Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1977 » May 1977 » Dearbhaidhean an Aghaidh Teagasgan nam Baisteach

Dearbhaidhean an Aghaidh Teagasgan nam Baisteach

Tha e air a ràdh gu soilleir gur ann trid creidimh a tha peachaich air an slànuachadh, agus as eugmhais creidimh nach bi iad air an sàbhaladh. Nis is peacaich sinn gu h-iomlan o bhroinn ar mathar do bhrigh gu-n d’rugadh sinn am peacadh. Is peacaich naoidheanan ma ta. A reir mìneachaidh nam Baisteach, do bhrigh nach urra’ creidimh a bhi aig naoidheanaibh cha’ n urr’ iad a bhi air an sabhaladh. Ann an briathraibh eile, ma ghabhas sinn mìneachadh an t-seors aidmheil so, cha’neil leanabh a fhuair bàs o thoiseach an t-saoghail nach deach a dhì, agus nach eil a nis ann an ifrinn!!

O! an ruig mi leas a dhearbhadh mar a tha so an aghaidh nan Sgriobtur!

Cha’n ril mi ‘g radh gu bheil na Baistich a’ teagasg so; ach tha mi ‘g radh do bhrigh nach eil iad ‘g a theagasg, gu bheil iad a’ toirt breith air teagasg fein mu-n Bhainneach, agus ‘ ag’n diteadh fein.

Ma tha naoidheana air an cumail o’n Bhainneach a chionn gu bheil e air radh, “ge b’e chreideas, agus a bhaistear saorar e’ tha e’a leanntuinn o’n t-seors mhìneachaidh so, gu-n d’theid naoidheana uile a dhì, ma gheibh iad bàs, agus iad ‘nan naoidheanaibh, do bhrigh ‘s gu bheil e air radh, “trid creidimh tha sibh air bhuir sabhaladh.’

Ma tha dì creidimh a’ bacadh Bainneach dhoibh, — ‘s eigin do’n ni cheudna slainte a bhacadh dhoibh oir tha cainnt an Sgriobtur mu-n dà ni a’ co-fhreagrath ri cheile.

Ach is anaoibhinn do’n duine sin a ta meas gu-n do labhair Chriosd focal anns an robh so air fhilleadh ann; na gu-n do theagasg e ni air bith a bha cur an aghaidh àitean eile do’n Sgriobtur.

Ach tha an t-am ann anis gu-n gabhainn air m’aghaidh a nochdadh cuid do no dearbhaidhean o’n Tiomnadh Nuadh a ta a’ daigneachadh teagaig so an t-Sean Tiomnadh — gu’m buin comhara a cho’cheangail do naoidheanaibh. —

I. Bheirinn fainear air tùs, ma seadh, briathra ar Slanuighfhear.

  1. Tha an soisgeulach Marcus ma ta ag innse dhuinn mu Chriosd, “Gu-n do ghabh e leanabh, agus chuir e ‘nam meadhon e: agus an uair a thog a suas na uchd e gu-n dubhairt e riu, ge b’e neach a ghabhas’ h-aon d’an leithidibh so do leanabanaibh a’ m’ ainmse a ta e a gabhail riomsa; agus ge b’e neach a ghabhas riomsa, cha mhise ris am bheil e gabhail, ach an Ti a chuir uath me.’ (Caib. ix. 36).

Tha e gu soilleir air a chuir sios againn ann an so gu’r coir gabhail ri leanabanaibh an ainm’ Chriosd. Nis tha fios gur e an Sgriobtur e fein is fearr a mhìncheas an Sgriobtur; uime sin gu dheanamh a mach ciod a ta na briathra so a’ ciallachadh, thogainn mo chuis chum nan Sgriobtur iad fein.

Beagan na dheigh do Chriosd na briathra ud a labhairt thuirt “ge b’e neach a bheir cupan uisge dhuibhse r’a òl a m’ainmse ‘se sin chionn gur le Chriosd sibh, gu deimhin a deirim ribh, nach caill e a dhuais.’ (Marc ix. 41).

Tha so gu soilleir a’ teasgasg — ni air bith a dheanamh do neach eile ann an ainm Chriosd — gur e sin, a dheanamh a chionn gur le Chriosd e; uime sin — àithn gu gabhail ri leanabanaibh an ainm Chriosd, — ciod e sin ach àithn gabhail riu a chionn gur leisan iad — se sin a chionn gu bheil còir aca gu bhi air an aibreagh ‘am measg a dheisciobluibh fhaicsinniech.

Dh’fheoruichinn anis ciod an doigh air am feudar umhlachd a thoirt do’n aithn so? Cia mar a tha sinne gu bhi gabhail r’ann leithide sud do leanabanaibh an ainm Cheiosd?— ‘se sin mar mhuinnтир a ta ann an daimh co dlù dha is gu bheil e fein ag ràdh gur leis-san iad? Seadh mar mhuinnтир a dh-fheudas a bhi nan deisciobuil dhasan? ‘Se an Scriobtur a ris is fearr a ffreagras so. “Uime sin,’ deir an Slanuighfhear ann an àit eile, “imichbhse, agus deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach, ‘gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh.’ (Matt. xxviii. 19). Mar a bha Timchioll-ghearradh na chomharadh, gum bu le Dia cloinn Israel ann an daimh araid; air an doigh cheudna tha am baisteadh na chomharadh gur leis-san ann an daimh araud’, andrean sin uile d’am bheil an t-ordugh so air a fhrithealadh. Agus ‘si mo gheachd gu bheil barrantas againn cho-dhunadh gu-n robh suil aig Críosd ri sochairean leanabana fuidh’n t-Seann Tiomnadh ‘nuair a labhair e umpa, mar a ta sinn a’ leughadh ann an so.

‘S ann ma ta le bhi baisteadh leanabana a bhitheas sinn a’ gabhail riu mar dhream is le Críosd; oir, gun teagamh, tha leanabana a’ deanamh suas cuibhrionn “do gach uile chinneach,’ agus le so tha iadsan air am filleadh a steach ‘s an àithne a thug Críosd seachad an an so.

Ri Leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice