Air a leantuininn bho t.d. 17
1. Their iad air tùs nach buin e dhuinn a bhi dearbhadh teagasg a Bhaistidh, o Sgriobtuir an t-Sgriobtuir an t-Seann Tiomnadh. Their iad gu bheil ar gnothach ris an Tiomnadh Nuadh, agus ri sin a mhàin.
Nochdar leinn air ball nach eagal leinn, air chor sam bith, an Tiomnadh Nuadh’s a chonnsachadh so; ach chum freagrath a thoirt do’n t-seors argumait so, dh’fheoraichinn dhiubh — Co dh’innis dhoibhsan nach eil gnothach againn ris an t-Seann Tiomnadh ann a bhi dearbhadh teagasg air bith a ta air fhoillseachadh anns an Sgriobtuir? Cha-n’eil barratas air bith aca air a shon so; agus air chinnte cha-n urra comharadh ni’s measa a bhi air teagasg air bith na gu bheil an t-Seann Tiomnadh ‘g a dhteadh; a chionn gur ni cinnteach è, gu bheil an Tiomnadh Nuadh a’ daigneachadh an t-Seann Tiomnaidh anns gach àit.
Ma tha na Baistich a’ faòtainn coire dhuinn do bhrigh gu bheil sinn a’ togail ar cùis chum an t-Seann Tiomnaidh, dh-fheudadh iad coire fhaotainn d’ar Fear-saoraidh mar an ceudna, oir tha sinn a leughadh gu-n d’rinn esan so a ghnàth ‘na theagasg. Agus dh’fheudadh iad coire fhaotainn do na Abstolaibh oir rinn iadsan so cuideachd.
Ma their iad gu h-araid mu-n timchioll-ghearradh nach tig e dhuiinn a bhi ‘g a thoirt a stigh, tha mi toirt an ffreagradh so orra, — gu-m faca sinn cheana gu bheil na h-Abstoil iad fein ‘g a thoirt a stigh, agus a’ deanamh feum dheth ann am mìneachadh nàdur a Bhais tidh.
Is flor bheag an ni ma ta a thilgeas an argumait so bun o’s ceann. Agus mu-n mhuinn tir a chuireas air cùl Sgriobtuir an t-Seann Tiomnadh do bhrigh gu bheil e so ‘nan aghaidh ‘nuair bu mhiann leo teagasg mearachdach a dhaingneachadh, theirinn maille ri Iacob ‘nuair a bha è air leab’a bhais: ” ‘Nan diomhaireachd na d’thigeadh m’anamsa.”
2. Their iad a rìs, na’m mòr aimeadachd, nach robh an timchioll-ghearradh air a fhrithealadh ach do leanabanaibh mhac amhain, ‘nuair a tha leanabana mhac agus nighinn air am baisteadh, agus uime sin nach urra dhoibh a bhi ‘nan comharan air an ni cheudna. Tha an argumait so cho faoin is gu bheil nàire orm ùin a chaitheadh ann a bhi toirt freagairt dhi.
Ach chum a tilgeadh bun o’s ceann, thugamaid fanear ma tha brigh air bhi innte, gu bheil i gabhail a steach, gu-n robh na bha air a chomharachadh leis an timchioll-ghearradh, cia sam bi na bha air a chomharachadh leis, gu-n robh so air a dhiùltadh do leanabanaibh nighean.
Nochd mi a cheana o chainnt Sgriobtuir gu-n robh an timchioll-ghearradh a’ comharachadh a mach sochairean spioradail, agus cha’n eil neach ann a dh-àicheadhas gu-n robh iad so air am mealtuinn le fearaibh agus mnàibh araon. — Bha Deborah agus Hanah, agus Rùt nan flor sheirbhisich aig an Tighearn, agus bha esan na Dhia aca-san, ach cha robh iad an timchioll-ghearradh ged a bha iad fuidh an t-Seann Tiomnadh. Bha gràsan a cho’-cheangail air am buileachadh orra, ged nach robh an comharadh. Agus c’arson? Direach a chionn nach robh e comasach gu-m bitheadh an comharadh air a thoirt dhoibh, agus cha b’ ann o chionn nach bu chòir dhoibh fhaotainn.
Agus c’arson a ta am Baisteadh — deasghna a tha na chomharadh air na sochairibh ceudna, air a fhrithealadh do leanabana nigheana agus do mhnathan? Direach a chionn gu bheil iadsan comasach air a ghabhail.
Chunaic Dia iomchaidh gu-m bitheadh a chuis air aòn dòigh fuidh’n t-Seann Tiomnadh, agus air dòigh eile fuidh’n Tiomnadh Nuadh, agus cha bhuin e dhuinne coire fhaotainn do ordugh Dhè. Ged nach robh an comharadh aòn uair aig mnathan cha do chum so uapa na sochairean; — agus a nis gu bheil an dà chuid aca, tha an Sgriobtuir gu soilleir a nochdadh anns na briathraibh so a leanas: “Oir a mheud agaibh ‘s a bhaisteadh do Chriosd, chuir sibh umaibh Criosd. Cha-n’eil Iudhach na Greugach, cha-n’eil saor no daor, cha-n’eil firionn no boirionn ann: oir is aon sibh uile ann an Iosa Criosd.” (Gal. iii. 27-28).
3. Ach their iad ‘s an treas àite, gu-n robh an timchioll-ghearradh gu bhi air a fhrithealadh do naoidheanaibh air an ochdamh là — ni air nach eil iomradh sam bith air a dheanadh do thaobh a’bhainn; agus uime sin nach freagair iad do chach a cheile. Gu bheil so ceart co faoin ris na h-argumaitean eile tha e solleir ma bheir sinn fainear na nithean a leanas.
