- Anns a’ ghnothuch so tha’n t-anam dùrachdach, dìchiollach, dìan; an dara ni a bha r’a thoirt fainear. Cha-n e so an t-àm a bhi ri màirneal. Tha cuid an anama gu léir an cunnart. Cha dean asluchadh fuar, codalach, air Dia an gnothuch a nis. Mur ‘eil tuilleadh deanta a nis na mar is gnàthach cha-n ‘eil ni sam bith deanta. Tha cuid ‘na shamhuil so de chor a tha a’ meas ma dh’ fhanas iad ‘an ceann nan dleasdanas gnàthach, gu falbh an trioblaidean dhiubh féin; agus ged a tha iad aig an àm a’ mothachadh an cunnairt, gidheadh gu’m bi slìthe aca aig a’ chrìch: smuaintean anns am bheil mòran tarcuis deanta air Dia. Tha cuid eile a’ seargadh as fo dhiobhail misnich ‘nan teanntachdaibh. Ach tha an dà sheòrsa daoine so fo bhuaidh na leisge spioradail. Faiceamaid an cor so a tha r’ ar n-aghaidd air a thaisbeanadh ann an neach eile. Tha eisimpleir againn anns a’ chéile, Dàn Shol. iii. 1-3. Chaill i làthaireachd Chriosd, ionnus gu’n robh i anns an dearbh chor a chuireadh an céill roimhe, rann 1. Bha an oidhche aice,—àm dorchadais agus dubhachais; agus tha i ag iarraidh an déigh fir a gràidh: “Air mo leabaiddh anns an oidhche dh’ iarr mi an ti d’ am bheil gràdh aig m’ anam.” Bha Chriosd as a sealladh, agus rinn sin a fàgail anns na doimhneachdaibh; uime sin tha i ‘ga iarraidh. Ach, mar is gnàth leis a’ mhòr chuid a dheanamh anns a’ chor cheudna, cha-n ‘eil i idir a’ leasachadh a dlichill no a’ meudachadh a saothrach os ceann nan dleasdanas gnàthach anns an robh i air a cleachdadh aig àmaibh eile. Ach ciod a thachair? A deir i, “Cha d’ fhuair mi e.” Cha-n e so idir an dòigh air a bhi ‘faotainn air ais a’ mhothachaidh sin d’ a ghràdh a chaill i, no ‘bhi ‘ga faotainn féin air a saoradh o imcheist. Uime sin, tha i a nis a’ cur aghaidh air slìgh eile; tha i tòiseachadh ri smuaineachadh ma dh’ fhanas cùisean d’ a taobh mar a tha iad gu’n téid as dhi, “Tha mi, gun amharus, a’ coimhlionadh dhleasdanas fathast; ach cha-n ‘eil agam làthaireachd fir mo ghràidh.” Ciod, ma ta, a deir i, “Eiridh mi a nis,” rann 2;—”Crathaidh mi dhiom gach socair a tha leantuinn rium.” Is iad rùintean, ma seadh, timchioll gnothuich dhùrachdaich, neo-ghnàthaich a dheanamh gun tàmh ri Dia, ceud cheum an anama sin a tha fo imcheist peacaidh chum a bhi ‘faotainn leigheis. “Eiridh mi a nis.” Agus ciod a tha i ‘deanamh air dhi rùnachadh mar so? “Théid mi mu’n cuairt anns a’ chaithir,” tha i ‘g ràdh, “anns na sràidibh, agus anns na slighibh farsuinn iarraidh mi esan d’ am bheil gràdh aig m’ anam. Cia b’e air bith slighe, no meadhon anns an robh Chriosd riath air a mhealtuinn, no sìth riath air a faotain, annta sin iarraidh mi e, agus cha ghabh mi tàmh gus am faigh mi e.”
Agus ann an so tha suidheachadh agus rùn cridhe a dh’ ionnsuidh am feum gach aon anam teachd a tha anns na doimhneachdaibh, ma tha sùil sam bith aige ri saorsa. A thaobh dhaoinn gu coitchionn, tha “an creuchdan lobhta, breun, air son an amaidheachd,” mar a ta an salmadair a’ gearain, Salm xxxviii. 5. Tha iad air an lotadh leis a’ pheacadh, agus air do’n leisg spioradail buadhachadh orra, tha iad a’ dearmad an leigheis; tha so ‘gan gleidheadh fo bhuaireas là an déigh latha: gideadh cuiridh iad suas leis an iomlan, a roghainn air an socair fheòlmhor fhàgail, agus gnothuch éifeachdach, neo-ghnàthach a dheanamh ri Dia. Bha a’ chùis air sheòl eile maille ri Daibhidh: Salm xxxii. 3. Bha e ri “bùireadh fad an là,” agus “ré na h-oidhche uile a’ cur a leabaidh air snàmh,” Salm vi. 6. Ciod a tha ‘cur air, gu bheil e mar so ri glaodhaich, agus osnaich, agus bùireadh air feadh an latha gu léir, agus ré na h-oidhche uile? Ah! na cuiribh dragh air, tha e ann an searbhadas anama; tha e anns na doimhneachdaibh; tha an Tighearn air a ghnùis ‘fholach uaithe; tha trioblaid dlùth do làimh; seadh, tha e làn imcheist do bhrigh peacaidh; cha-n ‘eil sàmhchair idir aige, no fallaineachd idir ann; uime sin tha ‘ghearain mar so ‘ga dòrtadh, gun fhois, gun tàmh, an airc fuasglaidh. Mo thruaighe! cia cho aineolach as a tha daoine an diugh mar is tric air an t-suidheachadh cridhe so! Cia cho beag as a