-
Tha a’ chrioch cheudna aig peacaidhean a ghniomhaicheadh an déigh rabhaidhean àraidh ‘fhaotainn. Am measg nan iomadh rabhadh àraidh sin a tha Dia a’ gnàthachadh a thaobh a phobuill ‘nam peacachadh, cha dean sinn ach aon fhear a chomharachadh:—’Nuair a tha anam a’ gleachdadh ri ana-miann no ri buaireach éigin, tha Dia ‘na fhreasdal, ann an searmonachadh an t-soisgeil no ann am frithealadh aoin air bith d’a òrduighibh, a’ toirt focal àraidh am fagus da, a tha air mhodh àraidh freagarrach r’a chor, agus sin aon chuid ann an rathad achmhasain no lmpidh, air chor as gu bheil e ‘deanamh gréim air ionadaibh uaigneach a’ chridhe. Cha-n urrainn an t-anam gun an aire a thoirt gu bheil Dia am fagus da, agus a’ gairm air gu bhi ‘g amharc ris-san air son cuideachaidh. Agus cha tric a tha e toirt an samhul so de rabhaidhibh d’a naoimh nach ‘eil e am fagus dhoibh ann an rathad àraidh chum saorsa agus cuideachaidh a thoirt dhoibh, ma’s e’s gu’m freagair iad agus gu’n cur iad aghaidh air; ach ma bhitheas a chùram agus a chaoimhneas ann an so air an dearmad, bithid an t-achmhasan leis an labhair e ‘na dhéigh sin gu tric ni’s ro ghéire.
-
Far am bheil peacaidhean a tha ‘toirt maslaidh agus oilbheim. cha tric a leigeas iad an t-anam as gun doimhneachdaibh. Eadhon ann am peacaidhibh móra, ‘nuair a tha Dia ‘gan smachdachadh tha e gu tric a’ toirt an tuilleadh aire do’n mhasladh na do’n pheacadh féin; mar ann an 2 Sam. xii. 14. Tha mòran luchd-aideachaidh nach ‘eil a’ toirt ach ro bheag aire d’ an saoghaltachd, d’an uabhar, d’an droch nàdur, no d’an teangaigh fada; ach tha an saoghal a’ toirt an aire dhoibh, ionnus gu bheil oilbheum air a thoirt do’n t-soisgeul: agus cha’n iongantach ged a bhlaiseadh an anaman féin aig a’ chrìch air an toraidhibh searbha o làimh an Tighearna.
Agus tha iomadh an-tromachadh eile peacaidh mar so, a tha ‘leasachadh nam brosnachadh sin nach ‘eil ‘nan nàdur féin cho uamharr ri cuid eile, air chor as gu bheil ciont annta a chuireas anaman anns na doimhneachdaibh. Fòghnadh iad sin a dh’ ainmicheadh ann an rathad eisimpleir; oir cha robh tuilleadh ‘nar n-aire aig an àm, agus uime sin cha leudaich sinn air gach aon fa leth dhiubh.
Air dhuinn cuid a nithe a thoirt fainear a tha ‘leasachadh ciont nam peacaidhean so leis am bheil anaman mar is tric air an cur anns a’ chor a dh’ ainmicheadh, ni sinn an ceann so a dhùnadh suas:—
1. Tha an t-anam air ‘uidheamachadh le gnè nuadh nan gràs, a tha a ghnàth ag oibreachadh chum a bhi ‘ga ghleidheadh o’n samhul so de pheacaidhibh.
Tha an cruthachadh nuadh beothail agus gniomhach air son a shoirbheachaidh agus a thèaruintheachd féin, a réir nàduir coim-cheangail nan gràs: Gal. v. 17, tha e “miannachadh an aghaidh na feòla.” Cha-n urrainn an t-anam, ma seadh, tuiteam anns na peacaidhibh ribeachail so, gun a bhi gu ro mhòr a’ dearmad gnè nuaidh sin nan gràs a shuidhicheadh ann. Tha miannachadh, agus glaothaich a’ chruthachaidh nuaidh gu léir air a dhearmad. A nis, cha-n urrainn na peacaidhean a dh’ ainmicheadh a bhi air an cur an gniomh gun a bhi ’ga lotadh, agus gun a bhi ’mùchadh a chleachdaidhean a tha ’g iarraidh slàinte an anama.
2. A mheud ’s nach ’eil an cruthachadh nuadh so comasach dheth féin air an t-anam a ghleidheadh o na peacaidhean sin a dheanadh a thilgeadh anns na doimhneachdaibh, tha làn ulluchadh air a dheanamh ann an Iosa Crìosd chum a bhi ’leasachadh a ghnàth gach uireasbhuidh a bhitheas air.
Tha ionmhasan saorsa ann an Crìosd a dh’-ionnsuidh am feud an t-anam teicheadh aig àm sam bith, agus cuideachadh ’fhaotainn ’an aghaidh ionnsuidh ean a’ pheacaidh. Chum na crìche so tha an t-abstol ’gar n-earalachadh: Eabh. iv. 16, “Thigeamaid le dànachd gu righchaithir nan gràs, chum gu faigh sinn tròcair, agus gu’n amais sinn air ghàs chum cabhair ann an àm feuma.” Ma tha àm feuma gu bràth aig an anam, tha e aige ’nuair a tha peacaidhean brosnachail a’ toirt ionnsuidh air. Aig a’ shamhuil so a dh’ àm, tha cuideachadh freagarrach, tràthail r’ a fhaotainn ann an Crìosd chum fuasglaidh agus saorsa. Tha an cruthachadh nuadh a’ guidhe, le h-iomadh acain agus osnadh, gu’n deanadh an t-anam aghaidh a chur air. A nis, is brosnachadh ro mhòr da rireadh e a bhi ’ga dhearmad maille ris gach ulluchadh gràis a tha aige, am feadh a ta e ’na sheasamh aig ar dorus agus a’ gairm thugainn, “Fosgail dhomh, oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braonaibh na h-oidhche;” agus mar an ceudna a bhi ’deanamh tàir air osnaich a’ phriosanaich bhochda, an cruthachadh nuadh, a dh’ òrduicheach leis a’ pheacadh chum bàis. Agus cionnus a shaoleas sinn a tha a’ chùis a’ buntuinn ri cridhe Chrìosd, ’nuair a chi e a chlann féin a’ strìochdadh do pheacaidhibh a bhitheas a’ fàsachadh na coguis, gun aghaidh a chur air airson cuideachaidh agus sìth? Cha-n iad peacaidhean nan anmhuinneachd lathail a th’ ann an so, nach gabh seachnad; oir tha tomhas mòr òg beag de chiont annta o bhi ’dearmad a’ chuideachaidh a dh’ ulluicheadh dhoibh ann an Crìosd. Tha meadhonan ar gleidhidh uatha annta féin beannaichte, agus dlùth do làimh; tha e’na chùram ro mhòr do Chrìosd gu’m bitheamaid air ar gleidheadh, agus tha e ’na chùram do-labhairt d’ ar n-anamaibh féin. Uime sin, ma tha sinn a’ dearmad nam meadhonan so, tha an ciont air a dheanamh da rireadh ro chiontach.