Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1977 » November 1977 » Eadar-Mhineachadh air Salm CXXX

Eadar-Mhineachadh air Salm CXXX

2. Tha earrann eile de na doimhneachdaibh anns am bheil anaman air an cur do bhrigh peacaidh, a’ coimhtheasamh ann an smuaintibh imcheisteach timchioll ro mheud am mi-choimhneis thruagh a thaobh Dhè.

Is amhuil a tha Daibhidh a’ gearain: Salm lxxvii. 3. “Chuimhnich mi air Dia,” tha e ‘g ràdh, “agus bha mi fo bhuaireas.” Cionnus a thàinig e gu bhi ‘na chuis-buaireis dha gu’n do chuimhnich e air Dia? Ann an áitibh eile tha e’g aideachadh gu’m b’e so a bha ña fhuasgladh agus ña chumail suas dha. Cionnus a nis gu bheil e ‘meudachadh ‘amghair? Cha robh na h-uile cuis gu maith eadar Dia agus e féin; oir roimh so ‘nuair a bha e ‘cuimhneachadh air Dia, bha a smuaintean air mhodh áraidh air an cleachdadh timchioll a ghràidh agus a choimhneis; ach a nis is ann a tha iad air an lionadh le a pheachadh agus a mhi-choimhneas féin. Tha so a’ dùsgadh a bhrèin. Ann an so, ma seadh, tha earrann de’n imcheist a th’ann an long a’ pheacaidh. Deir an t-anam ann féin, “A cheutair amaideich, an ann mar so a dh’icas tu do’n Tighearn? An e so an didladh a rinn thu ris air son a ghràidh, agus a choimhneis, agus a chomfhurtachd, agus a thròcairean uile? An e so do choimhneas do d’charaid? An e so an uaill a bha thu ‘deanamh ann, gu’n robh thu air a’ shamhuil sin de mhaithreas agus de birdheirceas ‘fhaotainn ann, as ged a dheanadh gach uile dhuine a threigsinn, nach treigeadh tusa a chaoidh e? Am bheil do gheallaidhean uile a thug thu do Dhia ann an aimsir d’ amghair, ‘nuair a bha thu fo fhiachaibh ro chomharaichte dha, agur a bha làmh chumhachdach a Spioraid mhaith air d’anam, a nis air tighinn gu so, gu’n deanadh tu air dhòigh cho amaideach a dh’i-chuimhneachadh? Mo thruaighte! tha e nis air tionnd adh a thaobh uait; agus ciod a ni thu? Nach ‘eil eadhon nàire ort iarraidh air pilleadh?” B’ iad an samhuil so de smuaintibh a rinn cridhe Pheadair a bhioradh gu goirt ‘nuair a thuit e. Tha an t-anam ‘gam faotainn an-iodhdmhor mar am bàs, agus làidir mar an uaigh. Tha e ‘ceangailte ‘nan cuibhrichibh, ionnus nach urrainn e comhfhurtachd a ghaibhail. Agus ann an so tha earrann nach ‘eil beag de na doimhneachdaibh mu’m bheil sinn a’ labhairt: oir tha am mi-chaoinmhneas so a thaobh Dhé a’ geurachadh uile chleachdaidhean àmhgharach sin a’ bhròin agus na nàire, leis am feudar anam duine a chur fo bhuaireas.

3. Bhuinidh mar an ceudna mothachadh as ùr de chorruch air a thoilltinn do na doimhneachdaibh so.

Tha so mar fhosgladh sheann chreuchdan. ‘Nuair a tha daoine air dhol troimh mhothachadh feirge, agus air saorsa agus suaimhneas ‘fhaotainn tre fhuil Chriosd, gu’m bitheadh na seann smuaintean eagalach a’ faotainn aiseirigh a ris, a’ dheanamh gnòthuich ri ifrinn, ris a’ mhallachadh, ris an lagh, agus ri feirg Dhé, tha so da rireadh ‘na dhoimhneachd. Agus tha so gu tric a’ tachairt a dh’ anamaibh gràsmhor do bhrìgh peacaidh: Salm lxxxviii. 7, “Luidh d’ fhearg orm gu teann,” deir an Salmadair. Rinn e a theannachadh agus a chlaoidheadh gu goirt. Feudaidh féin-diteadh a bhi ann a thaobh a bhi ‘toilltinn feirge, eadhon far am bheil dearbh-bheachd chomhfhurtail air còir ann an Criosd. Agus ann an so tha’n t-anam a’ faotainn mòr mhìllseachd, mar ni a tha cuideachail ann a bhi ‘g àrdachadh saor ghràis. Ach anns a’ chùis a tha r’ar n-aghaidh, tha an t-anam air ‘fhàgail fo mhothachadh feirge as eugmhais na saorsa sin. Tha e ‘ga thilgeadh féin fo mhallachadh an lagha agus do theine ifrinn, gun shealladh sólasach sam bith a dh’ fhuil Chriosd. Tha an t-anam a’ còmhradh ris a’ bhàs, agus ri nithibh a tha cosmhuil ri bhi treòrachadh thuige. Tha an Tighearn, mar an ceudna, chum a bhi ‘meudachadh nan imcheist, a’ cur spionnaidh nuaidh anns an lagh,— a’ toirt ùghdarrais as ùr dha, mar gu’m b’ann, an t-anam ud a chur ‘n làimh; agus gu brath anns an t-saoghal so cha bhi an lagh air dheireadh a’ dol ‘an ceann a dhleasdanais.

