Ann an Eaglais Stéidhte Athleasaichte na h-Alba
Bha gaisgich bha cliùiteach is treun
‘Nan dilseachd air taobh fianuis na firinn
An dìleab a dhearb Criosd d’a chéil,
Gu bhi ‘g a ghleidheadh is ‘g a léirigeadh
Do a clann, is do gach linn ‘nan déigh.
Mo thruaigh ar staid, nach sinn a thuit ıosal,
A’ ghloir ann an tomhas gu ro-mhór air falbh!
A dhiol-déircean Ard-Sheanaidh Dhun-eideann,
Nach robh riamh air ur foghlum o shuas,
Nach sguir sibh a dh’fhiaradh na firinn
‘S a phògadh Ban-strlopach na Ròimh;
Nach sguir sibh a chur sluagh ar tìr air seacharan is a dhìth
‘S gur e dòrainn ur cuibhronn, is ur n-àite a laimh chlìth
‘Nuair a shuidheas Ceann na h-Eaglais mar Bhreitheamh ‘s mar Righ.
O, ar feum mar ghinealach gu’n togadh tu teachdairean
Air nach biodh athadh no nàire dhe bhi séideadh na caismeachd
An aghaidh gach mearachd, is mealladh, is breug,
A chuireadh luach agus d’lon air a’ Phriomhsabal Stéidhte
‘S air teagasgan fallain Leabhar Aidhmheil a’ Chreideimh gu léir,
A roinneadh na firinn a réir inntinn an Spioraid
‘S a bheathaicheadh uain agus caoraich do threud.
Gu luathaicheadh Tu na laithean gloirmhoir a gheall Thu
Tre dhòrtadh saoibhir an Spioraid o shuas
‘Nuair bhitheas òigridh ‘nam mìltean air feadh farsuingeachd an
t-saoghail
A’ snamh mar chèò is mar cholmain gu Crìosd.