Dleasdanas agus cleachdaidhean a’ chreidich ann an àmhgharaibh o mhothachadh peacaidh — Aghaidh a chur air Dia, agus air Dia a mhain — Dian-thogradh agus dùrachd ‘inntinn ann an deanamh sin.
II. Tha briathran nan rann so a’ cur an céill mar an ceudna mar a tha a’ t-anam ‘ga ghiùlan féin anns a’ chor a bha sinn a’ toirt fainear; is e s;in, ciod air am bheil e ‘cur aghaidh air son fuasglaidh. “Ghlaodh mi riutsa, a Thighearna. A Thighearna, éisd ri m’ ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’ athchuingean.”
Anns na briathraibh tha asluchadh coitchionn air a dheanamh ‘an airc cuideachaidh; anns am bheil r’a thoirt fainear, anns a’ cheud àit, an tì a tha air ‘asluchadh; agus is e sin Iehobhah: “Ghlaodh mi riutsa, Iehobhah.” Rinn Dia an t-ainm so aithnichte d’a shluagh chum an creidimh a dhaingneachadh ann an seasmhachd a gheallaidhean, Ecsod. iii. Esan is e tobar nan uile bhith e féin, bheir e gu cinnteach bith agus comhllionadh d’a gheallaidhibh. Air do’n anam so, ma seadh, gnothuch a bhi aige ri Dia timchioll gheallaidhean a ghràis, tha e’ga asluchadh fo’n ainm so: “Tha mo ghlaodh riutsa, Iehobhah.”
Anns an asluchadh féin feudar a thoirt fainear, — Anns a’ cheud àit, Am dòigh-labhairt a tha e ‘gnàthachadh. Tha e ‘guidhe, “Thugadh do chluasan an aire;” mar is gnàth le daoinebh a tha gu dùrachdach a’ toirt fainear ciod a tha air a labhairt riu, ‘nuair a thionndaidheas iad a thaobh o ni sam bith anns nach ‘eil suim aca. Anns an dara àit, Dùrachd an anama anns a’ ghnothuch a tha r’a aghaidh; a tha ro shoilleir a bhi ‘dùblachadh an asluchaidh, “A Thighearna, eisd ri m’ ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’ athchuingean;” agus mar an ceudna o na briathraibh ro bhrìghmhor a tha e ‘gnàthachadh: “Thugadh do chluasan,” a deir e, “aire dhìchiollach.” Tha am focal a’ ciallachadh dian-dhìchioll agus geur-aire: “Thugadh do chluasan aire ro dhìchiollach.” Agus cò dha? — “Do ghuth m’ athchuingean.” “A Thighearna,” deir e, “thugadh do chluasan an air do m’ athchuingean ‘an airc gràis agus tròcair,” mar a tha am focal a’ ciallachadh, “leis am bheil mi nis ann am theanntachd ro mhòr a’ cur m’ aghaidh ort.” Agus anns an briathraibh so tha an salmadair a’ taisbeanadh ann an rathad coitchionn cleachdaidh agus oibreachaidh an anama ghràsmhoir air a thilgeadh anns na doimhneachdaibh agus ann an dorchas do bhrigh peacaidh.
Bithidh stéidh na dh’ fheudar a lahhairt fathast o na briathraibh so air a leagadh anns an dà ràdh so a leanas:—
Anns a’ cheud àit, Gu gheil an t-aon slighe saorsa a dh’ fhàgadh do’n anam a tha air a ribeadh anns a’ pheacadh a’ coimh-sheasamh ann an aghaidh a chur air Dia a mhain: “Ghlaodh mi riutsa, Iehobhah; a Thighearna, éisd.”
Anns an dara àit, Gu’n dean na doimhneachdan anns am feud an t-anam gràsmhor tuiteam do bhrìgh peacaidh a chuir a dh’ asluchadh Dhé le dian-dhùrachd cridhe: “A Thighearna, éisd; a Thighearna, thoir aire.”
Cha-n e gnàth dhaoinn a bhitheas ann an cunnart a’ bhàis a bhi gu mairnealach ri glaodhaich air son cuideachaidh.
A thaobh na dh’ fheudar a mheas feumail ann an rathad coitchionn air son seòlaidh an anama sin a th’ anns a chor a dh’ ainmicheadh, labhraidh sinn uime gu h-aithghearr fo’n dà cheann so:—
1. Far am bheil trioblaid, agus cunnart, agus an-shocair, cha-n e mhain a’ bagradh nithe olc, ach a’ fàgail mothachaidh dhiubh féin anns an iuntinn agus anns an anam, cuiridh iad dhiubh féin an dream sin anns am bheil iad a dh’ iarraidh fuasglaidh.
Bu mhiann leis na h-uile ni gu nàdurra bhi aig fois. Ma tha duine ann an cunnart bàthaidh, cha-n ‘eil aobhar a dhol a dh’ earalachadh air an oidhirp a thoirt air a féin a theasainginn; agus cuiridh trioblaidean spioradail air a’ mhodh cheudna daoine air obair chum iad féin ‘fhuasgladh. D’an taobhsan nach gnàthaich meadhonan saorsa sam bith, tha iad aon chuid gn ro thruagh air an cruadhachadh, no fo bhuaidh an eu-dòchais, mar a bha Cain agus Iudas. Feudar a smuaineachadh, ma seadh, gur e priomh ghnothuch gach uile anama th’ anns na doimhneachdaibh a bhi ‘g oidhirpeachadh fuasglaidh fhaotainn. Cha-n urrainn iad fois a ghabhail anns a’ chor sin anns nach ‘eil fois aca. Tha am meadhon air am bheil an t-anam gràsmhor a’ cur aghaidh anns an oidhirpeachadh so air a thaisbeanadh dhuinn anns a’ cheud ràdh a chuireadh sios. Cha-n ‘eil e ‘cur aghaidh air ni sam bith ach air Dia, Faic Hosea xiv. 3.
(To be continued)