5. Feudar a chur ro so na h-eagalan a dh’ fheudas a bhi ‘buadhachadh air anamaibh ré seal, gu bheil iad gu buileach air an treigsinn le Dia, agus gu faighear iad ‘nan daoine a chuireach air cùl aig an là dheireannach.
Bha Ionah coltach ri bhi anns a’ chor so, caib. II. 4, “An sin thubhaint mi, Tha mi air mo thilgeadh a mach á fradharc do shùl;” — “tha mi caillte gu siorruidh, agus cha-n aidich Dia tuilleach mi.” Agus a ris Heman, Salm lxxxviii, 4-5, “Mheasadh mi mar iadsan a théid sios do’n t-slochd.” Feudaidh na h-eagalan so buadhachadh anns an anam, gus am bheil piantan ifrinn air a ghlacadh; air chor as nach d’ fhàghadh comhfhurtachd, no sìth, no fols aige, gus am bheil e air teachd gu bhi na uamhas dha féin, agus ullamh air tachdadh a ròghnachadh air thoiseach air beatha. Feudaidh anam gràsmhor tuiteam anns a’ chor so do bhrìgh peacaidh. Ach gidheadh, do bhrìgh gu bheil so a’ cogadh gu neomheadhonach an aghaidh beatha a’ chreidimh, cha cheadaich Dia do neach sam bith d’a chuid féin luidh fada ann, mur dean e sin ann an cùisibh neo-ghnàthach. Agus, —
6. Gu bheil Dia air uairibh a’ sàthadh a shaighdean gu h-uaigheach anns an anam, a’ cur trioblaid, agus anshocair r’a dhoilgheas; Salm xxxviii. 2, “Oir shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm.”
Air na h-uile ceum, mar gu’m b’ ann, bha Dia a’ cur saighde sgaiteich, gheur sàs ‘na anam, a bha ‘ga chràdh, agus ‘ga lotadh. Is iad na saighdean so achmhasan Dhé: Salm xxxix, 11, “Le achmhasanaibh air son euceirt ‘nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caithadh mar leomann.” The Dia ‘na fhocal agus le a Spiorad anns a’ choguis, a’ labhaint nithe searbha, geur ris an anam, ‘gan cur an sás ionnus nach fhaigh e an crathadh air falbh. Is iad so cuisghearain Iob vi. 4. ‘Nuair a labhras an Tighearn, tha a bhriathran cho éifeachdach as gu’n teid iad tre’n chridhe; agus tha Daibhidh ag innseadh dhuinn ciod an toradh a bhitheas aig sin, Salm xxxviii. 3, “Cha-n ‘eil fallaineachd a’ m’ fheòil air son d’ fheirge: cha-n ‘eil sìth a’ m’ chnàmhan air son mo pheacaidh.” Tha am pearsa gu léir air a chlaoidheadh, agus gach slàinte agus suaimhneas air am buntuinn air falbh. Agus a ris, —
7. Tha marbhantachd agus neo-chomas ann an dleasdanas, aon chuid a thaobh deanadais no fulangais, ann an comh-chuideachd ‘an t-suidheachaidh so: Salm xl. 12, “Ghlac m’ euheartan mi, agus cha-n ‘eil e’n comas dhomh sealltuinn suas.”
Bha a neart spioradail air a lagachadh tre’n pheacadh, air chor as nach robh e’n comas dha tomhas sam bith de chomh-chomunn a mhealtuinn ri Dia. Cha-n urrainn an t-anam a nis ùrnuigh a dheanamh le beatha no cumhachd; tha éisdeachd gun tairbhe; cha-n urrainn e maith a dheanamh no comh-roinn a thoirt uath gu suilbhire; cha-n ‘eil cleachdadh na h-inntinne-nèamhaidh ‘na bheachd-smuaineachadh; ach tha e tinn, anmhunn, diblidh, agus air a chromadh slos.
A nis, tha sinn ag ràdh, gu feud anam gràsmhor, an déigh mòran comh-chomuinn ri Dia a shealbhachadh, a bhi air a thoirt gu suidheachadh, do bhrìgh peacaidh, agus le mothachadh d’a chiont, anns am bi cuid no an t-iomlan de na nithibh so, maille r’an samhuil eile, mar chrannchur aige; agus tha iad so a’ deanamh suas nan doimhneachdan mu’m bheil an salmadair ann an so a’ gearain. Bheir sinn fainear ‘na dhéigh so, ciod iad na peacaidhean àraidh a tha mar is tric a’ cur anama nan creideach anns na doimhneachdaibh so.
Anns an dara àit, Nochdaidh sinn a nis cionnus gu feud creidich tuiteam ‘na shamhuil so de chor, agus mar an ceudna cionnus gu bheil sin gu tric a’ tachairt dhoibh.