tha r’a fhaotainn de chleachdadh an spioraid so annta! Agus nach e so a’s aobhar dha, gu bheil tuilleadh meas againn air an t-saoghal, agus ni’s lugh do mheas air nèamh agus air nithibh néamhaidh, na bha aige-san? —gu bheil e ni’s usadh dhuinn a bhi beò gu’n mhothachadh de ghràdh Dhé ann an Criosd na bha e dha-san? Agus nach e so an t-aobhar gu bheil sinn a’ faicinn gach là cho liuthad firaideachaidh sheargta, a tha ann an seadh air gach uile chomh-chomunn ri Dia a chall, saor o bheagan aideachaidh teanga; ionnus gu bheil breunachd an creuchdan lobhta na h-oilbheum do gach uile dhuine ach dhoibh féin? Is amhuil sin a ghabhas iad rompa, ullamh gu bàsachadh, a roghainn air iad féin a bhrosnachadh suas mar a rinn an duine naomh so ann an cur aghaidh air an Tighearn. Bha Heman mar an ceudna cosmuil ris, Salm lxxviii. 11, 12. Tha a féin a’ cur an céill mar a bha e ‘mothachadh nan doimhneachdan anns an robh e, rann 3: “Tha m’ anam,” deir e, “làn truaighe, agus tha mo bheatha dlùth do’n uaigh. Agus ciod e an dòigh a tha e ‘gabhail anns a’ chor àmhgharach, mhuladach, dhubhach anns am bheil e? C’uime, deir e, “A Thighearn’, a Dhé mo shàinte, a là agus a dh’ oidhche ghlaodh mi a’ d’ fhanuis: thigeadh m’ ùrnuigh a’ d’ l’àthair: aom do chluas ri m’ ghlaodh,” rainn 1, 2,. A là agus a dh’ oidhche tha a ghlaodh ri Dia a shlàinte, agus sin gu ro dhùrachdach, liosda. B’e so a phrìomh ghnothuch, b’e so anns an robh e air a chleachdadh ré a làithean uile.
Is e so, ma seadh, a tha air ar n-aire:— ‘Nuair a tha anam gràsmhor air a thoirt a dh’ ionnsuidh nan doimhneachdan a chuireadh an céill a cheana, do bhrigh peacaidh, agus an uair a tha an Tigearn a’ rùnachadh a threòrachadh a dh’ ionnsuidh saorsa, tha e ‘ga chur thuige, air chor as gu bheil e dùrachdach, liosda, gun fhois, anns gach uile dhleasdanas anns am feud e aghaidh a chur air chum fuasglaidd fhaotainn. A nis, air dhuinn beagan de nithibh a thoirt fainear a tha cur thuige an anama anns an dùrachd cridhe so ann a bhi ‘g asluchadh Dhé, cuiridh sinn ‘an sin an céill gu h-aithghearr ciod anns am bheil an dùrachd féin air mhodh àraidh a’ colmh-sheasamh:—
(1.) Tha ro mheud chùraman dhaoiné nan nithe a dh’ fheudas da rireadh an cur thuige ann an cleachdadh an dùrachd so. Cha-n e gnàth dhaoiné a bhi buntuinn ris na gnothuichibh a’s cudthromaich a th’ aca, le spioradaibh mairnealach, leisg. Tha Daibhidh ag innseadh dhuinn gu’n robh ni’s mò de chùram air timchioll “soluis gnùis Dhe,” na bha air daoine an t-saoghail timchioll an “arbhair agus am fion,” Salm iv. 6, 7. Bha e ‘na chomharadh air mi-chùram neo-mheasarra air taobh Ionah, gu’n robh e trom ‘na chodal anns an luing a bha ullamh air dol gu dith air a sgàth. Agus am bheil mi-chùram an anama sin idir ni’s lugha, a tha ann an stoirm feirge agus dlomaidh o Dhia, a chuireadh a mach do’n doimhne ‘na dhéigh, ma ‘s e’s gu’n dean e a dhearmad, agus gu’n coidil e, mar a tha Solamh ag ràdh, “air bàrr croinn-siùil ann am meadhon na fairge?” Cionnus is urrainn iad gun ghlaodh Iob a thogail, “Och, nach robh mi mar anns na mìlosaibh a chaidh tharum, mar anns na làithibh air an do choimhid Dia mi! ‘nuair a thug e air a lochran dealrachadh air mo cheann, agus a bha rùn-diomhair Dhé air mo phàilliun?” caib. xxix. 2-4; no maille ri Daibhidh, “Afsig dhomh gairdeachas do shlàinte,” Salm li. 12, oir “leagadh sios m’ anam an taobh a stigh dhiom: uime sin cuimhnichidh mi ortsa, O mo Dhia, o thir Iordain,” Salm xlii. 6. Cha-n urrainn iad a bhi beò as ‘eugmhais. Ach ged a theireamaid gu’m b’ urrainn iad seòrsa de ghluasad bochd a dheanamh am feadh a tha cùisean sàmhach, réidh m’ an timchioll, ciod a ni iad ‘nuair a tha deuchainnean agus àmhgharan an leth a muigh air iadhadh umpa, ‘nuair a tha doimhne a’ gairm air dhoimhne, agus aon trioblaid a’ leasachadh agus a’ geurachadh trioblaid eile? Tha fios aca nach dean ni sam bith an cumail suas an sin ach sin a tha nis a dhìth orra; mar ann an Hab. iii. 17, 18; Salm xxiii. 4: air chor as gu bheil cudthrom a’ ghnothuich a tha r’an aghaidh ‘gan cur thuige chum an dùrachd a dh’ ainmicheadh.