Ann an so, ma seadh, tha farsuinneachd a’ choimhcheangail nuaidh a’ luidh; ann an so tha cleachdadh na soar-thoile ath-nuadhaichte. Tha dà ni ris nach ‘eil e ‘gabhail gnothuich. Air an dara làimh, a bhi gu h-iomlan saor o pheacadh, cha d’rinneadh ulluchadh air son so. Is coimhcheangal maithneanais e, agus tha r’a thuigsinn uaith sin gu bheil am peacadh a’ fantuinn. Agus, air an làimh eile, a bhi tuiteam air falbh gu buileach o Dhia, tha ulluchadh iomlan deanta an aghaidh so. Eadar dà iomall so na h-iomlanachd agus a bhi ‘tuiteam air falbh gu buileach, tha slighe a’ chreidich a’ luidh ‘na imeachd maille ri Dia. Agus anns an t-slighe so tha iomadh àilean milis, nèamhaidh, agus iomadh slochd cunnartach. Bithith cuid ag imeachd dlùth ris an dara iomall, cuid ris an iomall eile; seadh, feudaidh an neach ceudna ‘bhi air uairibh gu teann a’ dlùthachadh air iomlanachd, agus air uairibh a bhi air ‘fhaotainn air dearbh bhruchaibh an léir-sgrios. A nis, eadar an dà iomall so tha iomadh peacadh mòr a’ luidh a chuireas anama anns na doimhneachdaibh, agus an aghaidh nach d’ rinneadh ulluchadh iomlan, ionnus nach tuiteadh anam gu bràth annta, agus anns am bheil creidich gu tric air an ribeadh agus air an glacadh, ‘nuair nach ‘eil iad a’ cleachdadh an uile dhlichill ‘an ceann nam meadhona a chomharaicheadh chum a bhi ‘gan gleidheadh.
Cha d’ rinneadh ulluchadh ann an coimhcheangal nan gràs air son comhfhurtachd sheasmhaich do neach sam bith fo chionta peacaidhean a tha gu ro mhòr air an an-tromachadh, anns am feud iad tuiteam le bhi ‘dearmad cleachdadh sin nan uile ghràs a dh’ ainmicheadh roimh. Tha peacaidhean ann mar so a bheir air falbh comhfhurtachd ghnàthach an anama, aon chuid do bhrìgh gu bheil iad ‘nan nàdur féin a’ fàsachadh na coguis, no a’ briseadh a mach ann an rathad maslaidh ‘nan toraidhibh, air chor as gu’n labhrar gu h-olc mu ainm Dhé, air neo do bhrìgh a’ mhi-choimhneis s tha air a thaisbeanadh annta do Dhia. Uime sin tha Dia a’ gleidheadh dha féin, mar ghniomh àrd-uachdaranach a shaor ghràis, a bhi ‘labhairt sìthe agus comhfhurtachd a dh’ anamaibh nan naomh, anns na doimhneachdaibh anns am feud iad a bhi tre’n pheacadh. Agus, gu cinnteach, mur bitheadh an Tighearn mar so air saorsa comharaichte gràs ‘ulluchadh mu choinneamh aobhairean-brosnachaidh mòra, is maith a dh’ fheudtadh eagal a ghabhail gu’n deanadh mi-chùram nan creideach iomadh toradh searbh a ghiùlain.
Ach feudar so a thoirt fainear anns an dol seachad, gu bheil na nithe so air an labhairt a thaobh mothachaidh pheacach ‘nan anamaibh féin, cha-n ann a thaobh naduir an ni féin. Tha comhfhurtachd air a h-ulluchadh anns an t-soisgeul an aghaidh a’ pheacaidh a’s mò cho maith ris a’ pheacadh a’s lugha. Tha an t-eadar-dhealachadh ag éirigh o chomhpàirteachadh àrd-uachdaranach Dhé, a réir ðordugh frithealaidh a’ choimhcheangail, mar a dh’ ainmicheadh roimhe.
Take away union and there can be no communion.
John Flavel