Le Iain Omhain, D.D., Eadar-Theangaichte, Le Alastair Macdhughall
Anns a’ cheud àit, Ciod a tha air mhodh àraidh air a chiallachadh leis na doimhneachdaibh peacaidh, anns am feud anaman gràsmhor tuiteam, an déigh mòran comh-chomuinn a shealbhachadh ri Dia.
Anns an dara àit, Cionnus gu feud iad mar so tuiteam annsa, agus gu bheil sin gu tric a tochairt dhoibh.
A thaobh a’ cheud ni, tha cuid no an t-iomlan de na nithibh so a leanas mar aobhairibh nan doimhneachdan a tha ‘nan cuis-ghearain:
- Call a’ mhothachaidh de ghràdh Dhé, a b’ àbhaist do’n anam a bhi roimhe so a’ mealtuinn. Tha mothachadh dà-fhillte de ghràdh Dhé de’m feud creidich a bhi ‘nan luchd-comhpairt anns a’ bheatha so. Air tùs, oibreachadh neo-ghnàthach an Spioraid Naoimh air a’ chridhe le h-aoibhneas do-labhairt agus coimh-éigneachaidh, ann a bhi ‘mothachadh gràidh Dhé, agus ar dàimh ris ann an Criosd. Goirear de so, no de a thoradh neo-mheadhonach, “Aoibhneas air dol thar labhairt agus làn de ghloir,” 1 Phead. i., 8. Tha an Spiorad Naomh a’ dealrachadh anns a’ chridhe, a’ toirt dearbhaidh shoilleir do’n anam air a chòir ann an uile thròcairean an t-soisgeil, ionnus gu bheil e ‘leum le h-aoibhneas, agus ri buaidh-chaithream anns an Tighearn, air bhi dha ré seal air a ghiùlan os ceann gach uile mhothachaidh peacaidh, no buairidh, no àmhghair. Ach mar a tha Dia a’ toirt arain a thighe d’ a chloinn uile, is amhuil sin a tha e ‘gleidheadh nan tràthan sòghmhor agus nan toil-inntinnean àrda so fa chomhair nan àm anns am bi iad feumail, agus do’n mhuiintir sin a mhain aig am bi feum dhoibh.
A rìs; _tha mothachadh gnàthach de ghràdh Dhé ann, a tha ‘fantuinn air cridheachaibh a’ chuid a’s mò de’n dream mu’m bheil sinn a’ labhairt, aig an robh comh-chomunn ré ùine fhada ri Dia, agus a tha ‘coimh-sheasamh ann an dearbh-bheachd bhuadhach agus shoiseulach air gu bheil iad gabhta le Dia ann an Criosd: Rom. v., 1, “Air dhuinne ‘bhi air ar ffreanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia.” Tha sinn ag ràdh gur dearbh-bheachd buadhach e, an dà chuid do bhrìgh nan ionnsuidhean leis am bheil Sàtan agus am mi-chreidimh a’ cur ‘na aghaidh, agus an éifeachd a ta ann chum a bhi buadhachadh orra. Is e so am freumh o’m bheil gach uile shìth agus comhfhurtachd ghnàthach a’ fàs, de’m bheil creidich ‘nan luchd-comhpairt anns a’ bheatha so. Is e so a tha ‘gam beothachadh agus ‘gan cur thuige ‘nan dleasdanas, Salm cxvi. 12-13, agus is e so an salann a tha ‘deanamh an lobairtean agus an deanadas taitneach do Dhia agus tarbhach dhoibh féin. Tha so ‘gan cumail suas ‘nan deuchainnibh, a’ toirt sìthe, agus dòchais, agus comhfhurtachd dhoibh ann am beatha agus ann am bàs: Salm xxiii. 4, “Ged shiubhail mi troimh ghleann sgàile a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium.” Tha mothachadh de lâthaireachd Dhé ann a ghràdh na’s leòir a chur gach imcheist agus eagal air theicheadh anns a’ chor a’s miosa agus a’s eagalaiche a dh’ fheudas a bhi, agus cha-n e mhain sin, ach a thoirt flor comhfhurtachd agus aoibhneis do’n anam ‘nam measg uile. Is amhuil a tha am fàidh a’ cur an cèill, Hab. iii. 17-18, “Ged nach toir an crann-fige uath blàth, agus ged nach fàs air an fhlonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-oladh, agus ged nach toir na machraichean uatha lòn; ged ghearrar an treud as o’n mhainnir, agus ged nach bi buar air blith anns na buailtibh; gidheadh ni mise gairdeachas anns an Tighearn, ni mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.” Agus is e so am mothachadh gràidh a dh’ fheudas na creidich a’s barraichte a chall tre’n pheacadh. Is e so, ma seadh, aon cheum a dh’ ionnsuidh nan doimhneachdan. Cha bhi iad ‘an comas a’ shamhuil sin de mhothachadh soisgeulach a ghleidheadh dheth as a bheireadh suaimhneas no sìth dhoibh; no a bheireadh toil-inntinn dhoibh ann an dleasdanas, no cumail suas ann an àmhghar.