4. Tha eagalan deuchainneach roimh bhreitheanasai bh aimsireil a’ comh-chuideachadh nan doimhneachdan ceudna;

oir bheir Dia breth air a shluagh. Agus tha breitheanas gu tric a’ toiseachadh aig tigh Dhé. “Ged nach deanadh Dia,” deir an t-anam so, “mo thilgeadh uaith a chaoidh, — ged a mhaitheadh e m’ euceptaibh; gidheadh feudaidh e a’ shamhuil sin de dhioghaltas a dheanamh air mo ghniomh-araibh as a bhitheas ‘na dhomblas dhomh ré mo làithean uile.” Chriothnuich m’ fheòil le h-uamhunn romhad,” deir Daibhidh, Salm cxxix. 120, “agus bha eagal orm roimh do bhreitheanasaiabh.” Cha-n’eil fios aige ciod a dh’ fheudas an Dia mòr a dheanamh air; agus air do gheur-mhotheachadh peacaidh a bhi ‘na anam, a tha aig freumh a’ chor so gu h-iomlan, tha gach uile bhreitheanas Dhé làn uamh uinn dha. Air uairibh saoilidh e gu bheil Dia a’ rùnachadh uile shalachar a chridhe a chur am follais, ionnus gu’m bi e ‘na mhasladh agus na chùis-mhagaidh anns an t-saoghal. “O,” deir e, “na dean ball-maslaidh an amadain dhìom,” Salm xxxix. 8. Air uairibh bithidh eagal air gu feud Dia a bhualadh sios gu h-obann le breitheanas comharaichte éigin, agus gu’n dean e a ghearradh a mach as an t-saoghal ann an dorchadas agus ann am bròn: is amhuil a tha Daibhidh ag ràdh, “Na buin air falbh mi ann ad fheirg.” Air uairibh bithidh eagal air gu’n tig e do chrannchur Ionah, agus gu’n tog e ànradh stoirm ha theaghlach, no anns an eaglais d’ am buin e, no anns an rioghachd anns am bheil e: “Na bith eadh nàire orra-san air mo sgàth-sa.” Tha na nithe so a’ taiseachadh a chridhe, mar a tha Iob a’ labhairt, ionnus gu bheil e air leughadh ‘na chòm. ‘N uair a tha àmhghar no breitheanas follaiseach sam bith o làimh Dhé ann an comh-chuideachd geur-mhothachaidh peacaidh anns a’ choguis, tha e ‘claoidheadh an anama, co ac is ni e a mhain roimh am bheil eagal air, no ni a tha da rireadh air a leagadh; mar ann an cùis bhràithrean Ioseiph anns an Eiphit. Tha an t-anam àn sin air a luasgadh o dhoimhne gu doimhne. Tha mothachadh d’ a pheachdh ga chur a bheachdachadh àmhghair, agus tha ‘àmhghar’ gu thilgeadh air ais air a mhothachadh peacaidh. Tha doimhne a’ gairm air dhoimhne, ionnus gu bheil uile thonnan Dhé a’ dol thar a cheann. Agus tha gach aon diubh a’ maothachadh an anama, agus a’ geurachadh a mhothachaidh do’n aon eile. Tha ‘àmhghar’ ga thaiseachadh, air chor as gu bheil mothachadh peacaidh a’ gearradh ni’s ro dhoimhne, agus a’ fàgail nan lotan ni’s ro mhò; agus tha mothachadh peacaidh a’ lagachadh an anama, ionnus gu bheil ‘àmhghar’ ni’s dorra a ghiùlan, agus uallach air a mheudachadh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice