In Romans chapter 16, we read of godly women, not a few, whose names the Holy Spirit left on record. Brief inspired comments on their lives take the form of — “beloved in the Lord,” “our helper in Christ,” “who bestowed much labour on us,” “chosen in the Lord.” Such could be applied to the following godly women, whose record is on high, and who in their lives were a great support to the North Harris Congregation:
Mrs Mary MacAulay, Plockropool.
Mrs Kate Ann Mackay, Grosebay.
Mrs Effie Mackay, Grosebay.
Mrs Margaret Morrison, Tarbert.
Miss Flora MacAskill, Stenish, Kyles-Scalpay.
Characteristic of these women was their love to one another in the Lord. The godly here feel deeply their departure. They are now “with Christ which is far better.”
A. McK.
Dearbhaidhean an aghaidh Teagasg nam Baisteach
CAIB II
Cleachdadh na h-Eaglais fhaicsinnich fuidh’n Tiomnadh Nuadh, mar a tha so air a shoilleir-eachadh le briathraibh ar Slànuighfhir agus le briathraibh agus gnathachadh nan Abstol.
Cha’n’eil mi aineolach gu bheil na Baistich a’ cumail a mach gur ann as an Tiomnadh Nuadh a tha iadsan a’ deanamh am bun. Ma theid agam, ma tha, anis air a’ nochdadh gu bheil an Tiomnadh Nuadh ceart co fhada, nan aghaidh ‘s a tha an t-Sean Tiomnadh, cha bhi àit air bhi aca air an seas iad. Agus ma theid agam, a thuilleadh air so, air an cuil-bheirtean a rusgadh, trid am bheil iad a’ fiadhradh nan scriobtuirean chum am beachd fein a sheasamh, tha dochas agam gu-m faic na h-uile gu bheil iad gun bhunait, gun chùltaic, agus gun fhasgadh ‘n an teagasg mu-n bhaisteadh.
‘Se an dùlan sin a ta iad a sior-thoirt le briathraibh atmhor diomhanais, nach ‘eil eadar dà cheann an Tiomnaidh Nuaidh aithn no ordugh airson Baisteadh naoidhean; — agus uime sin, ‘n uair a tha Eaglais na h-Alba maille ris gach eaglais shuidhicht’ eile san t-saoghal, ris a chleachdadh so, gu bheil iad a’ deanamh ni airson nach’eil àithn no ordugh aca. Agus as a so tha iad a’ deanmah mòr uaill.
Nis chunnaic sinn a cheana nach’eil an so uile ach briathra baoth. ‘N am bu shochair nuadh comharadh a cho’ cheangail a thoirt do naoidhean dh-fheudadh na Baistich an sin aithne nuadh iarruidh; ach o’n is sochair so a bha ‘s an Eaglais fada fada roimhe c’ arson a dh’iarramaid àithne nuadh. O’n a bha’n dlighe so air orduchadh aon uair le Dia nach leòir so? oir seasaidh è gus an dean Dia e fein a thoirmeasg. Agus tha è so thuigsinn, ma tha na nithe a nochd mi mu-n timchioll-ghearradh fior gu-m bitheadh àithn airson naoidhean a bhaisteadh na ni glé iongantach: a chionn gu-m b’ionnan e ‘sa radh nach robh an dà ordugh a’ co-chordadh agus mar so bhrèugaicheadh e na chaidh dhearbhadh o’n t-Seann Tiomnadh; oir airson an aon ni dh-fhoghnadh gu cinnteach an aon àithn.
Ach ged a tha an gnothach mar so gidheadh cha bhaist na Baistich naoidhean gus am feuch sinn àithn o’n Tiomnadh Nuadh dhoibh — ni nach fhaigh iad, do bhrigh ‘s nach eil feum air, agus do bhrigh, mar an ceudna, nam bitheadh so ann gu-n tilgeadh e dorchas nach bu bheag air na Scriobtuiribh.
Ach chum ‘s gu-m faic sinn mar a tha iad fèin a toirt breith air an argumait so, agus ‘g a cuir an neo-brigh, dh-fheoruichinn dhiu c’ait am faigh iad àithn ‘s an Tiomnadh Nuadh airson a bhi ceudachadh do mhnathaibh suidhe sios aig bord an Tighearn? ni a tha ‘na chleachdadh aca-san maraon ruinn fèin?
Anns an Tiomnadh Nuadh uile cha ‘n fhaighear àithn airson na cleachdadh so: agus nach maith a dh’fheudas iogantas a bhi oirnn ma ta, gu bheil iad ag iarruidh gu dian àithn airson an aon ni, agus gun an t-iomradh as lugha dheanadh air àithn airson an ni eile.
Cha bhaist iad leanabh a chionn, mar a deir iadsan, nach eil àithn aca air a shon, ach cha chuir e bacadh san bith orra suipeir an Tighearn a fhrithealadh do mhnathaibh ged nach ‘eil àithn air leth air a shon so. — ‘S gann is urra mi chreidsinn gu bheil iad co dall is gu-n leigadh iad cudthrom sam bi air argumait co faoin ri so; oir cha ‘n fhaic mi c’arson nach bu choir sacramait suipeir an Tighearn a bhi ceart co priseil ‘n an sùilibh ri sacramait a Bhaistidh.
A ris cha mhò tha àithn ‘s an Tiomnadh Nuadh airson an atharrachadh a thainig air là na Sàbaid. Tha fios aig na h-uile nach e an la a bha air a choimhead fuidh ‘n t-Seann Tiomnaidh a tha nis air a choimhead. Ach tha na Baistich a’ coimhead a cheart la a tha sinne a coimhead, ged nach eil àithn air leth aca air a shon so.
Nis chum gu biodh iad cothromach ‘n an teagasg bu chòir dhoibh mnathan a chumail air an ais o bhord an Tighearn, do bhrigh nach’eil àithn air leth airson an gabhail a steach; — agus bu choir dhoibh a ris Di-sathairn a choimhead mar latha na Sàbaid ann an àite a’ cheud latha do’n t-seachduinn, do bhrigh nach’eil àithn air leth aca anns an Tiomnadh Nuadh airson an atharrachaidh so? bu choir dhoibh so uile a dheanadh co maith ‘s a bhi diùltadh baisteadh do naoidheanaibh do bhrigh is nach’eil àithn air leth aca airson na cleachdadh so.
Tha am Baisteach a feòraich dhiom — “C’ àit am bheil àithn agad ‘s an Tiomnadh Nuadh airson naoidhean a bhaisteadh?” Tha mis a feòraich dheth-san — “C’ àit am bheil àithn agadsa airson Suipeir an Tighearn a fhrithealadh do mhnathaibh? Nach eil an aon sacramait co naòmh agus co cudthromach ris an t-sacramait eile?” Tha mi feòraich dhe a ‘Bhaisteach a ris “C’ àit am bheil àithn agad anns an Tiomnadh Nuadh, airson atharrachaidh latha na Sàbaid?” “N uair a dh-fhèuchas tusa dhomhsa àithn airson an aon ni — fèuchaidh mise dhuitse àithn airson an ni eile. Agus gus an bi so air a dheanamh leat thig è dhuit a bhi ‘na d’ thosd mu easbhuidh àithne airson baisteadh naoidhean.
Ri Leantuin.