Le Iain Omhain, D.D., Eadar-Theangaichte, Le Alastair Macdhughail
Cor agus suidheachadh an anama a th’ air a thaisbeanadh anns an t-salm — An ceud dà rann air am fosgladh.
The cor an anama a th’ air a thaisbeanadh ann an so mar an stéidh air am bheil a’ chuid eile de’n t-salm air a thogail, maille r’a ghiùlan, no cleachdadh coitchionn a chreidimh anns a chor sin, air an cur an céill anns a’ cheud dà rann:—
“O na doimhneachdaibh ghlaodh mi riut, a Thighearna. A Thighearna, éisd ri m’ ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’ athchuingean.”
Tha cor an anama air ‘fhilleadh anns an dòigh-labhairt sin, “O na doimhneachdaibh.”
Bha cuid a’ saoilsinn gu’n robh an dòigh-labhairt so a’ sonruchadh doimhneachdan cridhe an t-salmadair; cha-n ann o’n teangadh a mhain, ach o dhoimhneachd a’ chridhe, — o ionadaibh lochdarach na h-inntinn.
Agus, gun amharus, tha am focal ceudna air a chleachdadh gu bhi ‘cur an céill doimhneachdan chridheachan dhaoinne, gidheadh gu h-iomlan ann an seadh eile: Salm xiv. 6, “Tha an cridhe domhain.”
Ach a thaobh seadh shoilleir an rainn a tha r’ar n-aghaidh, agud cleachdadh gnàthach an fhocail, cha cheadaich e an t-eadar-mhineachadh so. ‘N uair a tha am focal air a ghnàthachadh chum a bhi ‘cur an céill coir anama dhaoinne, tha e r’a thuigsinn gu samhlach. Is iad na doimhneachdan so, ma seadh, teanntachdan no cruaidh-chasan, anns am bheil eagal, agus uamhunn, agus cunnart, agus àmhghar. Agus tha iad so de dhà ghnè:—
-
Freasdalach, a thaobh àmhgharan an leth a muigh: Salm lxxix. 1, 2, “Teasaing mi, a Dhé, oir thàinig na h-uiseachan steach gu ruig m’ anam. Tha ma a’ dol fodha ann an làthaich dhomhain, gun àite gu seasamh: tha mi air teachd gu doimhneachdaibh nan uiseachan, agus tha’n sruth a’ dol tharum,” Is e ro mheud a theanntachd a tha’n salmadair a’ cur ‘an céill ar a’ mhodh so ‘na ghearain. Thugadh e gu suidheachadh cosmhuih ri duine ‘an ire ‘bhi air a bhàthadh, a bha sàs anns a’ chlèbar thigh, ‘an lochdar nan uiseachan domhain, far nach robh ionad seasaimh aig a chosaibh, no comas aige a thigeadh a nios; mar a tha e fein a’ cur an céill, rann 15.
-
Doimhneachdan anns an leth a stigh, 9 doimhneachdan na coguis do bhrìgh peacaidh: Salm lxxxviii. 6, “Chuir thu mi ‘s an t-slochd a’s ìsle ann an dorchadas, anns na doimhneachdaibh.” Agus anns na briathraibh a leanas tha an salmadair a’ cur an céill ciod a tha e’ ciallachadh leò so; rann 7, “Luidh d’ fhearg orm gu teann, agus le d’ thonnaibh uile chlaoidh thu mi.” B’e mothachadh he chorruch Dhé air a choguis do bhrìgh peacaidh, an doimhneachd anns an do thilgeadh e. Is amhuil sin, rann 15, ‘nuair a tha e labhairt air an ni ceudna a rìs, tha e’g ràdh, “Dh’ fhuiling mi d’ uamhasan;” agus rann 16, “Dh’ imich d’ fhearg gheur tharum;” de’m bheil e gairm uisge, agus tonnan, agus doimhneachdan, a réir an t-samhlaidh a dh’ fhosgladh roimhe.
Is iad so ma seadh na doimhneachdan a th’ ann an so gu sonruichte air an ciallachadh. “Tha e ’glaodhaich fo chudthrom a pheacaidhean,” mar a tha neach àraidh ag ràdh.
Agus tha an t-salm a tha r’ar n-aghaidh a’ deanamh so soilleir. ’N uair a tha e ’guidhe gu’m bitheadh e air a theasainginn as na doimhneachdaibh o’n robh e ’glaodhaich, tha e ’deanamh gnothuich ri Dia a mhain timchioll tròcair agus maithheanais; agus is e am peacadh a mhain o’m bheil maithheanas ’na shaorsa. Is e mar an ceudna tròcair, agus gràs, agus saorsa, an teagasg a tha e ’searmonachadh do mhuiintir eile ’nuair a fhuair e féin fuasgladh, mar a tha soilleir o dheireadh na sailm. Tha mòran luchd-mineachaidh a’ saoilsinn gu’m b’e so a nis cor Dhaibhidh. Le ro mheud a thrioblaid agus ’ámghhair, gu’n robh am peacadh gu ro mhòr air a chur ’na chuimhne; agus cha-n fheud sinn, uime sin, seadh sin an fhocail a chur gu h-iomlan a thaobh, ged a tha sùil shònruichte againn r’a chumail air sin a bha air mhodh àraidh air ’aire féin, ann a bhi ’cur aghaidh air Dis anns an t-salm so.
Is e so, ma seadh, ann an rathad coitchionn, cor an anama a th’ air a thoirt fainear anns an àite so. A thaobh sin a th’ air m’ aire o’n t-salm feudair a chrùinneachadh gu léir go’n dà cheann a leanas:—
- Gu feud anama gràsmhor, an déigh mòran comhchomuinn a bhi aca ri Dia, a bhi air an toirt gu doimhneachdaibh agus imcheistibh do-fhuasglaidh do bhrìgh peacaidh; oir tha so fior a thaobh an t-salmadair, agus is e so an cor a tha e anns an àite so a’ cur an céill d’a thaobh féin.
- Gur e am freumh anns an leth a stigh o’m bheil àmhgharan an leth a muigh a’ fàs a tha air mhodh àraidh r’a thoirt fainear anns gach uile dheuchainn àmhgharach; — am peacadh, ann an trioblaidibh.