhean ud le Dia e fein. Mar eisimpleir air so cha ‘n ‘eil an tiomchioll-ghearradh a lathair a nis, ‘s an Eaglais. Cha ‘n ‘eil; ach a chionn gu bheil na sochraean a bha an tiomchioll-ghearradh so a samhlachadh amach fathast air am buileachadh air pobull Dhe, tha ni a ta co-ionnan ris an tiomchioll-ghearradh a lathair ‘san eaglais, — agus ‘se an ni sin am Baisteadh. A ris’ cha ‘n ‘eil suipear na caisg’ anis ri bhi air a gabhail fuidh ‘n t-Soisguel, ach ged nach ‘eil tha ordugh eil’ againn a tha co-fhreagaradh dha so, agus ‘s e sin Suipear an Tighearna — ðrdugh a tha ri bhi air a fhrithealadh gus an d’ thig Criosd — ‘thoirt breith air bheothaibh agus air mhairbh.
Saoilidh mi gu feud an t-atharrachadh a thainig air an Eaglais fhaicsinnich, a bhi air a choi ‘meas’ ris an t-atharrachadh sin a thig air duine, ‘nuair a dh’atharraicheas e eùdach. — ‘S e an ceart duine a bha ann riomh, a bhitheas ann, ged a chuireas e eudach nuadh uime, seadh, agus ged nach bi mìr do’n eùdach a bha roimh air, uime.
Tha gach ball aig leanamh, a bhitheas aige, ‘nuair a thig e gu h-aois; ach an t-eùdach a ffreagras dha mar leanabh, cha ffreagair e ‘nuair a tha e air fàs gu bhi na dhuine.
Mar so ged a thainig atharrachadh d’an t-seors so air an Eaglais, cha d’ thugadh sochair no dlighe do sheors air bith uaipe. Tha gach ni a’ seasamh iomlan mar a bha e; seadh agus, a reir geallaidh Dhe, mar a thub-hairt mi cheana, tha am barrachd againn’ fuidh ‘n t-soisgeil.
Ach ma tha luchd an t-seors’ admheil sin an aghaidh a tha mi a nis a’ tagradh fior, thainig atharrachadh ro mhor air an Eaglais; oir tha sochair shonruichte air àicheadh dhith a nis a bha aic’ fuidh fhrithealadh an t-Seann Tiomnaidh. Tha na Baistich a’ toirmeasg comharadh co’cheangail na’ gràs do leanabanaibh — sochair a thug Dia e fein do Abraham, agus d’a shliocht na dhèigh ‘nuair a thubhairt e: “Timchioll-ghearrar gach leanabh mic nar measg.” (Gen. xvii 10). Ach feuchadh na Baistich dhuinn o na Sgriobtuiribh an ni is lugha a ta mar bharantas aca air son an teagaig so gu-n do thoirmeasg an Dia neo-chaochlaidheach ni a dh’aithn e aon uair, — no gu-n d’atharraich esan a chomhairle; — no gu-n do ghabh e aithreachas ‘s a chùis so.
Nam biodh an comharadh so ro bhi air a dhiùltadh do naoidheanaibh fuidh’n Tiomnadh Nuadh, cha chreid mi nach innseadh Dia so dhuinn’. Ach c’ait am bheil e ag innseadh so? — Ma nochdas an Baistach earrann air bith do’n Sgriobtuir far am bheil so air fhilleadh a steach, bithidh mi leis’ na theagasg; ach gus an dean e so measaidh mi è ann an mearachd agus ann an eùcoir mhòr. Ach ‘s dearbhta leam nach d’theid aige gu bràth air so dheanamh, oir is ni e nach deanar; ni’s lugha na nithear breugaire do’n Abstoil Pheadair a ta ‘g radh, “bithibh air bhur baisteadh gach aon agaibh, oir a ta an gealladh dhuibhse agus d’ar cloinn.”
Nach dlomhain an ni ma ta do na Baistich a bhi’g iarruidh áithne nuadh air son baisteadh naoidheanan? nach an-iochdmhor an ni dhoibh a bhi diúltadh na socháire’ so, do bhrigh is nach’eil iad a faotainn na h-áithne so a reir am beachd fein? agus nach an-dana an ni dhiobh a bhi cumail a mach gur sochair nuadh a ta ann, — ‘se sin ni nach robh ‘s an Eaglais roimh — ‘nuair nach urrainn iad am feasd so a dhearbhadh o na Sgriobtuiribh.
Nach lèoir dhuinne gu-n do thaisbean an Tighearn sochariean naoidheanan aon uair? agus nach lèoir dhuinn a ris nach eil e, ann an àit air bith, ‘a teagasg, mar is eigin do na h-uile aideachadh, gu-n d’atharraich e a chomhairle fein.
‘N uair a thugadh seachad air tùs le Dia comharadh a’ cho-cheangail chùm e mach còir naoidheanan, agus gus an dearbhar gu bheil Dia an deigh so a thoirt uapa, is eucorach do’n duine sin a ghabhas ri teagasg an seors aidmheil sin.
Ach ann an àit dearbhaidhean a bhi’s an Sgriobtuir gu-n d’fhug Dia air falbh mar so sochair a rinn e aon uair a bhuileachadh, chì sinn, air ball, na dearbhaidhean lionmhor a ta againn gu bheil an t-sochair air a daigneachadh agus air a deanamh ni’s cinntiche.
Ach mu-n gabh mi air m’ aghaidh dh’ionnsuidh so, faiceamaid na seors argumeitean leis am bheil na Baistich a’ cur an aghaidh, gu-n d’ thainig am Baisteadh a steach an àit an Timchioll-ghearraidh, agus leis am bheil iad a’ cumail suas an teagasg mhi-sgriobtural fein.
Ri Leantuinn.