O na labhair Críosd e fein, feudaídh teagasg an t-Seann Tíomnaídh a bhi air a dhaighneachadh, agus còir naoidheana air baisteadh, a bhi air a dheanamh so-thuigsinn agus cinnteach.
Thugamaid fainear anis, briathra Abstol Chriosd.
Tha e air a ràdh ma ta leis an Abstol Pheadar an deigh dha impidh a chuir air na h-Iudhaich aithreachas a dheanamh — agus a chreidsinn, “bithibh”, ars’ esan, “air bhur baisteadh gach aon agaibh ann an ainm losa Críosd, chum maithheanais peacaidh, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid naoimh. Oir a ta’n gealladh dhuibhse, agus d’ar cloinn, agus do na h-uile a ta fad o laimh, eadhon a mheud ’sa ghaireas an Tighearn ar Dia”. (Gniomh. ii 38, 39).
Do thaobh na h-earrainn so thugamaid fainear, anns a cheud àit, ’nuair a tha an t-Abstol a’ gairm air a bhraithrean a reir na feola iad a bhi air am baisteadh, gu bheil e a’ toirt reasun c’arson bu chòir dhoibh geill a thoirt do’n àithn so. Agus ciod i an reasun so? “Buinidh an gealladh dhuibh, a deir e — seadh buinidh e do’n mhuiintir sin uile a ta an Tighearn a gairm le guth an t-soisgeul — mar a tha sibhse air ’ur gairm”. Ach ciod e an gealladh so? An gealladh air am bheil iomradh air a dehanamh eadhon tìodhlac an Spioraid naoimh; — an gealladh a bha air a thoirt do Abraham ’nuair a bha an co-cheangal air a dhaighneachadh ris agus ’nuair a thubhairt Dia, “daingnichidh mi mo choi-cheangal eadar mis agus thusa, agus do shliochd ad dheigh, nan ginealachaibh, mar choi-cheangal siorruidh, gu bhi’m Dhia dhuitse, agus do d’shliochd a’d’ dheigh”. (Gen. xvii. 17).
Do bhrigh, uime sin gu-n do bhuin an gealladh dhoibh, ‘nuair a thug iad gèill do ghuth an t-soisgeil, bha iad mar so air an gairm gu samhladh a cho-cheangail fhaotainn — eadhon am baisteadh.
Mar a thubhaint Dia ri Abraham: “dainghnichidh mi mo choi-cheangal eadar mis, agus thusa, agus do shliochd”, — “agus timchioll-ghearraidh sibh feoil bhur roimh-chroicinn, agus bithidh e na chomhar’ a choi-cheangail eadar mise agus sibhse; — Agus am mac ‘nar measg a bhios ochd laithean a dh’ aois, timchioll-ghearrar e, gach leanabh mic ‘nar ginealachaibh”. Air a mhodh cheudna thubhaint Peadar trid an Spioraid: “bithibh air ‘ur baisteadh gach aon agaibh — oir a ta an gealladh dhuibhse agus d’ar cloinn”.
Tha sinn a faicsinn o so gur gann a ta mughadh air bith eadar cainnt an t-Seann Tiomnaidh mu-n timchioll-ghearradh, — agus cainnt an Tiomnaidh Nuaidh mu’n bhaisteadh. Do thaobh an dà ordugh tha e air a leigeil ris gu bheil iad le cheile ‘nan sàmhlaidean air a cho-cheangal sin anns an robh tiodhlacan an Spiorad Naoimh air am filleadh a steach. Agus a thuille air so, gun robh còir aig naoidheana orra le cheile an co lorg aidmheil am parantan. — “Dainghnichidh mi mo cho-cheangal eadar mis, agus thusa, agus do shliochd”, thubhaint Dia ri Abraham — “Tha an gealladh dhuibhse, agus d’ar cloinn”, thubhaint Dia, trid a sheirbhiseach, an t-Abstol Peadar, ris na Iudhachaibh.
Tha ann an so, ma ta, deabhadh soilleir o bhriathraibh nan Abstol gu’r còir naoidheana a bhaisteadh; oir cha’n urrainn a chainnt so a bhi air a mìneachadh air doigh sam bi eile gun a bhi ‘ga fiaradh.
Ma ghleidheas sinn air chuimhne gu-n robh Peadar e fein na Iudhach agus uime sin eòlach air deasghnath an timchioll-ghearraidh; agus maille ri so gu-m b’Iudhaich iadsan uile a bha ‘g eisdachd ris, ‘nuair a labhair e na briathra ud, — muinntir a bha cleachdta ri an cloinn a bhi air am meas mar bhuill do’n eaglais fhaicsinnich — ‘s eigin dhuinne co-dhunadh gu’n robh an t-Abstol a beachdachadh air so, agus gu robh luchd eisdeachd, o nadur na cainnt a ghàthachaich e, ‘ga thuigsinn air a mhodh so. Dhiarr Dia gu-m bitheadh iad fein, agus an clann air an timchioll-ghearradh. Dhiarr e, air a mhodh cheudna, gu-m bitheadh iad fein agus an clann air am baisteadh, a chionn gu-m buineadh an gealladh dhoibh le cheille, air dhoibh an Tighearn a’ roghnachadh, agus admheil a dheanamh, air, mar an Dia.
Ma bheir sinn fainear aon ni eile maille ris na chaidh labhaint cheana air a phuinc so, chi sinn cia ro mhi-reusonta ‘s ta teagasg nam Baisteach. Nam bitheadh e fior, mar a tha iadsan ag radh, gu bheil na h-Abstoil’ a’ teagasg nach còir leanabana a bhaisteadh, — cia mar a thachair e, ‘nuair a labhair Peadar na briathra ud, nach d’ thug e rabhadh dhoibhsan a bha ‘g eisdeachd ris, chum ‘s nach tuiteadh iad ‘sa mhearachd so, a bhi smuaineachadh, gu-n robh an gealladh d’an cloinn maille riu fein 9 amhuil mar a bha an gealladh air a thoirt do chlioni Abraham maille ris fein? Nochd sinn gu-n robh e nadurra gu-n ghabhadh na Iudhaich r’a bhriathraibh anns an t-seadh so, a chionn gu-n robh iad cleachdta ri’n cloinn a bhi air an gabhail a steach ‘s a cho-cheangal maille riu fein; ach, am bheil an t-Abstol ag innseadh dhoibh nach robh e gu bhi mar sin ni’s faide, gu-n d’atharraich an Tighearn a chomhairle? Cha’n’eil air chor sam bith, oir bha e labhairt ceart mar a labhair Dia ri Abraham — a dearbhadh nach d’ thainig atharrachadh sam bith air comhairle an Dia neo-chaochlaidhich, oir bha an “gealladh dhoibhsan agus d’an cloinn”.