Airson beagan mhionaidean seallaidd sinn ris a chuibrionn luachmhor seo de fhocal Dhé — tha gu leòr anns a’ chaibideil seo — nam biodh sinn air ar cuideachadh leis an Spiorad Naomh airson a thuigsinn.
Mar a thubhaint Philip ris a’ chailteanach bho Etiopia “Am bheil thu tuigseann an ni tha thu leughadh” — bha an cailteanach bochd a’tuigseann cho falamh ‘s a bha e ann fhéin, cho euomasach air focal Dhé a thuigsinn as eugmhais an Spiorad.
Tha h-uile ni tha sinn a’deanamh, leughadh, teagaig, ùrnuigh uile gu leir gun fheum sam bith mur ‘eil e air a chompanachadh leis an Spiorad Naomh. Ged bhiodh gibhtean is tálantan againn nach ‘eil againn cha toir iad gu bràth dhuinn dealbh cheart air focal Dhé as éugmhais an Spiorad — ‘se an Spiorad Naomh bheir dhuinn dearbh shoilleireachd mu pheachadh, mu fhireantachd agus mu bhreitheanas.
Tha an cosmhalachd sea mu’n t-Samaritanach mhath a’toirt dhuinn dealbh bhreagha air ùghdar an t-soisgeil. Ghabh an sagart seachad, ghabh an Lebhiteach seachad ach bha truas anns an t-Samaritanach, dhòirt e ola agus fion anns na lotan aig a’ pheachach bhochd agus thug e do’n tigh osda e. O! mo chàirdean gu de mar bu chòr dhuinn a bhi moladh Dhé airson fhocal. Gu de am beannachd a th’ann, mar a thubhaint e fhéin, “Feuch tha na’s moth a na Solamh seo, tha na’s moth a na Samaritanach an sea. Gu de cha breagha agus a tha an cosmhalachd a’ nochdadh a mach coibhneas agus tròcair an t-Slànugheir bheannaichte.
Fuirich thusa gus an tig latha a bhreitheanais ‘sann an uair sin a chi thu gu soilleir grádh neo chriochnaichte an t-Slànughear bheannaichte.
Feuch nach bi thu ceangal streanganan ri grádh Dhé. “Cha do ghrádhaich sinne Esan ach ghrádhaich Esan sinne”. Cha robh ni a ghabhadh deanamh nach do rinneadh ann an seo airson a’pheacaich bhochd. Chaidh a h-uile ni a thoirt seachad a bhiadh feumail dha gus an tilleadh Esan a rithist.
Bha Marta agus Moire agus Lazarus grádhach leis an Tighearna. Bhiadh e tric a’ tadhla orra, bha e faotainn coibhneas aca agus saorsa spioraid. Bha iad uile gu leir na teaghlach breagha. Bha Marta aig an am seo air a cur mu’n cuairt le obair an tighe, bha i smaoineachadh nach robh a piuthar a ‘deanamh a dleasdanais nach robh i dha cuideachadh, ach bha tart air Moire aig an am seo. Bha i ag iarraidh criomag airson a h-anama — mar a bha an salmadair “Tha miann is ciocras mòr air m’fhèol” etc. — Salm 84. Bha i, tha sinn ag creidsinn, ‘n a suidhe aig casan an t-Slànugheir ag òl a steach nam briathran gràsmhor bha tuiteam o bhilean — briathran na beatha.
‘Nuair a dh’iarr Marta air Iosa iarraidh air a piuthar a cuideachadh ‘sann a thug e achmhasan dhith agus thubhairt e “Tha aon ni feumail”. O! mo chàirdean gu de cho sòlumaichte agus a tha an fhirinn seo, bu chor dhuinn criothnachadh roimhe le eagal, bu chor dhuinn sinn fhein a cheasnachadh, feuch mus eil sinn air ar toirt suas ro mhòr leis an t-saoghal. Bhuiheadh dhuinn nàire bhi oirnn airson an uine agus an neart a tha sinn ag caithadh air na nithean a tha ullamh gu bàsachadh. Tha aon ni feumail agus rinn Moire roghainn de’n ni sin nach bi gu bràth air a thoirt bhuaip. Cò as urrainn a ni seo a thuigsinn — O gu’n deanadh Dia glic sinn airson na siorruidheachd. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil sinn cho glic.