‘S e mo bheachd gu bheil na Baistich iad fein ag aideachadh gu bheil a chàisg — deasgnath eile a bha aig an eaglais fuidh’n t-Seann Tiomnadh — agus suipeir an Tighearn’, a’ freagra’ d’a cheile. — Nis bha e air orduchadh gu-m bitheadh a chàisg air a h-ith’ air là sonruichte de mhlos sonruichte, agus ann an àite suidhichte — ‘nuair nach eil iomradh, a thaobh suipeir an Tighearn’, air là, no mhlos, no àite seach a cheile. — ‘N uair a tha na Baistich ma ta, ag àicheadh gu bheil am baisteadh agus an timchioll-gearradh a co-fhreagradh a chionn gu-n robh e air orduchadh gu-m bitheadh an timchioll-ghearradh air a fhrithealadh air an ochdamh là, c’ arson nach eil iad, air a mhodh cheudna, ag àicheadh gu bheil a chàisg, a co-fhreagradh ri suipeir an Tighearn’, do bhri na nithe a dh-ainmich mi? Nach ‘eil e soilleir ‘nuair nach ‘eil iad a deanamh sin, gu bheil an argumait so aca, ‘na dhiomhanas agus gu bheil iad fein a toirt breith orra, agus ‘ga cur an neo-brigh.
— Their an Sgriobtuir gu bheil “coimhead làithean agus mhlosan, agus aimsirean, agus bhliadhnan” ris an abrar leis an Abstol “ceud thoiseach anmhunn agus uireas-bhuidheach,” (Gal. iv. 9,10) a nis gu h-uile air dol air cùl.
‘S leoir so, tha mih dochas, gu bhi leigeil ris faonais nan seors argumaitean, a ta aig an luchd aidmheil an aghaidh a tha mi a’ sgriobhadh. Agus nach bochd an gnothach e gu bheil daone, gun bhunait nis fearr na so aca, a’ dùnadh an sùilean air an fhirinn; agus ‘g an reic fein gu bhi a’cumail agus a’teagasg mhearachdan.
Ach ma their na Baistich fathast, gun taing dha so uile, nach ‘eil am baisteadh a’ co-fhreagradh ris an timchioll-ghearradh — dh-fheoraichin, ciod e ma ta an deasgnà’ sin fuidh an Tiomnadh Nuadh a tha freagradh ris? Chunnaic sin cheana, agus tha na Baistich ‘ga aideachadh, gu bheil suipeir an Tighearn a freagradh do’n chaisg: tha fios againn, a thuile air so, gu-n d’ fhuair na h-iobairtean agus na deasgnathan eile a bha air chois fuidh an t-Seann Tiomnadh — gu-n d’ fhuair iad so uile, nithe a cho-fhreagairt riu, ann am bàs Chriosd, agus ann an toirt a steach frithealadh an t-soisgeil. Innseadh iad dhuinn ma ta ciod a fhuair an timchioll-ghearradh, gu bhi co-fhreagradh ris ma ‘se is nach e am baisteadh, mar a tha sinn ‘ag rath. Innseadh iad c’arson a ta an timchioll-ghearradh air leth o na deasgnathaibh eile.
No, ma se is gu-n abair iad fathast gu bheil iad fein ceart anns a bheachd a tha aca air a bhaisteadh, innseadh iad dhuinn an deasghnà’ sinn anns an Eaglais fhaicsinnich fuidh an t-Seann Tiomnadh a bha cosmhuil ris a bhaisteadh agus a freagradh dha. — Cha n’fhaigh iad a h-aon — agus ma leanas iad, an deigh so, air teagasg nach eil an dà ni so a’ co-fhreagradh, tha iad gu cinnteach a toirt a steach eas-òrdugh a measg orduighean Dhè, — agus faodaiddh na h-uile breith a thoirt, ciod e am peacadh a ta an so?
Tha mi an dochas a nis gu-m feud e bhi soilleir do gach neach gu-n robh an timchioll-ghearradh a’comharachadh, agus a’samhluchadh nan nithe ceudna ris a bhaisteadh, agus uime sin, o’n a bha an timchioll-ghearradh air a fhrithealadh do leanabanaibh mar sin gu-m bu chòir am baisteadh a bhi air a fhrithealadh dhoibh mar an ceudna, ma ‘se is nach eil aithn ‘na aghaidh so. Agus cha-n’eil àithn ‘na aghaidh.
Abair a nis nach bitheadh focal tuille ri bhi air a thoirt air aghaidh ann an tagradh cùis leanaban an agus a dhearbhadh an còir air baisteadh, bu leoir so leis fhein — bu leoir e, gu pailte, chum teagasg mearachdach na seors’ aidmheil a ta an aghaidh còir leanaban, a thilgeadh sios co ional ris an ùir.
Tha dearbhadh ni’s leoir saoilidh mi a nis air a thoirt gu bheil e mar fhiachaibh air na Baistich, mu-m fosgail iad an beul tuille, a bhi nochdadh dhuinn c’ait am bheil Dia a’ toirmeasg a’ bhaistidh do leanabanaibh — an t-sochair sin a ta co-fhreagradh ris na sochair a bhuilich e air eaglais féin fuidh’n t-Seann Tiomnadh.
Tha mi a’ gairm orra so a dheanamh, agus gus an dean iad e measar gu bheil an teagasg gu-n bhunait s an Sgriobtuir.
Ach cha’n fhàg sinn an gnothach mar so. Chum n h-uile seors teagamh a chuir air cùl, rachamaid air an n’ aghaidh a’nochdadh ann an àit so a bhi air thoirmmeasg gur ann a tha còir naoidheanan air a shocrachadh le h-iomadh dearbhadh cudthromach anns an Tiomnaidh Nuaidh.
Ri Leantuin.