Tha iomadh slochd eu-dionach air am bheil peacaich ullamh air aghaidh a chur air son saorsa ‘nan àmhgharaibh; a tha dhoibh mar uisgeachaibh a dh’ fhàilnichneas. Tha iad so de dhà sheòrsa, — féin, agus nithe eile. A thaobh na féine, tha i air seilbh a ghabhail de’n chinne-dhaoine gu léir, agus tha i ‘riaghladh os an ceann-san uile a tha fo’n lagh; is e sin, chum a bhi ‘g iarraidh fuasglaidh o imcheistibh peacaidh le oidhirpean na féin-fhìreantachd. Uaith so tha mòran a dh’ anama bochda nach seall gu brath ‘nan teann-tachdaibh ni’ s àirde na iad fìn. Tha sùil aca ri leigheas o’n làimh cheudna a rinn an lotadh. B’e so gnàth nan Iudhach, mar a tha an t-abstol a’cur an céill, Rom. x. 3. Agus tha na h-uile dhaoine fo’n lagh air an cur thuige leis an ni ceudna. Tha iad a’ pilleadh, ach cha-n ann ris an Tighearn. Air dhoibh iad féin fhaotainn ann an doimh-neachdaibh timchioll a’ pheacaidh, ciod air am bheil iad a’ cur aghaidh? Ni iad an dleasdanas so a nis a choimhlionadh; ni iad an t-olc ud a sheachnadach; gabhaidh iad an dòigh so timchioll nam peacaidhean beaga, agus an dòigh ud eile timchioll nam peacaidhean mòra; ni iad ath-leasachadh far an d’ thug iad an t-oilbheum o’m bheil an an-shocair a’ sruthadh, agus uaith so bithidh sùil aca ri slèite, mar gu’m bitheadh Dia agus iad féin air na cumhachaibh ceudna. Air a’ mhodh so tha cuid a’ cur seachad an làithean uile a’ peacachadh agus ag ath-leasachadh, ag ath-leasachadh agus a’ peacachadh, gun a thighinn gu brath gu aithreachas agus slèite. Is e gnòthuch nan creideach a bhi ‘deanamh faire an aghaidh so. Tha iad ag amharc orra féin mar dhìlleachd-anaibh: “Annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair;” is e sin, mar mhuinntrir gun chuideachadh, — gun bhunait dòchais sam bith annta féin no uatha féin. Tha fios aca nach dean an cuid aithreachais, agus ath-leasachaidh, saorsa ‘thoirt dhoibh. Feumaidh iad a bhi ri aithreachas, agus ath-leasachadh, ach aig a’ cheart àm tha iad a’ toirt fainear nach ruig am maithreas air-san ris am bheil an gnothuch, agus nach buannachd dha-san an cuid ffreantachd.
Tha dòighean eile ann mar an ceudna trid am bheil anaman peacach ‘gan sgrios féin le saorsa mheallta. Ni nithe sam bith an toileachadh leis an toirear an smuaintean a thaobh o’n imcheistibh. Ni iad gréim air ni air chor-éigin nach urrainn an eucaill a leigheas, ach a bheir dhoibh a mhain a dhì-chuimhneachadh gu bheil iad tinn. Na meadhonan ceudna ghnàthaich Saul; an toiseach ceòl, ‘na dhéigh sin leannan-slth. Cha-n ‘eil ni sam bith a’s gnàthaiche le daoinibh na bhi ‘buntuinn air a’ mhodh so r’an coguisibh a tha fo chiont. Tha iad a’ faicinn an tinneis, agus a’ mothachadh an creuchda, agus an sin a’ dol chum an Asirianaich, Hosea v. 13. Agus tha so ceum air cheum ‘gan treòrachadh a dh’ ionnsuidh bhi ‘g àicheadh Dhé féin. ‘N uair a tha leigheasan claona a’ chreutair féin air an comh-chur gu tric ri coguis chlòntaich, is meadhon ro chomh-araichte e air a bhi ‘daingneachadh an anama fa dheòidh anns a’ chruas. Theagamh gu bheil cuid a mhisgearan nach bitheadh gu bràth mar sin, mur bitheadh an coguisean roimh sin fo bhuaireas timchioll pheacaidhean eile. Tha iad a’ strì ciont aoin pheacaidh a mhùchadh le peacadh eile. Théid aid air theicheadh uatha féin d’ an ionnsuidh féin; o’n coguisibh a dh’ ionnsuidh an ana-mianna, ag iarraidh saorsa o’n pheacadh le tuilleadh peacaidh a chur an gniomh. Is co fad a tha so o chreidich, as nach fhuiling iad do nithibh ceadaichte féin a bhi ‘mùchadh an àmhgharan. Feudaidh iad nithe ceadaichte a ghnàthachadh, agus ni iad sin, gidheadh cha-n ann chum a bhi ‘claonadh an smuaintean a thaobh o’n trioblaidibh. Tha fios aca gur nithe iad so a dh’ fheumar a cheartachadh eadar Dia agus iad féin. Cha chaith iad air falbh, feumar an giùlan air falbh. Tha an t-anam gràsmhor, tha sinn ag ràdh, a’ toirt fainear a bhi ‘seachnadadh nan creagan so, agus an samhuil eile a tha gun àireamh. Tha fios aige gur e Dia a mhain a’s Tighearn air a choguis, far am bheil a dhoimhneachdan a’ luidh; an Dia sin a mhain an aghaidh an do pheacaich e; an Dia sin a mhain a’s urrainn a pheacadh a maltheadh. Cha-n fhuiling e, ma seadh, a bhi air a thàladh no air a chlaonadh air falbh o ghnothuch a dheanamh ris. “Thugad-sa, O Thighearna, tha mi teachd,” tha e ‘g ràdh; “is e d’ fhocal-sa mu’m thimchioll d’ an éigin seasamh; ort-san a mhain feithidh mi. Mur ‘eil do thlachd d’ am thaobh, bàsaichidh mi. Tha fios agam gur breug gach loc-shlainte eile. Cha-n e mo rùn mo neart a chaitheadh air ni nacharan. Thugad-sa, O Thighearna, tha mo ghlaodh.” Is ann an so a dh’ fheumas an t-anam a tha fo iomguin peacaidh e féin a shocrachadh. Tha trioblaid ‘ga chur thuige a dh’ iarraidh fuasglaidh. Tha iomadh ni an leth a muigh a’ taigseadh a smuaintean a thoir a thaobh o’n imcheist; agus iomadh ni anns an leth a stigh a’ taigseadh an leigheas. “Leig do dhubhachas air dhi-chuimhne,” deir an dara aon; “Gabh an leigheas a th’ againn dhuit,” deir an t-aon eile. Tha an t-anam ‘gan cur air cùl maraon, mar léighibh nach fù, agus a’ cur aghaidh air Dia a mhain. Is e Dia a leòn, agus is esan ‘na aonar a’s urrainn leigheas. Agus gus an tig anam sam bith a tha mothachadh cionta peacaidh gu bhi ‘dealachadh ris gach meadhon saorsa eile chum gnothuch a dheanamh ri Dia a mhain, is dlomhain dha sùil a bhi aige ri saorsa ‘fhaotainn.