Agus is e so na ni sinn a thairgseadh chum a dhearbhadh gu feud anama nan creideach tuiteam ann an doimh-neachdaibh do-fhuasglaidh do bhrigh peacaidh, agus sin an déigh mòran comh-chomuinn ghràsmhoir a bhi aca ri Dia; bheir sinn fainear ‘na dhéigh so cionnus gu bheil so da rireadh agus gu tric a’ tachairt dhoibh.
Tha na h-aobhairean o’m bheil so a’ sruthadh ro aithnichte, uime sin cha dean sinn ach a mhain beantuinn riu:—
Anns a’ cheud àit, Ma bheir sinn fainear gu h-aithghearr nàdur a’ pheacaidh a tha fathast a chòmhnuidh eadhon anns na creidich a’s barraichte anns a’ bheatha so, bithidh e soilleir dhuinn cionnus gu bheil iad air uairibh air an ribeadh agus air an tilgeadh anns na doimhneachdaibh a dh’ ainmicheadh; oir,—
-
Ged a tha neart gach uile pheacaidh air a lagachadh le gràs, gidheadh cha-n’eil freumh aoin pheacaidh sam bith air a thabhairt gu h-iomlan air falbh anns a’ bheatha so. Buinidh an riaghladh do ghràs; agus an uair a tha e air fàs làidir, bheir e am peacadh gu mòr fo chìs, ach cha ghabh e cur a mach gu h-iomlan. Cha’n urrainn corp a’ bhàis a bhi air a sgrios sgrios gu h-iomlan ach ann agus trid bàs a’ chuirp.
-
Tha cuid a dh’ ana-mianna a’ faotainn a’ shamhuil sin de chothrom ann an cuid de dhaoinne, aon chuid o an gnè, no o sheann chleachdaidhean, as gu bheil iad cosmhuil ris na Canaanaich aig an robh na carbadan iaruinn; is e gnothuch gle chruaidh a bhitheas ann an ceannsachadh. Is maith an ni ma tha cogadh a ghnàth air chois ‘nan aghaidh, oir bithidh iad ach ro bheag gun sguir ris a’ cheannairc.
-
Ged a tha am peacadh a tha ‘chomhnuidh annainn air a lagachadh tha a bhuadhan uile aige fathast. Agus tha iad sin de nàdur nach iongantach idir ged a tha cuid de chreidich air an cur anns na doimhneachdaibh leò; ach is iongantas da rireadh e gu bheil iad a’ tèarnadh asda.
Ann an dara àit: Feudar a chur ri so cumhachd agus éifeachd buairidh; ach air dhuinn sin ‘fhosgladh suas ann an àit eile, cha bhean sinn ris ann an so.
Ann an treas ait: Feumar a thoirt fainear mar an ceudna toil àrd-uachdaranach Dhé ann am bnntuinn ri naoimh a tha air tuiteam anns a’ pheacadh. Cha-n’eil an gràdh agus an gliocas diadhaidh ag oibreachadh coimhionann a thaobh nan uile. Is i toil Dhé sìth ‘fhàgail aig cuid a dh’ aindeoin iomadh brosnachaidh mhòr. Ni gràdh an irioslachadh, agus ni achmhasan a’ chaoimhneis am pilleadh o an seacharan. Is i a thoil cuid eile a chur anns na doimhneachdaibh mu’n robh sinn a’ labhairt. Ach gidheadh feudar a ràdh gu coitchionn gu bheil brosnachadh mòr a’ coinneachadh ri aon de’n dà ni so o Dhia:— Ann an a’ cheud àit, Tha iadsan anns am bheil iad r’am faotainn air am fàgail fo neo-tharbhachd comharaichte air chor-éigin ‘nan ginealach; fàsaidh iad tioram, saoghalta, ionnus gu’n caill iad gu mòr an t-àite sin a bh’ aca ann an cridheachaibh pobuill Dhé. Air neo, anns an dara àit. Tilgear iad anns na doimhneachdaibh so, o’m bheil slighe an saorsa air a fosgladh suas anns an t-salm a tha r’ar n aghaidh.
Agus is e so cor an anama sin air am bheil iomradh anns an t-Salm. Is iad so na doimhneachdan anns an bheil e air a ribeadh. Is e tha nis r’a thoirt fainear, cionnus a tha e ‘ga ghiùlan féin anns a chor so. Ach mu’n tig sinn a dh’ ionnsuidh sin, tha ni no dhà againn ri ‘chur ris na labhradh a cheana. Agus is iad sin, — 1. Ciod iad an ghè peacaidhean a tha mar is tric a’tilgeadh anama nan creideach anns na doimhneachdaibh so; agus an sin, 2, Cuid de nithibh a thoirt fainear a tha ‘gan an-tromachadh.
Anns a’ cheud àit, Tha peacaidhean a tha ‘nan nàdur féin a’fàsachadh na coguis de’n nàdur so; peacaidhean a tha ‘g éirigh an aghaidh na h-uile ni annainn a bhuineas do Dhia. Is ann diubh so a tha na peacaidhean a rinn Daibhaidh a chur anns na doimhneachdaibh; is ann diubh so a tha na peacaidhean a th’ air an cur sions ann an 1 Cor. vi. 9, 10. “Na meallar sibh,” deir an t-abstol, “cha sealbhaich luchd-strìopachais, no luchd ìodhol-aoraidh, no luchd-adhaltrannais, no luchd-macnais, no na daoine a tha cointach de neòghloine mhi-nàdurra, na gaduichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd-anacainnt, no luchd-foireigne, ròghachd Dhé.” Is ni cinnteach gu feud creidich tuiteam ann an cuid eadhon de na peacaidhibh so. Cha-n ‘eil an t-abstol ag ràdh nach sealbhaich iadsan a bha ciontach de aon air b’ith dhiubh so rìoghachd Dhé, ach a bhain an samhuil sin de peacaich; is e sin, a tha beò annta. Cha d’ulluicheadh tròcair air son an samhuil sin de pheacaich. Tha na peacaidhean so a’ bearradh seachd duail an neirt spioradail; agus is dìomhain dhoibh a ràdh, “Theid sinn a mach, a dheanamh mar air uairibh eile.” Cha bhrisear cnàmhan gun chràdh; agus cha toirear peacaidhean mòra air a’ choguis gun bhuaireas. Tha cuid ag ràdh gu’n dean iad eadhon fìor chreidich a dhùnadh a mach o gach uile chòir ann an gràdh Dhé, ach gun bharantas; tha na h-uile ag aideachadh gu’n dean iad am fàgail gun fh’ior dhearbh-bheachd chomhfhurtail d’ a ghradh. Rinn iad sin a thaobh Dhaibhidh agus Pheadair. Agus ann an so tha earrann nach ‘eil beag de na doimhneachdaibh mu’m bheil sinn a’ labhairt.