Tha sinn uile a thaobh nàduir anns an aon stait peacaidh agus truaighe. Gun teagamh bha cuid de dhaoinn ann nach robh cho ciontach ri cuid eile anns a pheacadh — mar a bha am mac s’tròidheil agus a bhràthair — chaidh am Mac Stròidheil gu Tir an fadachd as agus an sin sheall e gu de seòrsa nadur a bha aige. Cha b’fhada gus an robh e coltach ris na h-Israelich ‘nuair a mhiannaich iad na poitean feòla, bha an fheòil a’ tighinn am mach air na cuinnleanan aca. Mar sin dh’fhàs sòlasan an t-saoghal seo gràineil leis-san. Ach ‘se bha seo ach obair Dhé, cha tuit an gealbhan as eugmhais a fheasdaill. Mu dheireadh cha robh ni aige a dh’itheadh e agus cha d’thug aon neach ni sam bith dha. Mu dheireadh ‘nuair a bha e air a shailleadh na phicle fhein thadhal Dia air agus chuimhnich e air tigh athar. Êiridh mi agus theid mi dh’ionnsaigh m’athar. Chunnaic athair e ‘nuair a bha e fhathast fada air falbh.
O mo chàirdean nach bu chòr seo toirt ormsa, an truaghan bochd tha mi ann, agus thu fhéin, an truaghan bochd tha thu ann, tionndadh gu Dia — ris an Dia ris am feum sinn coinneachadh glé aithgheart. Faodaidh sinn tilleadh ri Dia do bhrigh na geallaidhean, do bhrigh fìteantachd Chriosd “Thigeabh am ionnsuidh, sibhse uile tha ri saothair agus fo throm uallach” etc., agus tha e gealltainn nach tilg e air chor sam bith am mach.
Rinn Moire roghainn do’n aon ni feumail. Chaneil ni sam bith as an t-saoghal as fhiach ni sam bith. Na faigheadh sinn beagan a chnuasnach a mach as a chuarrie (quarrrie) ðir a tha seo. Nach uamhasach mus ann anns an t-siorruidheachd a chi sinn a h-uile ni a thug Dia dhuinn. O gu’n toireadh an Ti beannaichte dhomh fhein sealladh beag air na fhuair mi anns an t-saoghal seo agus nach do rinn mi moran feum dheth. ‘S dòcha gu’n robh anam bochd eile air barrachd feum a dheanamh de na sochairean a fhuair mise nan robh e air fhaotainn.
Fhuair mi slàinte bothaig agus inntinn, fhuair mi fradharc agus claisneachd. Chunnaic mi an saoghal a chruthaich Dia le uile ghldir. Tha sinn an seo an tigh Dhe agus tha sith againn airson focal a leughadh agus ùirnuigh a dheanamh. Feumaidh mi fein aideachadh nach d’fhuair mi ri amh uiread de shaorsa ag ùirnuigh anns an fholuis agus a fhuair mi ag ùirnuigh anns an uaigneas.
Fhuair sinn gu cinnteach iomadh sochair, ach tha iomadh laigse oirnn. Tha sinn nàrach, socharach ach na biodh nàire oirnn airson Chriosd agus aobhar. O mo chairdean toimhseadh sinn sinn fhein ann an toimhsean focal Dhe agus iarramaid air Dia danachd na cloinne. O gu ta! seall an latha anns am bheil sinn beo an diugh!
Tha na Papanaich cho maith — Moderator Eaglais na h-Alba a’ cadal comhla ri Papanaich. O chairdean diadhachd 1968! Ach biodh truas agadsa ‘na do chridhe ri do cho-pheacaibh agus bi coltach ri Moire a rinn roghainn de’n chuid mhath. Seo an ni a chord rium fhein gu h-araidh anns a chuibrionn seo — nach bi gu brath air a thoirt uaipé.
Tha mi an dochas air leabaidh ar bais gu faigh sinn a’ chuid mhaith seo. Tha mi’n dochas gu’m bi sinn sona air leabaidh ar bais ag gabhail beannachd gu brath leis an t-saoghal seo agus le pheacaidean. Bithidh sinn a’ cluinninn mu thiomchioll Cape Horn gu bheil na tuinn ag eirigh suas ann fichead troigh. Gu de an rudha uamhasach a th’ann. Ach tha againne ri dhol seachad air rudha bhais agus gu de cho uamhasach agus a dh’fhaotas sin a bhith.
Tha Iain Bunyan ag ràdh gu’n deachaidh cuid seachad air an rudha seo le side bhreagha chiuin ach gu’n deachaidh feadhainn eile seachad air ann an stoirmean agus droch shide a’ gheamraidh agus ann an dorchadas.
Ach —
Tha Dia na chomhnaidh air an tuil
‘S na shuidhe feasd ‘na Righ
Bheir Dia d’a phobull neart; is bheir
Dhoibh beannachadh le sith.
Salm 29, 10.